Facal ùr dhomh: leudachair, a tha a’ ciallachadh amplifier anns a’ Ghàidhlig. Anns na còmhlanan ròc Gàidhlig agam, chleachdamaid amp bhon a’ Bheurla nar còmhradh. Cha robh mi idir an dùil gum biodh seann fhacal Gàidhlig air an inneal a chionn ’s gu bheil amplification de dh’fhuaim cho ùr mar theicneòlas, ach dìreach mar mhearachd, thachair mi ri leudachair ann an Dwelly latha eile, duilleag 586 anns an t-seann chlò-bhualadh. A rèir an nòta ann an Dwelly, chaidh am facal a chruinneachadh ann am Faclair Armstrong an toiseach, faclair a thàinig a-mach an clò ann an 1825. Chan eil fhios ’m dè bha iad a’ leudachadh le leudachair aig an àm sin, ach tha e sgoinneil gu bheil seann fhacal Gàidhlig againn air amplifier mar thoradh. Ann an dòigh, dhèanadh àrdachair barrachd ciall, mar leudachadh fuaim gu sònraichte, ach tha àrdachair ga chleachdadh mar thà, a’ ciallachadh elevator anns a’ Ghàidhlig. Ged nach eil e buileach cho cuimseach, the leudachair a’ dèanamh ciall gu leòr agus saoilidh mi gun cleachd mi e, m.e.: tha an leudachair seo a’ dol suas gu h-aon deug.
Dealbh via Wikimedia Commons.