Bogadh ACDD aig Aye Write! ann an Glaschu

drilseachChaidh ACDD a chur air bhog gu h-oifigeil aig oidhche sgoinneil aig an fhèis-leabhair, Aye Write!, ann an Glaschu.  Bha Aonghas Dubh MacNeacail anns a’ chathair, a’ cumail chùisean a’ dol le beachdan smaoineachail air an nobhail agus fealla-dhà cuideachd.  Nochd mu 25 daoine (fada a bharrachd na bha mi an dùil ris) agus bha deagh chòmhradh againn le mòran cheistean inntinneach aig an deireadh.  Ceud taing do Chomhairle nan Leabhraichean agus do mhuinntir Aye Write! airson tachartas air leth eagrachadh agus tha mi cho toilichte gu bheil leth-bhreac ACDD nam làmhan sanntach salach mu dheireadh thall!  Tha i dìreach àlainn.  Rinn CLÀR agus John Storey còir obair gun seise oirre.  ’S e gaisgich a th’ annta.  Tha mi cho bhuidheach dhaibh agus air mo dhòigh glan.

Dealbh le Maria NicAonghais.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Ròcadh air a’ bhàta ann an Dùn Èideann

[NAIDHEACHD ÙR -Talla Ùr Oidhche Shathairne]

Bogadh UraichteChaidh a dhearbhadh an-diugh gu bheil ‘talla’ ùr againn dhan cuirm-bhogaidh Oidhche-shathairne, an 27mh ann an Dùn Èideann: am bàta The Cruz ann an Lìte.  Bidh againn ri beagan airgead a chosg air màl a’ bhàta, agus mar sin, bidh prìs air an doras a-nis, còig not, ach ’s fhiach e gu cinnteach!  Tha e a’ dol a bhith às a rian…

The Cruz[CUIDEACHD] Chualas fàthan gum bi Roddy bho Atomgevitter/Na Gathan/An t-Uabhas/xSAXONx a’ cluich siont còmhla ri Oi Polloi air an latha.  Dòchas gu bheil sin fìor!

[CUIDEACHD] Tha Taigh na Croiche air post a chur suas mun tachartas.

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd

Ableton agus ceòl eleactrònach beò

Tha seo sgoinneil.  Seo edIT bhon Glitch Mob a’ teagasg dòigh a b’ urrainn dhut drumadh beò le Ableton Live.  Aig 5:30 chithear edIT a’ cruthachadh loidhne-druim shìmplidh spòrsail luath agus aig 7:20 chithear edIT a’ cruthachadh òrain ùir beò le Ableton.  Tha e a’ coimhead cho furasta … agus do-chreidinn math.  Cò tha ag iarraidh còmhlan hip-hop Gàidhlig a chur air dòigh? Le buailean mar seo agus sruthadh craicte às a’ mhaidhc, b’ e rionnagan a bhiodh agad gu cinnteach.

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

Memrise do ACDD

memrise2

Chuir mi cùrsa Memrise air dòigh airson ACDD, an dòchas gum bi e feumail don chuid a tha ùr gu leughadh anns a’ Ghàidhlig.  Bha mi a’ smaoineachadh, bu dòcha, gun dèanadh daoine an cùrsa mus tòisicheadh iad air an leabhar, agus mar sin, bhiodh am briathrachas aca mar thà agus bhiodh an leughadh na bu thlachdmhor mar thoradh.  Cha bhiodh aca ri smaoineachadh mu dheidhinn: bhiodh e na bu nàdarra agus na bu choltaich ri leughadh anns a’ Bheurla mar sin.  Sin an dòchas agam co-dhiù.

Bidh mi fhìn a’ cleachadh Memrise gus an Spàinnis agam a leudachadh agus tha e ag obair sgoinneil math dhomh.  ’S e geamachadh no gamification de dh’ionnsachadh a th’ ann, agus tha eileamaid de fharpais agus de lìonraidh sòisealta ann cuideachd, ach cha leig sibh leas pàirt a ghabhail anns an taobh sin, ach ma thogas sibh.  Mholainn gu mòr e.  Bhiodh ùidh agam ann am beachdan ma dheidhinn.

Memrise

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 5 beachd(an)

Dùn Èideann: postar ùr

[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.

OiPolloiMor

Rinn Ricky bho Oi Polloi am postar àlainn seo.  Dìreach sgoinneil!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 3 beachd(an)

An inntinn domhanta lìonrach

original

Seo gif a chaidh a chruthachadh le botnet ana-mhòr mì-laghail a thaisbeineas dàta mu chleachdadh an eadar-lìn rè aon latha.  Mar sin, tha an gif seo na dhealbh dhen eadar-lìon ann an seagh.  Seo an inntinn domhanta lìonrach — nach eil i àlainn?

Via Gawker.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Elvis Shakespeare tron latha, 27/4

elvis_shakespeare“For their appearance at Elvis Shakespeare Oi Polloi will be joined by their long-time friend and collaborator American punk singer/song writer Dr Tim Armstrong, ex-guitarist/vocalist with infamous Gaelic punk bands Mill a h-Uile Rud and Na Gathan. He’ll be promoting his new spacepunk novel “Air Cuan Dubh Drilseach” and playing some songs related to the book.” – Elvis Shakespeare

Air an aon latha a nochdas sinn aig a’ Choille ann an Dùn Èideann, bidh sinn cuideachd a’ nochdadh aig a’ bhùth-leabhair, Elvis Shakespeare, ann an Lìte.   Cuirm punc ann am bùth-leabhair – tha e a’ dol a bhith craicte gun teagamh!

Naidheachd a bharrachd:

The Skinny, ach cò th’ ann an Tim Williams!?!

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd

Leudachair

leudachair

Facal ùr dhomh: leudachair, a tha a’ ciallachadh amplifier anns a’ Ghàidhlig.  Anns na còmhlanan ròc Gàidhlig agam, chleachdamaid amp bhon a’ Bheurla nar còmhradh.  Cha robh mi idir an dùil gum biodh seann fhacal Gàidhlig air an inneal a chionn ’s gu bheil amplification de dh’fhuaim cho ùr mar theicneòlas, ach dìreach mar mhearachd, thachair mi ri leudachair ann an Dwelly latha eile, duilleag 586 anns an t-seann chlò-bhualadh.  A rèir an nòta ann an Dwelly, chaidh am facal a chruinneachadh ann am Faclair Armstrong an toiseach, faclair a thàinig a-mach an clò ann an 1825.  Chan eil fhios ’m dè bha iad a’ leudachadh le leudachair aig an àm sin, ach tha e sgoinneil gu bheil seann fhacal Gàidhlig againn air amplifier mar thoradh.  Ann an dòigh, dhèanadh àrdachair barrachd ciall, mar leudachadh fuaim gu sònraichte, ach tha àrdachair ga chleachdadh mar thà, a’ ciallachadh elevator anns a’ Ghàidhlig.  Ged nach eil e buileach cho cuimseach, the leudachair a’ dèanamh ciall gu leòr agus saoilidh mi gun cleachd mi e, m.e.: tha an leudachair seo a’ dol suas gu h-aon deug.

Dealbh via Wikimedia Commons.

Air a phostadh ann an ceòl, punc | Sgrìobh beachd

Dùn Èideann, an 27mh dhen Ghiblean

[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.

Poster DE 2

Thèid Air Cuan Dubh Drilseach a chur air bhog ann an stoidhle punc ann an Dùn Èideann aig Cafe na Coille air an 27mh dhen Ghiblean.  Bidh na sàr ròcairean, Oi Polloi, an làthair, cuide ri ceòladairean bho Chomann Ceilteach Dùn Èideann.  Thigibh ann tràth, oir tha an cafe beag.  Tha e a’ dol a bhith às a rian!

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 5 beachd(an)

Turas Dubh Drilseach 2013

[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.

OiPolloi

Tha e dearbhaichte a-nis gum bi dà bhogadh ann dhan nobhail an sreath a chèile, bogadh snasail oifigeil ann an Glaschu aig an fhèis-litreachais, Aye Write, air an 18mh dhen Ghiblean agus ‘bogadh’ mì-fhormeil punc anns a’ Choille ann an Dùn Èideann còmhla ri Oi Polloi  agus ri Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann air an 27mh dhen Ghiblean.  Bidh tòrr a’ tachairt anns a’ chola-deug sin ceangailte ris an nobhail agus postaidh mi barrachd naidheachd an seo nuair a thig i, neo bidh naidheachd a’ nochdadh air an duilleag seo aig CLÀR cuideachd. Ròc!!!

Dealbh via Tosgaid.

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd