Alt anns an Everett Herald

Everett Herald beagChaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibear-punc air buidseat beag

Am faigh sinn film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig uaireigin?  Tha ùidh aig leughadairean Gàidhlig ann am ficsean-saidheans, agus is cinnteach gum biodh ùidh ann an deagh film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig cuideachd, ach an gabh e dèanamh?  Nach biodh e ro dhaor?  Nach biodh na buaidhean sònraichte ro chosgail?  Can gun robh thu ag iarraidh film saibear-punc no opra-fànais a dhèanamh, fear le sgeulachd coltach ri ACDD mar eisimpleir, dh’fheumadh tu diofar longan-fànais a shealltainn, creutairean neo-daonna, planaidean cèin, is eile.  Ciamar a dhèanadh tu sin leis a’ bhuidseat bheag ris a bhite ri dùil air film Gàidhlig?

Beagan bhliadhaichean air ais, b’ e aisling a bhiodh ann — bhiodh na buaidhean sònraiche fada ro dhaor — ach is coltach gu bheil CGI air fàs cho saor a-nis gun gabhadh film ficsean-saidheans a dhèanamh le buaidhean sònraichte a bhiodh reusanta math, ach air buidseat gu math math beag.  Tha am film saibear-punc gu h-àrd na dheagh eisimpleir.  Tha e cianail breagha, ach a rèir an riochdaire, chaidh am fiolmadh a dhèanamh le sgioba de thriùir agus air meanbh-bhuidseat, a’ cleachdadh mòran CGI airson nam buaidhean sònraichte.

Saoil a-nis, an dèan cuideigin film à ACDD san aon dòigh aon latha?  Bhithinn air mo dhòigh agus tha e coltach gun gabh e dèanamh — an-dràsta no ma dh’fhaoidte ann am beagan bhliadhnaichean nuair a thig prisean CGI sìos pìos a bharrachd — ach an uair sin, ceist cudromach: cò chluicheadh Raithdead?  A-Hiom?  Rìosa?  Beachdan?

Via io9.com.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

ananasachmor

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

Sanas ùr le CLÀR

Rinn CLÀR pòstar ùr airson ACDD agus seallaibh air na dathan sin! Sgoinneil.
Pòstar CLÀR
Seo dreach PDF dheth cuideachd.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD aig Comann Crann na h-Alba

Dealbh Graeme Clark

Dealbh Graeme Clark

Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine!  Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan.  Bha oidhche sgoinneil againn agus chì sibh anns na dealbhan gun robh a’ chuirm gu math spaideil anns a’ Leabharlann Mitchell.

Tim_5

Dealbh Graeme Clark

Sgrìobh Brian Ferguson alt fada anns an Albannach uimpe, agus cuideachd, fhuair an duais iomradh air io9.com.  Dìoso, cò chreideadh e!?! Tha mi gu sònraichte toilichte airson a h-uile duine aig CLÀR a dh’obraich cho cruaidh agus gu saor-thoileach air an nobhail. Tha cruth agus coltas na nobhail brèagha agus dreuchdail, agus saoilidh mi gu bheil muinntir ChLÀR uabhasach airidh air an aithneachadh. Gum meal iad an naidheachd!

Mark Wringe am measg an t-Sluaigh, Dealbh Graeme Clark

Mark Wringe am measg an t-sluaigh, Dealbh Graeme Clark

Ùrachadh: Tha Laura Jones air alt inntinneach a sgrìobhadh air Publishthings mun duais agus a beachdan air a’ phròsas.

Dealbh Graeme Clark

An Talla aig Leabharlann Mitchell, Dealbh Graeme Clark

Sluagh na Cuirme, Dealbh Graeme Clark

Liam Crowse agus caraidean, Dealbh Graeme Clark

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba

Literary 2013invitation
Thèid Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mhitchell air an 14mh latha dhen t-Samhain, aig 4.30f.  Carson nach tig sibh ann!  Seo an cuireadh agus ’s ann air a gheibhear seòladh puist-d na tè a tha a’ gabhail na RSVPan.  Chithear gu bheil iad ag iarraidh gun RSVPar ron 8mh dhen t-Samhain, ach cha chreid mi gu bheil sin cho cudromach.  Tha Comann Crann na h-Alba ag iarraidh gun tig daoine, gu sònraichte cuid aig a bheil ùidh ann an litreachas.  Chithear gu bheil duilleag Facebook ann dhan tachartas cuideachd.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Saibeorgan gun riaghladh

Anns a’ bhideo seo bho Motherboard.tv, chithear agallamh a rinn Max Hoppenstedt le Tim Cannon bho Grindhouse Wetware nuair a chaidh Cannon fo lannsa gus teicneòlas saibeirneatach a chur ri a chorp.  Tha a’ bhuidheann aige, Grindhouse Wetware, na lìonraidh de dh’iomairtichean a tha a’ leasachadh teicneòlas saibeirneatach agus ga cleachdadh nan cuirp fhèin, gun taic leigheis dhreuchdail no cead bhon riaghaltas.  Aig co-labhairt leasachadh-cuirp, BMXnet, anns a’ Ghearmailt, dh’iarr Cannon air Steve Haworth inneal eleactronach, Circadia, a chur fo a chraiceann, le lannsaireachd gun aineastatach sam bith. Ow!

Is cinnteach gu bheil an leithid a’ dol air adhart mar thà am measg nan Tony Starks dhen t-saoghail, daoine ro-bheartach, na plutocrataich, agus iad ag iarraidh a bhith beò gu sìorraidh le cumhachdan os-nàdarra, ach saoilidh mi ma bhios cothrom aig daoine àbhaisteach gabhail ris an teicneòlas ùr seo, ’s ann mar thoradh air obair leth-laghail mar seo a thig e.  Cuiridh na neo-Bhioctorianaich nar measg casg air na leasachaidhean seo a thaobh an lagha, chan eil amharas ann, ach mar a tha a’ bhideo seo a’ sealltainn, cha bhi e comasach stad a chur air daoine a dhèanadh na leasachaidhean seo taobh a-muigh an lagha, agus dè thachras an uair sin? An tèid an cur an grèim agus na leasachaidhean a thoirt asta? No an tòisich na daoine seo deasbad a leanas gu laghan ùra?  Cha chreid mi gun leanadh, ach cò aig’ fios?

Saoilidh mi gur e iomairt inntinneach chudromach a th’ ann, agus gur math a thèid leotha, ach fhathast, ow!

Via Motherboard.tv < Time Newsfeed < reddit.com/r/cyberpunk/

Chithear barrachd mu Grindhouse Wetware anns a’ bhideo le The Verge gu h-ìosal:

Air a phostadh ann an punc, saibeirneatachd | 1 bheachd

Peapagan Samhna aig NASA JPL


Saidheantairean rocaid a’ snaidheadh pheapagan ficsean-saidheans — Oidhche Shamhna shonna dhuibh!

Via Laughingsquid.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Lèirmheasan bho Liam Alastair Crouse agus Laura Florence Jones

Rinneadh dà lèirmheas air ACDD an seachdain seo, fear le Liam Alastair Crouse aig Cànain, Clò, is Cleachdadh, agus fear eile le Laura Florence Jones aig Publishthings.  Rinn Liam ceum ann an Ceiltis agus ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus tha e a-nis na oileanach aig Oilthigh Shruighlea anns a’ phrògram fhoillseachaidh aca.  Mar Liam, tha  Laura air ceum a choisinn bho Oilthigh Dhùn Èideann, ach ann an litreachas na Beurla, agus i còmhla ri Liam anns an aon phrògram aig Oilthigh Shruighlea a-nis.  Tha Laura cuideachd an sàs anns an Duais Litreachais Comann Bratach na Croise agus i a’ leantainn nam breitheamhan anns na deasbadan aca.  Tha i air a bhith a’ dèanamh lèirmheasan air na diofar leabhraichean air an liosta ghoirid dhan Duais, a’ Chiad Leabhar as Fheàrr, agus le taic Liam, tha i air beachdachadh air ACDD.

Tha an dà lèirmheas gu math taiceil agus smaoineachail, agus cuideachd, ri chèile, tha Liam agus Laura air puing inntinneach a thogail annta a bu toil leam sgrìobhadh rud beag mu dheidhinn an seo.  Mhothaich Liam nach do sgrìobh mi mu Alba no mun a’ Ghàidhlig fhèin idir anns an leabhar, agus tha Laura a’ cur a’ bheachd air adhart, is dòcha, gur e rud fallain a th’ ann an sin.  Aidichidh mi gun do rinn mi an roghainn sin a dh’aona-ghnothach, gun robh mi ag iarraidh Gàidhealtachd a chruthachadh anns an speuran a bha cho àbhaisteach ’s nach b’ e cùis mhothachail a bh’ ann an cleachdadh na Gàidhlig dha na caractaran anns an t-saoghal sin.

Agus chanainn gun robh an roghainn sin (ceart no ceàrr) na b’ fhasa dhomh a chionn ’s gun robh mi a’ sgrìobhadh ficsean-saidheans, gum b’ urrainn dhomh a’ Ghàidhlig a nàdarrachadh no àbhaisteachadh chun na h-ìre ’s nach deach iomradh oirre idir anns an sgeulachd fhèin, a chionn ’s gun robh mi a’ sgrìobhadh mu shaoghal a bha gu tur mac-meanmnach. Ma dh’fhaoidte gum b’ e seo aon dòigh a bharrachd a bhiodh ficsean-saidheans na genre chudromach ann an litreachas na Gàidhlig, gum biodh e a’ toirt cothrom dhuinn Gàidhealtachd a chruthachadh eadar ar cluasan far nach leig sinn leas fiù ’s smaoineachadh air a’ Ghàidhlig, ach a bhith air ar bogadh innte mar èisg ann an sàl.

Bhiodh an roghainn sinn fada na bu dorra ann am ficsean stèidhichte ann am fìorachas.  Chuir mi crìoch air nobhail do dh’inbhich òga a chionn greis, tè suidhichte anns an latha an-diugh, agus smaoinich mi an sin gum feumainn bruidhinn mu chleachdadh agus mu phoileataics a’ chànain anns an teacsa.  Tha an nobhail a’ leantainn còmhlan-ciùil Gàidhlig air turas, buidheann de dhaoine nam ficheadan a chleachdas a’ Ghàidhlig ri chèile, agus shaoil mi gum biodh e mì-onarach, anns an latha a th’ ann, a bhith a’ cumail a-mach gun dèanadh daoine òga sin mura robh iad reusanta poilitigeach mu dheidhinn.  Ach ’s e nobhail eadar-dhealaichte a th’ ann, agus tha e inntinneach, gu bheil an fhollaiseachd sin mu phoileataics a’ chànain, ged nach eil mi a-mach air fada, gu bheil e a’ toirt blas gu math diofraichte dhan teacsa ceart gu leòr.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD air an liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr!

saltire2Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun deach ACDD a thaghadh dhan liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr.  ’S e urram mòr a th’ ann, agus aithneachadh sònraichte do ChLÀR a dh’fhoillsich dà leabhar taghta am bliadhna: ACDD agus Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile le Donnchadh MacGillIosa airson Duais an Leabhair as Fheàrr.  Nach do rinn CLÀR math!  Ceud mìle taing dhaibh airson a h-uile taic agus brosnachadh a thug iad dhomh, agus gu sònraichte, mìle mìle taing dhan ghaisgeach sin, John Storey.  As aonais na taice bhuaithe, cha bhiodh ann an ACDD ach beachd eadar mo dhà chluais.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd