Elvis Shakespeare tron latha, 27/4

elvis_shakespeare“For their appearance at Elvis Shakespeare Oi Polloi will be joined by their long-time friend and collaborator American punk singer/song writer Dr Tim Armstrong, ex-guitarist/vocalist with infamous Gaelic punk bands Mill a h-Uile Rud and Na Gathan. He’ll be promoting his new spacepunk novel “Air Cuan Dubh Drilseach” and playing some songs related to the book.” – Elvis Shakespeare

Air an aon latha a nochdas sinn aig a’ Choille ann an Dùn Èideann, bidh sinn cuideachd a’ nochdadh aig a’ bhùth-leabhair, Elvis Shakespeare, ann an Lìte.   Cuirm punc ann am bùth-leabhair – tha e a’ dol a bhith craicte gun teagamh!

Naidheachd a bharrachd:

The Skinny, ach cò th’ ann an Tim Williams!?!

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd

Leudachair

leudachair

Facal ùr dhomh: leudachair, a tha a’ ciallachadh amplifier anns a’ Ghàidhlig.  Anns na còmhlanan ròc Gàidhlig agam, chleachdamaid amp bhon a’ Bheurla nar còmhradh.  Cha robh mi idir an dùil gum biodh seann fhacal Gàidhlig air an inneal a chionn ’s gu bheil amplification de dh’fhuaim cho ùr mar theicneòlas, ach dìreach mar mhearachd, thachair mi ri leudachair ann an Dwelly latha eile, duilleag 586 anns an t-seann chlò-bhualadh.  A rèir an nòta ann an Dwelly, chaidh am facal a chruinneachadh ann am Faclair Armstrong an toiseach, faclair a thàinig a-mach an clò ann an 1825.  Chan eil fhios ’m dè bha iad a’ leudachadh le leudachair aig an àm sin, ach tha e sgoinneil gu bheil seann fhacal Gàidhlig againn air amplifier mar thoradh.  Ann an dòigh, dhèanadh àrdachair barrachd ciall, mar leudachadh fuaim gu sònraichte, ach tha àrdachair ga chleachdadh mar thà, a’ ciallachadh elevator anns a’ Ghàidhlig.  Ged nach eil e buileach cho cuimseach, the leudachair a’ dèanamh ciall gu leòr agus saoilidh mi gun cleachd mi e, m.e.: tha an leudachair seo a’ dol suas gu h-aon deug.

Dealbh via Wikimedia Commons.

Air a phostadh ann an ceòl, punc | Sgrìobh beachd

Dùn Èideann, an 27mh dhen Ghiblean

[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.

Poster DE 2

Thèid Air Cuan Dubh Drilseach a chur air bhog ann an stoidhle punc ann an Dùn Èideann aig Cafe na Coille air an 27mh dhen Ghiblean.  Bidh na sàr ròcairean, Oi Polloi, an làthair, cuide ri ceòladairean bho Chomann Ceilteach Dùn Èideann.  Thigibh ann tràth, oir tha an cafe beag.  Tha e a’ dol a bhith às a rian!

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 5 beachd(an)

Turas Dubh Drilseach 2013

[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.

OiPolloi

Tha e dearbhaichte a-nis gum bi bhogadh ann dhan nobhail an sreath a chèile, bogadh snasail oifigeil ann an Glaschu aig an fhèis-litreachais, Aye Write, air an 18mh dhen Ghiblean agus ‘bogadh’ mì-fhormeil punc anns a’ Choille ann an Dùn Èideann còmhla ri Oi Polloi  agus ri Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann air an 27mh dhen Ghiblean.  Bidh tòrr a’ tachairt anns a’ chola-deug sin ceangailte ris an nobhail agus postaidh mi barrachd naidheachd an seo nuair a thig i, neo bidh naidheachd a’ nochdadh air an duilleag seo aig CLÀR cuideachd. Ròc!!!

Dealbh via Tosgaid.

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd

A’ cur Air Cuan Dubh Drilseach air bhog!

aye-write-stripes-logo

Thèid Air Cuan Dubh Drilseach a chur air bhog gu h-oifigeil air Diardaoin, an 18mh latha dhen Ghiblean, 2013, aig an fhèis-litreachais, Aye Write, ann an Glaschu.  Thèid am bogadh a chumail ann an Leabharlann a’ Mhitchell, aig 6:30f, le Aonghas MacNeacail còir sa chathair.  Tha e saor-san-asgaidh.  Thigibh ann!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Clàran bhaidhneil gu sìorraidh!

DJ_DangerousNile

Tha an saoghal a chruthaich mi do ACDD glè sgapach a thaobh teicneòlas, e.g.: tha iomadh teicneòlas aig gach ìre ri lorg anns an t-saoghal taobh ri taobh.  Tha an suidheachadh seo cumanta gu leòr anns an latha a th’ ann, (’s ann tric anns an treas saoghal a chithear càraichean snasail ri taobh charbadan-eich air an aon rathad, mar eisipleir), agus chan eil rian ann nach bhiodh an aon suidheachadh ri lorg ann an sìobhaltas adhartach eadar-reultach, gu h-àraidh ma tha an eaconomaidh anns an t-saoghal sin gu sònraichte eu-chothromach.

Ach tha adhbharan eile ann a bhiodh iomadh teicneòlas ri lorg ann an comann.  ’S ann gu bitheanta as fheàrr le daoine teicneòlas nas sine, agus tha coiteantas chlàran bhaidhneil na dheagh eisipleir dheth.  Ann an alt anns a’ Huffington Post, mhìnich Iain McNay gu bheil clàran bhaidhneil a’ sìor fhàs nas coiteanta fhad ’s a tha an CD a’ dol à bith gu luath.  Is coltach gur toil le daoine faireachdainn agus fuaim bhaidhneil, cho math ris an ealain agus teacsa a thig na chois.  Agus ged a tha innealan DJ dideatach a’ sìor leasachadh agus a’ fàs na subailte, is fheàrr le mòran DJan obair le clàran bhaidhneil fhathast.  Tha clàran bhaidhneil a’ nochdadh ann an ACDD, agus tha earbsa agam, ri linn dhuinn siubhail dha na reultan, bidh DJan fhathast a’ sgrìobhadh agus a’ measgachadh le bhaidhneal.

Dealbh le DangerousNile (CC-BY-SA-3.0) via Wikimedia Commons.

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

Neardan òga abù!

Tha an tionnsgnadh-saidheans aig Lauren Rojas air buaidh a thoirt air a h-uile tionnsgnadh-saidheans a bh’ ann a-riamh roimhe.  Chuir i Hello Kitty dha na speuran: abair gaisgeach!  Aig 1:30, chithear Bagh San Fran Siosgo gu soilleir, bho Ghleann Sileacoin gu SF fhèin.  Dìreach sgoinneil.

Via laughingsquid.com, io9.com, boingboing.net.

Air a phostadh ann an fànas, SF | Sgrìobh beachd

Bàs na grèine

Thug am film goirid seo taise dha mo shùilean.  ’S ann mu bhàs na grèine a tha e, bho shealladh an robot-rannsachaidh againn, Voyager, billeanan de bhliadhnaichean anns an àm ri teachd.  Tha ar grian air a dhol na famhair dearg agus an Talamh na èibhleag bheag dhubh ann an cuairt oirre.  An uair sin, chì sinn a’ ghrian a’ dol os-nuadh, a’ sgrios na Talmhainn agus a’ spreidheadh a-mach eileamaidean troma dha na speuran – carbon, ogsaidean, iarann – na eileamaidean a tha a dhìth airson beatha ùir.

Mas urrainn, coimheadaibh làn-sgàilein HD e.  Tha e goirid ach bòidheach.

Via io9.com.

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Tochladh an rian-ghrèine

Nach eil an sanasachd gu h-àrd garbh coltach, ann an guth agus ann an teachdaireachd, ris an t-sanasachd a chuinnear air Blade Runner: “A new life awaits you in the off-world colonies — the chance to begin again in a golden land of opportunity and adventure!”  Tha e fior a rèir coltais: thathar a’ dol a thòiseachadh air tochladh ann am fànas cho tràth ri 2014.  ’S e Deep Space Industries an t-ainm fuar feagalach air ar maighstirean corporrach ùra.  Calpachas anns na speuran — cha dèan mi gàireachas ris, ach mar a tha an saoghal nua-librealach againn shìos an seo air an Talamh an-dràsta, bha an latha seo do-sheachanta.

Via The Guardian.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Am MPC agus ceòl eleactrònach beò

Roimhe, chuir mi a’ cheist, ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh tharraingeach ùr, agus thug mi iomradh air an inneal, am MPC.  An dèidh an SL-1200, is cinnteach gur e an MPC an t-inneal-ciùil as cudromaich ann an leasachadh ceòl hip-hop agus teicneo, tha e ga chleachdadh le caractaran ann an ACDD, agus gu h-àrd chithear agallamh mu dheidhinn leis an t-seann mhaighstir, Pete Rock.

Agus seo gu h-ìosail, chithear Hifana, dithis à Seapan, a’ dèanamh ceòl craicte (agus dannsa beag) le MPC agus sgrìobadh le cuairt-bhòrd:

Agus an uair sin, ga thoirt uile ri chèile mar chòmhlan cheart, seo triùir DJan/riochdairean iomrailteach, DJ Shadow, DJ Nu-Mark agus Cut Chemist, ga leigeil ann an stoidhle spòrsal func-mhòr:

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd