Cudromachd Ficsean-Saidheans

O chionn ghoirid, thachair mi ris a’ bhideo seo le Iain M. Banks is e a’ bruidhinn mu dheidhinn ficsean-saidheans. ’S fhiach e a’ bhideo air fad a choimhead, ach is fìor thoil leam an earrann seo [1.30 a-steach]:

I’ve said for years that I think science fiction is the most important genre because it is the only one that deals quite specifically with the effects of change, both on an individual and a society level, and that has mattered very fundamentally since the Industrial Revolution. Until the Industrial Revolution, people tended to die in the same society as they’d been born into. […] Once the Industrial Revolution hit, suddenly, no one who lived a normal lifespan died in the same society they were born into. […] It’s the shock of the new, the shock of change, that science fiction deals with. And a lot of the time it doesn’t live up to this high standard, and I don’t think that my SF necessarily does all the time either, but in a sense, it has that unique capability amongst genre that it deals with something very important and that is effecting us all the time, and increasingly.

Tha mi air a bhith a’ meòrachadh air a’ bheachd sin: nach bàsaich sinn anns an aon chomann anns a rugadh sinn, agus a’ smaoineachadh air mo bheatha fhèin, cho diofraichte ’s a tha cùisean bhon a bha mi nam bhalach òg, cho mòr ’s a dh’atharraich an comann againn ann an dìreach dà fhichead is beagan bhliadhnaichean, chan ann a-mhàin a thaobh teicneòlas, ach cuideachd, a thaobh ideòlas agus sructar ar comainn. Bidh mi a’ smaoineachadh orm fhìn mar chuideigin reusanta sùbailte agus adhartach, ach fhathast, bidh astar a chaochlaidh gam fhàgail aig muir aig amannan. Agus mar a thuirt Banks, tha an caochladh seo a’ sìor luathachadh.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 3 beachd(an)

The Dispossesed

The_DispossessedNuair a bha mi aig an Saltire Speakeasy ann an Dùn Èideann o chionn dà mhìos, chuir mo charaid, Beth, ceist orm mu Ursala Le Guin. Ceist mhath a bh’ ann, mu fhicsean-saidheans agus mu phoileataics anarcach, ach dh’fheumainn aideachadh aig an àm nach robh mi air Le Guin a leughadh fhathast. Mo nàire!

Mar sin, nuair a bha cothrom agam, cheannaich mi leth-bhreac de The Dispossessed le Le Guin agus leugh mi i. ’S e The Dispossessed an nobhail utòpach, anarcach as cudromaich ann am ficsean-saidheans is dòcha, is i  a-mach air càraid phlanaidean, tè na dachaigh do choileanaidh anarcach air an darna taobh (Anarres), agus tèile air a roinn eadar riaghaltasan calpach agus comannach air an taobh eile (Urras). San nobhail, tha sinn a’ leantainn aon anarcach, Shevek, a tha na fiosaigiche, agus e a’ siubhail bho Anarres gu Urras gus eòlas fiosaics (agus poileataics) a sgaoileadh eadar an dà phlanaid.

Tha an sgeulachd a’ leum air ais agus air adhart eadar Anarres agus Urras, agus aig a’ cheart àm, a’ leum air ais agus air adhart tro thìm.  Tha an aithris neo-dhìreach seo a’ toirt cothrom do Le Guin an comann ùtopach air Anarres a thaisbeanadh mean air mhean tron sgeulachd fhèin, gun a bhith a’ milleadh na h-aithris le cus mìneachadh. Tha cruth na sgeulachd fhèin inntinneach, oir, ann an seagh, chan eil cus a’ tachairt ann an ruith na nobhail. ’S e nobhail mheòrachail, fheallsanachdail a th’ ann, le glè bheag de dh’eachtradh innte agus mòran cnuasachaidh air poileataics, beatha agus nàdar mic-an-duine. Ach a dh’aindheoin sin, bha mi air mo bheò-ghlacadh. Tha an stoidhle aig Le Guin gu math lom, agus tha sin a’ cur gu mòr ris a’ mhìneachadh aice air a’ chomann anarcach air Anarres agus ris an dealbh aice air nàdar a’ phrìomh charactair, Shevek, a tha na dhuine de bheagan fhaclan, beò air oir na coimhearsnachd aige gu h-ìre.

Agus ged is e nobhail anarcach utòpach a th’ anns The Dispossessed gu cinnteach, chan e utòpas glan a th’ ann idir; tha trioblaidean aig comann Anarres, trioblaidean a tha ag adhbharachadh easaonta, agus sin tè dhe na cuspairean as inntinnich innte: dè thachras ann an comann anarcach an dèidh an aramaich? An dèidh dà cheud bliadhna agus iomadh ginealach, dè na h-atharraichean a thigeadh air comann anarcach agus dè na dùbhlanan a bhiodh romhpa?

Mheal mi The Dispossessed gu mòr. Nuair a thig e gu ficsean saidheans anarcach, cha chreid mi gu bheil beat air na nobhailean Culture aig Iain M. Banks, ach mholainn The Dispossessed  gu mòr, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris na nobhailean eile aig Le Guin a leughadh a dh’aithghearr.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Drilseach!

bratach


Beagan mhìosan air ais, sgrìobh mi gun robh cothrom agam tachairt ris a’ chòmhlan, Drilseach, anns an stiùideo, agus iad a’ clàradh òrain ùir don chlàr-chruinneachaidh, New Wave of the Grave New Beat, a chaidh a chur air dòigh le Our Future Records. Uil, fhuair mi post-d bho Dhrilseach an-diugh fhèin, agus na chois, bha Mp3 dhen òran, uile deiseil agus a’ ròcadh gu cruaidh! Èistibh ris gu h-àrd, agus seo na faclan:

Luathas-teichidh

Cha ghabh e creidsinn, ach a h-uile col’as gu bheil sinn ann,
An rocaid a’ siubhail tron iarmailt ’s an ùine a’ fàs gann,
Cha bu lèir dhomh na bha romham, ach rug mi air co-dhiù,
Cunnairt agus cruadal, seall air na rinn thu!

Ò Shàil, na bi diombach, chan e mo choire-sa a th’ ann,
Cha do thagh mi a bhith far a bheil mi a-nis, lag ’s fann,
Gath-plasma tro mo bhroilleach, cleasan-teine ro mo shùil,
Dlùth-charaid dhomh a’ losgadh orm, gun rian is gun diù.

’S ge be càit am bi an t-slighe seo gam fhàgail, (luathas-teichidh)
’S ge be càit am faic mi thu a-rithist, (luathas-teichidh)
’S ann ortsa a bhios mi a’ bruadair am measg nan speuran.
Luathas-teichidh, cho luath ri mo chridhe.

Ghoid sinn rocaid, leth-chrogall air ar tòir,
Domhainn ann am fànas, an ruig sinn an stèisean beò?
Rìosa, leanaidh mi thu, gu crìch, ge be càit,
Ach dè bha thusa a’ smaoineachadh, gar cur ann an cunnart bàis?

Dìos-o, na bi gòrach, bidh a h-uile rud ceart gu leòr,
Seòlaidh sinn tro na rionnagan is togaidh sinn ùpraid mhòr,
Nì sinn beatha ùr, a-mach air planaid chèin,
Ach beatha ann am prìosan, le sin cha dèan mi rèit’!

CD

A rèir coltais, ’s e seo a’ chiad òran ann an opra-ròc a tha Drilseach a’ sgrìobhadh stèidhichte air an sgeulachd ann an ACDD, agus an duan gu h-àrd a-mach air na thachras anns a’ chiad chaibidil, Luathas-teichidh. ’S e ‘Opra-cruaidh Nuadh’ a tha iad a’ cur air an stoidhle aca. Cluinnidh tu Sàl agus Rìosa a’ bruidhinn air a’ chruaidh-chas anns a bheil iad, agus air an drochaid, cluinnidh tu beagan fhaclan às an leabhar fhèin: na freiceadain shìos air Roghail a’ gairm air an rocaid fhad ’s a tha i a’ blosgadh air falbh gun dùil. Thuirt Drilseach gun robh iad gu sònraichte taingeil do ChLÀR (agus mar sin Ùr-Sgeul) airson na taic a fhuair iad bhuapa leis na faclan.

Tha an t-òran dìreach sgoinneil nam bheachd, agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris na h-òrain eile. Thuirt Drilseach gum bi an t-òran, Luathas-teichidh, ri fhaighinn saor-san-asgaidh gu diditeach ann an greis bheag, neo air CD an ceann mìos no dhà. Cuiridh mi ceanglaichean suas an seo cho luath ’s a tha fios agam càit a gheibhear grèim orra.

’S urrainnear an CD a cheannach a-nis aig:

24/10/2014    Bandcamp

27/10/2014    BASE ann an Tokyo

CD2

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, punc | 2 beachd(an)

Deuchainn rocaid cheart … ùpraid is làn-sgrios!

Cheannaich mi rocaid seachdain sa chaidh, tè bheag, seann-sgoil, dha ainm “Yankee” le Estes, mar na rocaidean beaga a chuir mi suas nuair a bha mi nam bhalach òg. Tha mi an dòchas a cur ri chèile agus a cur suas ann an Uibhist nuair a tha mi an sin an ath mhìos. Tha rocaideachd neo-dhreuchdail gu math spòrsail mar chur-seachad, agus tha mi an dòchas gun ath-bheothaich an rocaid seo an neard òg annam a-rithist.

Ged a bhios an Yankee agam cumhachdach agus a’ dol cho àrd ri mìle troighe leis an einsinn as motha, chan eil i faisg air na rocaidean a tha gan togail leis na saidheantairean rocaid neo-dhreuchdail saor-thoileach aig Copenhagen Suborbitals. ’S e buidheann neo-phrofaid a th’ annta agus tha iad ag obair gus cuideigin a chur suas gu fànas gun taic riaghaltais. Coimheadaibh air an deuchainn rocaid mu dheireadh aca. Làn-sgrios iomlan — uabhasach math!

Tha e brosnachail faicinn gu bheil cuid a’ feuchainn ri siubhail dha na speuran gun taic bho riaghaltas mòr, ach cuideachd, gun mhiann profaid aca nas motha. Gu ruige seo, tha fànas air a bhith glèidhte eadar riaghaltasan mòra agus na h-os-bheartaich. Ma shoirbhicheas le CS, bidh iad a’ fosgladh nan speuran do bhuidhnean neo-phrofaid, agus le sin, do dhaoine àbhaisteach.  Tha iad glan chraicte, ach tha mi an dòchas gun tèid e leotha. Seo cruinneachadh de bharrachd dhe na deuchainnean aca:

via laughingsquid.com

yankeePS. Thàinig seo an-diugh sa phost!  Ù hù! Chì sibh gu bheil i air a sanasachadh gun tèid i cho àrd ri 1700 troighe. Tha sin craicte. Cha chreid mi gum faigh thu air ais i ma thèid i cho àrd ri sin. Ma dh’fhaoidte gun ceannaich mi einseannan nas lugha cuideachd, dhan chiad seòladh no dhà, mus cuir mi dhan ghealaich i. An rud as fheàrr ma deidhinn, tha i uile gu lèir sean-sgoil. Cheannaich mi tèile a chionn greis, agus bha i anns an nòs ùr, làn plastaig, agus nach do bhris mi i ga cur ri chèile. Ach an tè seo, thèid na h-itean a ghearradh a-mach a piosan fiodha-balsa agus thig i sìos le stiall fhada dhearg seach le paraisiut — dìreach mar a’ chuid a thog mi nam àrach òg. Agus seallaibh: thig i le “pocket rocket card”!  Ù hù!

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

FMG = Fànas tro Mheadhan na Gàidhlig


A+ agus ceithir rionnagan!

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Fèis-leabhair Inbhir Nis

invernessbookfest

Ma tha sibh gu bhith mun cuairt Inbhir Nis aig a’ cheann-seachdain seo tighinn, bidh mi fhìn a’ leughadh bho ACDD agus bho FBS aig Fèis-leabhair Inbhir Nis Disathairne aig 5f, còmhla ri Seonaidh Charity. Bidh Mark Wringe anns a’ chathair, a’ cur nan ceistean oirnn. Bidh ùghdaran a’ leughadh agus a’ bruidhinn fad an latha, bho 11 sa mhadainn gu 9 air an oidhche, uile aig Eden Court. Gun tig sibh ann!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Èirigh nan robotan


Anns a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, tha CGP Grey a’ dèanamh argamaid làidir gu bheil robotan a’ tighinn airson ar n-obrach, chan ann ann an ceud bliadhna, no deich bliadhna, ach a-màireach, agus chan ann a-mhàin airson obair làimhe, ach airson obair de gach seòrsa: obair dhreuchail, obair chruthachail agus obair mhanaidsearachd. Ann an saoghal foirfe, thoireadh seo cothrom dhuinn gluasad gu eaconomaidh iar-ghainneid agus gun obair, ach tha fios againn uile nach tachair sin, an-toiseach co-dhiù. Tha an ùpraid a dh’adhbharaicheas na h-atharraichean seo a’ tighinn na deann agus cha chreid mi gu bheil luchd-poileasaidh an dùil rithe idir. Mar a tha Grey ag ràdh, chan e ficsean-saidheans a tha seo, ach fìrinn an latha an-diugh.

Via Laughingsquid. Cuideachd, tha redit ann far an tèid a’ bhideo seo a dheasbad.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 2 beachd(an)

Iomall Fhèis Dhùn Èideann

sanas Saltire Speak EasyMa tha sibh gu bhith ann an Dùn Èideann anns a’ chiad seachdain dhen Lùnasdal aig an Fhèis Eadar-Nàiseanta, bidh mi fhìn an sàs ann an tachartas air Iomall na Fèise a thèid a chur air dòigh le Comann Crann na h-Alba: The Saltire Speakeasy. Bidh an Speakeasy a’ tachairt thairis air ceithir oidhcheannan, le diofar dhaoine air a’ chlàr gach oidhche, agus bidh mi fhìn a’ nochdadh air oidhche Diardaoin, an 7mh latha dhen Lùnasal.  Bidh Mark Wringe anns a’ chathair, agus bidh mi a’ leughadh bho ACDD, a’ bruidhinn (sa Bheurla) mun nobhail, agus cò aig a tha fios dè eile. Chì sinn. Bidh dà chuirm anns gach oidhche, tè aig 5f agus tèile aig 7f, ach tha an talla beag agus mar sin, mholainn, ma tha sibh ag iarraidh tighinn, gun ceannaich sibh tiocaidean ro làimh. Bidh an Speakeasy ann an seòmraichean a’ Chomainn, 9 Fountain Close, teann ris an t-Sràid Àrd, agus gheibh sibh tiocaidean bho làrach-lìn a’ Chomainn no bho làrach-lìn na Fèise cuideachd.

Air an aon oidhche bidh bàrdachd le Jenny Lindsay:

Agus ceòl le Adam Hunter agus Kara Swinney bho Conservatoire Rìoghail na h-Alba.

 

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Oi Polloi agus punc as a’ Ghàidhlig

https://soundcloud.com/culturelaser/cl-the-best-thing-to-do-was-to-start-singing-in-gaelic Seo fìor dheagh agallamh le Ruairidh bho Oi Polloi còmhla ri Billy Liar air Culture Laser is iad a-mach air punc as a’ Ghàidhlig, agus cuid dhen phoileataics mun cuairt air sèinn ann am mion-chànan fo chunnart.

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

Lèirmheasan air leth

good-reads-logoFhuair ACDD dà lèirmheas uabhasach taiceil an t-seachdain seo. ’S e a’ chiad lèirmheas fear le Alison Lang air Goodreads.  Sgrìobh i gun do chòrd na caractaran ann an ACDD rithe gu sònraichte:  “The best sci-fi creates a world that reflects our own, and if the characters that inhabit that world evoke our sympathies we will want to revisit it, which is what I wanted to do by the end of Air Cuan Dubh Drilseach.” Chòrd iad agus riumsa.  Nuair a chuir mi crìoch air an sgeulachd ghoirid, Luathas-teichidh, bha mi ag iarraidh cumail a’ dol a’ crochadh a-mach còmhla ri Sàl agus Rìosa, agus ’s e sin an t-adhbhar a bu mhotha gun do sgrìobh mi ACDD. Is fior toil leam Sàl agus Rìosa agus tha e a’ toirt tlachd mhòr dhomh leughadh gu bheil daoine eile titheach orra cuideachd.

imp_oSgrìobhadh an dàrna lèirmheas le Iain MacLeòid anns a’ Bottle Imp, agus e a’ beachdachadh, chan ann a-mhàin air ACDD, ach cuideachd, air a’ cheist, carson nach eil barrachd ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig anns an fharsaingeachd.  Mar a sgrìobh e, “A language in danger of dying tends to inspire those who know it to contemplate all sorts of futures.”  Tha MacLeòid a’ freagairt na ceist aige fhèin leis a’ bheachd gu bheil àireamh cho beag de nobhailean ficsean-saidheans againn anns a’ Ghàidhlig air sàilleabh gu bheil an àireamh de nobhailean Gàidhlig cho beag san fharsaingeachd, agus saoilidh mi gu bheil e ceart.  Tha rudeigin gu sònraichte saorsachail mu dheidhinn sgrìobhadh agus leughadh ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig agus tha mi an dòchas gum faic sinn fada a bharrachd dheth anns an àm ri teachd mar sin.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd