Memrise … ceum air cheum

memrise2Tha mi fhathast ag obair air a’ chùrsa air Memrise. (Faicibh geàrr-chunntas an seo.) Tha mi air a’ mhòr-chuid dhen bhriathrachas ann an Caibideil II a chur a-steach, agus tha mi a-nis a’ feuchainn ri barrachd fhuaimean a chur ann. Tha am prògram-clàraidh ann am Memrise fhèin cianail doirbh a chleachdadh agus mar sin, tha mi a’ clàradh nam fuaimean aig an taigh air Audacity agus gan cur a-steach le làimh, fear seach fear. Slaodach ga rìribh ach sin an aon dòigh gus an ùraich muinntir Memrise an eadar-aghaidh aca.

Cuideachd, tha mi fhathast a’ leughadh tron leabhar agus a’ dèanamh liosta-briathrachais dhan chùrsa.  A chionn ’s gur e gnìomh cho fada a th’ ann, tha mi ag amas air a’ bhriathrachas as dorra an toiseach, agus a’ cur romham am briathrachas sin a chur a-steach ann an ùine nach bi ro fhada.

Tha mi toilichte faicinn gu bheil mòran a’ dèanamh feum às a’ chùrsa, agus tha dithis neo triùir air an t-uabhas a dhèanamh ann.  Ma tha sibh a’ dèanamh a’ chùrsa, bu toil leam beachdan a chluinntin air neo molaidhean fhaighinn air mar a thèid a mhathachadh, an seo neo air an fhoirm aig Memrise fhèin.  Leigibh fios dhomh air mar tha e a’ dol agus ma chì sibh mearachd anns a’ Ghàidhlig neo anns a’ Bheurla, bhithinn buidheach cluinntinn ma deidhinn.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Prepare to make the jump to lightspeed…

Mar a tha C-3PO ag ràdh, “It’s impossible to go to light speed,” ach chan ann air sàilleabh gu bheil an hyperdrive briste, ach air sàilleabh gu bheil e an aghaidh nan riaghailtean fiosaics a rèir na dàimheachd sònraichte aig Einstein. Nuair a sgrìobh mi ACDD, bha mi ag amas air ficsean-saidheans ‘cruaidh’ anns an t-seagh gun robh mi ag iarraidh gum biodh am fiosaics ceart agus so-chreidinn, ach coltach ri iomadh ficsean-saidheans eile (Star Wars, Battlestar Galactica, Star Trek), bhris mi aon riaghailt cudromach airson na sgeulachd, agus ′s e sin an riaghailt aig Einstein nach urrainnear siubhail nas luaithe na solas. ′S e peacadh cumanta a th’ ann ann am ficsean saidheans, ach a rèir coltais, tha buidheann bheag aig NASA a-nis a tha ga rìribh ag obair air lùbadh spàs agus siubhail nas luaithe na solas. Tha iad air an oir anns a’ choimhearsnachd fhiosaics gu cinnteach, agus cuid gu math teagmhach mu na teòiridhean aca, ach ma tha iad ceart, b’ urrainn dhuinn siubhail dha na reultan ann an làithean seach bliadhnaichean neo linntean.  Chan eil mi fhìn fiosraichte gu leòr gus breithneachadh air an obair, ach ma tha thu ag iarraidh feuchainn agus long-fhànais nas luaithe na solas a thogail, seo am matamataics:

lubadh

Pios cèic!

Via space.com, io9.

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Ùr-Sgeul anns an Albannach

Ùr-sgeulAnn an alt anns an Albannach, tha Alasdair Caimbeul air cunntas a dhèanamh air Ùr-sgeul agus air an sàr obair a rinn John Storey gu sònraichte ann an ath-bheothachadh na nobhail Gàidhlig.  Tha John ìorsail mar as àbhaist, ach thug Alasdair iomradh air beachd Moray Watson, a tha nas fhaisge air an fhìrinn:

“The Ùr-Sgeul project has meant changes of seismic proportions . . . the productivity of the last six years comes close to matching that of the preceding century . . . Ùr-Sgeul has been responsible for the biggest single publishing initiative ever seen in Gaelic fiction.”

’S e deagh naidheachd a th’ ann — ged nach bi iad an sàs ann am foillseachadh Ùr-sgeul tuilleadh — gum bi CLÀR (foillsichear ACDD) fhathast a’ cur a-mach nobhailean, maille ri Acair agus Sandstone.  Barrachd nobhailean Gàidhlig!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Dihaoine…


′S e Dihaoine a th’ ann, tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, agus tha mi ga lorg cianail fhèin doirbh m’ aire a chumail air m’ obair.  Na h-àite, tha mi a’ coimhead a’ bhideò mheasgaichte seo suas gu 11 nam oifis.  Nicki Minaj + opra-fànais = aoibhneas glan.  Tha e spòrsal feuchainn cia mhead diofar fiolmachan/phrògraman as urrainn dhut aithneachadh.  Am fear as fheàrr leamsa… cha chan mi ach: Piiiigs Iiiiin Spaaaaace!

Air a phostadh ann an ceòl, fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Iom-tharraing 3+


Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh Luathas-teichidh, a’ chiad chaibideil ann an ACDD a thàinig a-mach mar sgeulachd ghoirid an toiseach ann an SAORSA, rinn mi mòran rannsachaidh air mar a bhiodh e coltach a’ dol suas ann an rocaid, cuid a bu mhotha dheth a’ coimhead seann bhideoan air Youtube de thogail-air nam miseanan Apollo agus an Space Shuttle.  Seo am bhideo as fheàrr leam asta.

Is lugha orm an aithriseachd sin a nì NASA aig togail-air mar as àbhaist: “And LIFT OFF of the Space Shuttle Atlantis and its mission to discover if ants can sort tiny screws in space...”  Thalla ’s tarraing.  Chan e sin na tha na speuradairean fhèin a’ cluinntinn.  Ach anns a’ bhideo seo (1994, Columbia, STS-65), cluinnear an còmhradh ceart air an rèideo eadar na speuradairean agus NASA, agus chithear, taobh a-staigh an Shuttle, dìreach mar a tha e aig togail-air agus iad ag èiridh gu cuairt na Talmhainn taobh a-staigh naoi mìonaidean.

Tha e fada ach ’s fhiach e a choimhead, gu sònraichte aig 8:20, nuair a chanas Ceannard Cabana, “Standby for some excell here.  Just bear with it,” agus cluinnear na speuradairean a’ strì gus anail a tharraing an aghaidh iom-tharraing 3+.  Aig 9:00, cluinnear rudeigin a’ briseadh le fòrsa an luathachaidh fiù ’s. Bhruidhinn an dà chuid, speuradairean an Shuttle agus Apollo, air gu dè cho làidir ’s a tha an crathadh nuair a tha iad a’ togail orra an toiseach, agus chithear sinn gu soilleir anns a’ chiad bheagan mhìonaidean (tòiseachadh aig 3:30 air a’ bhideo).  Agus an uair sin aig MECO (10:15), tha Cabana ag ràdh, “Welcome to space guys...”  Nach biodh e math sin a chluinninn uaireigin nad bheatha!

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

The Algebraist

The AlgebraistNuair a bha mi ag obair air ACDD, bha leth-bhreac de The Algebraist le Iain M Banks ri taobh mo leapa agus chleachd mi an nobhail aige mar reul-iùil dhan sgrìobhadh agam fhìn.  ’S e The Algebraist an leabhar as fheàrr leam le Banks.  Is toil leam am ficsean saidheans aige air fad, agus is toil leam na leabhraichean ficsean-litreachail aige cuideachd, gu sònraichte The Crow Road agus The Wasp Factory, ach dhomhsa dheth, tha The Algebraist a’ seasamh a-mach thar càch.  Saoilidh mi gur ann anns The Algebraist a chìthear mac-meanmna ainmeil an ùghdair ag obair aig àrd a chomais, agus tha an sgrìobhadh gu sònraichte làidir ann cuideachd.  Tha an sgeulachd làn na h-àbhachd dorcha leis an aithnichear Banks, agus air a h-innse ann an rosgrannan a tha cho soilleir ri glainne.  Fhad ’s a bha mi ag obair air ACDD, thàinig mi air ais do The Algebraist uair agus uair, a’ faighneachd orm fhìn, an robh na rosgnannan agamsa a’ tighinn faisg air an aon soilleireachd?

Tha mi a’ caoidh na naidheachd gun do chaochail Banks, an toiseach, mar leughadair, a chionn ’s gun do chaill sinn cuideigin cho tàlantach cho garbh òg, ach cuideachd, mar sgrìobhadair, a chionn ’s gun do chaill mi gaisgeach.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

“A’ togal nan robotan a bhios nar sliochd …”


Èistibh ri Sameer Parekh anns a’ bhideo seo, a-mach air na robotan itealach a tha e a’ togail.  Anns gach darna rosgrann tha e ag ràdh rudeigin craicte iongantach mar:

  • “building the robots that will effectively be our descendents”
  • “flying robots was a new inovation that would change the world”
  • “what really excites me is the future where machines are intelligent”
  • “everyone will have a flying robot following them around, using them as a pet butler”

’S e an rud a th’ ann: chan eil Mr Parekh craicte idir.  Tha teicneòlas ga leasachadh cho luath a-nis; bidh an àm ri teachd iar-dhaonna againn ann an corra bhliadhna.  Cò tha a’ beachdachadh air dè tha seo a’ ciallachadh gu moralta neo gu prataigeach, air dè seòrsa buaidh a bheir seo air daoine bitheòlach?  Luchd-poileataics?  Irisichean?  Feallsanaichean?   Glè bheag dhiubh.  Ficsean-saidheans: sin an aon àite far an tèid meòrachadh air na bhios na h-atharraichean a’ ciallachadh dhuinn.  Oh, agus Mike Rugnetta bhon Idea Channel:

Via io9 agus The Idea Channel.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Bhideo-ciùil mun t-singilteachd


Tha an t-singilteachd na cuspair anns a’ bhideo-ciùil ùr seo le Steve Aoki.  Tha na h-ìomhaighean ann sgoinneil, agus tha an ceòl craicte cruaidh cuideachd.

Via io9.

Air a phostadh ann an ceòl, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

ARC

ARCThàinig barrachd dhen agallamh a rinn mi le Paul Cockburn a-mach an clò air blog aig an iris air-loidhne, ARC.

Debut science fiction novels are not uncommon, but there’s one thing that immediately sets Seattle-born Tim Armstrong’s On a Glittering Black Sea apart from all other science fiction published this year in the UK. It’s not necessarily the worlds his characters inhabit — an advanced autocratic and hyper-capitalist civilisation, linking several planets and space stations. Nor is it the feel of the novel, which Tim suggests “shifts between whimsy and menace, with elements of space-opera adventure, dark cyberpunk, romance, and rock-band road trip all mixed together.” No, it’s much simpler than that: it’s that the title on the cover reads Air Cuan Dubh Drilseach, and you won’t be able to read the novel unless you have a pretty good understanding of Scottish Gaelic.

Leughar an rud air fad an seo.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)

DEVO

Bha mi tràth tighinn gu punc ann an dòigh, ach anamoch ann an dòigh eile.  Fhuair mi a’ chiad chlàr punc agam ann an 1979 nuair a bha mi 12 − an clàr uaine leis a’ Clash − ach cha deach mi gu cuirm punc cheart bheò gus an robh mi anns an oilthigh: Na Ramones ann an 1986.  Dh’èist mi ri punc anns an eadar-ama, tro na h-ochdadan, ach cha tàinig e a-steach orm a-riamh gum b’ urrainn dhomh a dhol gu cuirm punc bheò ann an Seattle aig an àm.  Chan eil fhios agam carson − gu dearbh, tha fios agam a-nis gun robh punc gu leòr a’ dol air adhart ann an Seattle mun àm sin − ach mar bhalach às na burbs, cha do smaoinich mi gum b’ urrainn dhomh bruidhinn ris an aon punc anns an àrd-sgoil agam agus cantail ris, “An toir thu gu cuirm punc mi?”  Tha fhios ’am: bha mi òg is goireach.

Co-dhiù, punc ann neo às, cha robh sin gu cus diofar dhomh, oir ged a bha mi titheach gu leòr air punc aig an àm, bha mi ga rìribh air mo bheò-ghlacadh le stoidhle-chiùil eile, le tonn-ùr, agus gu sònraichte leis a’ chòmhlan mhìorbhaileach sin, DEVO.  Chan eil fhios agam ciamar a ghabh mi ùidh annta, ach b’ e fìor neach-leantainn a bh’ annam.  Bha a h-uile clàr aca agam agus nuair a dh’ionnsaich mi gum biodh iad a’ cluich ann an Seattle, air an 22 latha dhen Dùmhlachd ann an 1982, aig a’ Paramount Theatre, cheannaich mi tiocaidean.  Bha a’ chuirm na fosgladh-sùla dhomh.  Cha robh mi aig cuirm-chiùil cheart ron sin agus tha mi a-nis a’ coimhead air ais air an oidhche sin mar chrìoch eadar dà linn nam bheatha: Tim mar bhalach òg agus Tim mar dheugair. Cha robh mi ach 15 bliadhna a dh’aois.

Tha a’ chiad òran loisgte nam eanchainn cho soilleir ri nìon.  Chaidh na solasan uile dheth anns an talla agus thoinn litreachan mòra geala ri chèile, tè seach tè, air sgàilean farsaing aig cùl an àrd-ùrlair: DEVO.  An uair sin, chaidh aon solas-spot làidir air an t-seinneadair, Mark Mothersbaugh, ann am meadhan an àrd-ùrlair agus thòisich e sèinn, “Hello, this is DEVO.” Chaidh mi fhìn agus an talla air fad às ar rian.

Anns a’ bhideo gu h-àrd chì sibh DEVO a’ cluich air a’ phrògram Fridays ann an 1980, aig àrd an ealain.  Ann an stoighle an ciùil agus an ìomhaigh, bha iad eu-choltach ri còmhlan eile aig an àm agus uile gu lèir gun seise: ficsean-saidheans ann an riochd ceòl, fada ro linn teacno.  Cuideachd, chithear gun robh iad a’ cluich beò anns a’ bhideo gu h-àrd – chan e lip-syncing a tha sin idir – agus abair gun robh iad toight.  Iongantach math.

Air a phostadh ann an ceòl, punc | Sgrìobh beachd