Akira 2016


Is gasta leam a’ bhideo seo. Tha i àlainn. Còmhla ri Blade Runner, bha Akira teis-meadhanach ann an stèidheachadh coltas lèirsinneach a’ genre ùr, saibeir-punc, anns na h-ochdadan. An seo, tha dithis air cuid dhe na seallaidhean as ainmeile anns a’ film a chruthachadh a-rithist, a’ cleachdadh teicneòlas diditeach, agus nach i a tha brèagha. Tha am fòcas anns a’ bhideo gu h-àrd air a’ mhotorothair aig Shōtarō Kaneda. Craicte math — tha mi ag iarraidh fear, no co-dhiù, an t-seacaid aig Kanada. Capsules abù!

via io9.com

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Sluagh-thùsadh bhriathran

treasureislandAn-uiridh, sgrìobh mi post mun bhun-bheachd, adventure, mun àite aig adventure anns an nobhail nuaidh, agus mun trioblaid a th’ againn sa Ghàidhlig nach eil briathar grinn coiteanta againn a tha da-rìribh a’ riochdachadh a’ bhun-bheachd chudromaich sin gu ceart. An dèidh a’ phuist, bha snàithlean-beachd glè inntinneach agus fada againn, le iomadh duine a’ tighinn a-steach le rannsachadh agus le molaidhean air briathran: an deasbad a b’ fheàrr a bh’ againn air a’ bhlog seo gu ruige seo, saoilidh mi. Uil, aig an deireadh-sheachdain, chuir an laoch, Steaphan MacRisnidh, beachd eile leis an t-snàithlean, is e a’ dèanamh geàrr-chunntas air na molaidhean uile gu ruige seo, agus cuideachd, a’ cur mholaidhean eile ris an liosta bho rannsachadh ann an grunnan  fhaclairean eadar-dhealaichte. Abair obair! Tha e sgoinneil agus air eagal ’s gum biodh e feumail, tha mi ga ghluasad suas an seo.

Tha mi fhìn fhathast taobhach ri “dàna-chuairt” ach tha mi cuideachd gu math titheach air baidsireachd: n. f – adventuring, cruising, sea-faring life! Har, har!!

Le Steaphan:

Geàrr-iomradh air na molaidhean agaibh airson “adventure” agus faclan a bhuineas ris:

Adventure

1. eachtradh 2. eachtra, eachtrannan (iolra) 3. eachtrannachd 4. dàn-eachtra 5. amhartan

1. guais-bheart 2. guaiseart 3. dàna-thuras 4 dànaras 5. dànachd 6. dàna-chuairt

1. (dàn-)euchd(an) 2 driod-fhortan 3 tachartas 4 eachdraidh 5 meantraigeadh 6 sgiorradh 7 sgeulachdan

Adventurous

1. eachtrannach 2. dàna 3. deuchainneach 4 guaiseartach 5 dànarasach 6 dànachdail

Adventurer

1. neach-dùraigidh 2 eachtrannaiche 3. dànarasaiche 4. dànaiche 5. guaiseartaiche

Agus agamsa, uile a rèir co-theagsa:

Adventure
dàna-sgeulachd; dàna-thachartas (Pàirc dhàna-thachartais – theme/adventure park); dàn-ghnìomhan (adventure planet – planaid dàn-ghnìomhan – seo aig eadar-theangaiche Leòdhasach);

Adventurer

neach-dàna (eadar-theangaiche Gàidhlig)

À facairean eile:

Adventure
baidsireachd n. f – adventuring, cruising, sea-faring life (pronouncing dictionary); guasachd – a perilous adventure (Armstrong); im-thus – progress, adventure (armstrong); teagmhais (armstrong)

Adventurous
baoghalach (dwelly); tionnsgalach, tionnsgantach, tionnsgnach (armstrong); teagmhaiseach (armstrong)

adventurousness
tionnsgnachd (armstrong),
Adventurer
baidsire – a voyager, an adventurer (pronouncing dictionary); baoghlair; teagmhasair (armstrong);

Adventures: (Wentworth, Faclair Gàidhlig Ros an Iar) thachair mòran ris – he had lots of adventures

Ruigidh each mall muileann…

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 1 bheachd

Ruigidh Sinn Mars … as Gaeilge!

NASA_mars
Uau! Coimheadaibh air na pòstairean snasail seo bho NASA (le taic bho NÓS), as Gaeilge. Nach iad a tha àlainn.

Via Greg, Taing!

Air a phostadh ann an fànas | 1 bheachd

Saorsa agus litreachas ùr na Gàidhlig

Tha Mark Ó Fionnáin air alt smaoineachail fhoillseachadh a tha a-mach air ACDD, agus na chois, rinn e meòrachadh air an t-saorsa a bheir litreachas nuadh dhan Ghàidhlig. ’S e an tràchdas aig Ó Fionnáin gun leudaich litreachas ùr a’ Ghàidhlig gu raointean ùra, ga h-uidheamachadh gus an saoghal nuadh a riochdachadh, agus ga saoradh bho eisimeil na Beurla anns an t-seagh sin. Tha mi a’ dol leis gu bheil litreachas nuadh garbh cudromach do chor na Gàidhlig agus thug an t-alt aige orm smaoineachadh air an alt aig Moshe Nahir agus esan am beachd gun robh ath-bheothachadh litreachas na h-Eabhra anns an naodhamh linn deug air leth cudromach do shoirbheas ath-bheothachadh na h-Eabhra fhèin anns an fhicheadamh linn, ag uidheamachadh a’ chànain arsaidh airson cleachdadh anns an latha an-diugh. Chòrd e rium gu mòr nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD feuchainn ri saoghal eadar-reultach a riochdachadh anns a’ Ghàidhlig, a’ cluich leis a’ chànain agus a’ feuchainn ri Gàidhlig iomchaidh a lorg do shuidheachadh na nobhail. Tha mi cinnteach gun lorg ùghdaran eile an aon tlachd nuair a bhios iadsan a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus saoilidh mi gur ann tro chluich chruthachail dha leithid a nì sinn a’ Ghàidhlig beò mar chànan labhairte bho linn gu linn.

Nahir, Moshe (1998) “Micro Language Planning and the Revival of Hebrew: A Schematic Framework.” Language in Society, 27(3), 335–357.

Ó Fionnáin, Mark (2016) “Freedom, real and unreal, in Air Cuan Dubh Drilseach.” Ann an Aniela Korzeniowska agus Izabela Szymańska (deas.) Scottish Culture: Dialogue and Self-Expression. Warszawa: Wydawnictwo Naukowe Semper. 277–286.

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

#FÈISLITALBA

Ma chaill sibh an còmhradh eadar Meg is mi fhìn, seo e air youtube. Saoilidh mi gun deach e uabhasach math. Chì sibh na ceitean aig Google Hangout. Ar taing do #fèislitalba, do Laura a chuir air dòigh e, agus do Chatherine a chùm an còmhradh a’ dol le ceistean.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

#SCOTLITFEST

feislitalba-header

Tha mi gu math toilichte innse gum bi mi fhìn is Meg Bateman a’ nochdadh aig tachartas ùr-nodha, Googlehangout aig #SCOTLITFEST. Cha do rinn mi a leithid a-riamh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a bhios e ag obair. Bidh e coltach ri seisean aig fèis-leabhair, ach an àite a bhith a’ nochdadh nar feòl mar gum biodh, bidh Meg is mi fhìn a’ nochdadh air craoladh beò air Google+ agus air Youtube. Ma tha sibh ag iarraidh an seisean a choimhead beò, leanaibh na ceanglaichean gu h-ìosal, no, an dèidh an Googlehangout, nochdaidh bhideo air Youtube a dh’fhaodadh sibh coimhead uair sam bith. Bidh an craoladh beò a’ tòiseachadh Didòmhnaich an 26mh dhen Òg-mhios aig meadhan latha BST (GMT+1). Gun cuir sibh ceistean cruaidh oirnn!

An hangout air:   Google+   no   Youtube

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 3 beachd(an)

Plasma

ath-inntrigeadh2
An t-seachdain seo, tha Institiud na Fiosaigs, Buidheann na Fiosaigs Plasma an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ cumail na co-labhairt bliadhnail aca, agus shaoil mi, mar chomharra air an tachartas, gun gabhainn an cothrom sgrìobhadh rud beag mu dheidhinn fiosaigs plasma, oir, tha plasma na chuspair ann an ACDD — tha dagaichean plasma gan cleachdadh le Raithdead agus le Sadb — ach ged a tha plasma na stait stutha as cumanta ann an nàdar, chan eil fios aig mòran daoine gu bheil an ceathramh stait fhiosaigeach seo idir ann.

Is cinnteach nach eil daoine nas eòlaich air plasma mar stait stutha air sàilleabh ’s nach eil e cumanta idir air uachdar na Talmhainn. Shìos an seo, aig na teothadan a bhios gnàthasach air an Talamh, is àbhaist dhuinn tachairt ris na trì staitean stutha as aithne dhuinn uile: gas, lionn, agus cruad (no teann-stuth mar a th’ aig Stòrlann air). Ged nach eil na trì staitean seo rim faicinn anns gach stuth a chithear air an Talamh, tha iad rim faicinn anns a’ mhoileciuil as cudromaich do bheatha: H2O. Tha sinn uile eòlach air uisge, deigh agus smùid (H2O mar ghas a’ fionnarachadh air ais gu lionn san adhar).

Ach ma tha sinn ag iarraidh plasma fhaicinn, feumaidh sinn a lorg ann an suidheachaidhean nas mì-àbhaisteach, aig gas aig teothadan àrda no gas le sruth dealain a’ ruith troimhe, no an dà rud ri chèile. Da-rìribh, tha plasma na stait stutha as cumanta san domhainn mhòir mar an stait stutha a gheibhear ann an rionnagan mar eisimpleir, ach air an Talamh, chan fhaicear plasma ach ann an corra shuidheachadh àraid, mar eisipleir, ann an dealanach no ann an sanasan nìon.

Tha fiosaigs plasma gu sònraichte cudromach gu saidheantairean rocaid air sàilleabh ’s gum fulaing longan-fànais buaidh phlasma craicte teth ann an ath-inntrigeadh dhan àile. Nuair a bhuaileas rudeigin ris an àile agus e a’ dol aig astar, dreag no long-fhànais can, thèid a theothachadh le suathadh an àile gu teothadan cho teth ri uachdar rionnaig. Ruigeadh an spàl-fànais,  mar eisimpleir, teothad mu 1900 K (mu 1,600 C) aig ath-inntrigeadh, agus ruigeadh an capsail Apollo 11 teothad mu 3000 K (mu 2,700 C) aig ath-inntrigeadh. Agus ’s e sin ath-inntrigeadh fo smachd. Le ath-inntrigeadh peilearach (neo ballistic reentry), ath-inntrigeadh nas luaithe agus gun smachd, ath-inntrigeadh dreag mar eisimpleir, ruigte teothad fada na b’ àirde na sin.

Anns na teothadan seo, thèid na h-eileagtronan a shaoradh bho na h-atoman anns a’ ghas, a’ cruthachadh plasma a dh’fhaodadh a bhith cho teth ri uachdar na grèine. Gus tighinn tron inntrigeadh gu sàbhailte, feumaidh uachdar na luinge-fànais a bhith air a dhìon gus seasamh ri teothad a’ phlasma sin, rud nach eil idir soirbh. Gu dearbh, chainte gu bheil e a cheart cho doirbh, gu teicnigeach, long-fhànais fhaighinn air ais gu uachdar na Talmhainn gu sàbhailte ’s a bha e a cur suas ann an cuairt mun phlanaid anns a’ chiad dol-a-mach.

ath-inntrigeadh1

Bha mi a-riamh airson barrachd a chur suas air a’ bhlog seo a-mach air saidheans ACDD. Bha mi a’ feuchainn ri ACDD a’ sgrìobhadh ann an nòs ‘cruaidh’, anns an t-seagh gun robh mi a’ feuchainn ri laghan fiosaics agus bitheòlais a’ leantainn gu reusanta dlùth fhad ’s a bha mi a’ cur na sgeulachd ri chèile. Mar sin, rinn mi mòran rannsachaidh air an saidheans air cùl na sgeulachd, agus anns a’ bhlog, bu mhath leam an cothrom a ghabhail bruidhinn mu dheidhinn an t-saidheans seo ann am barrachd doimhneachd. Tha mi an dòchas gun robh seo inntinneach. Leig fios dhomh!

(lanntair plasma: Luc Viatour, CC 3.0; dealbh de Orion air ath-inntrigeadh, NASA)
Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Ficsean sreathach


Tha mi air a bhith a’ cnuasachadh air ficsean sreathach mòran o chionn greis, agus mar thurchairt, dh’fhoillsich Nerdwriter a’ bhideo gu h-àrd beagan làithean air ais a-mach air an dearbh chuspair. Is toil leam na th’ aige ri ràdh mun chothrom a bheir ficsean sreathach dhan sgrìobhadair sgeulachdan mòran nas motha a chruthachadh, le grunn mòr charactaran nan lùib agus iomadh fo-sgeulachd fighte nam broinn.’S e rud glè tharraingeach a tha sin dhomh. Sin an seòrsa sgeulachd fhicsean-saidheans is fheàrr leam leughadh agus bu toil leam gu mòr a leithid a sgrìobhadh mi fhìn. Tha e a’ toirt orm smaoineachadh…

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

¡Me siento muy orgulloso!

Tha mi ann am Madrid an dràsta, a’ mathachadh mo chuid Spàinnis, agus mhothaich mi gun deach ACDD a thaghadh le #SCOTLITFEST mar tè dhe na còig nobhailean as cudromaich anns a’ Ghàidhlig! Tha mi mi uabhasach moiteil, ach seo mise anns an Spàinn, gun duine mun cuairt dham b’ urrainn dhomh an naidheachd seo innse, duine a thuigeadh na tha seo a’ ciallachadh co-dhiù. Ach b’ urrainn dhomh innse dhuibhse!

Nis, a bhith cothromach, thathas air mìneachadh gun deach ACDD a thaghadh, gu h-ìre mhòir, mar chotharra air an deagh obair a rinn CLÀR ann an sanasachadh na nobhail, gu bheil ACDD ro ùr gus a cur am measg nobhailean clasaigeach na Gàidhlig, agus rachainn leis a’ mheasadh sin.

Rinn CLÀR sàr obair ann an cur na nobhail air adhart mu choinneimh a’ phobaill. B’ e dheagh eisimpleir a bh’ ann air mar a dh’fhoillsichear leabhar mion-chànain anns an linn ùir. Tha mi a’ dol a sgrìobhadh barrachd air a’ chuspair seo ann an greis bheag, ach gu h-aithghearr, creididh mi gum feum ùghdaran is foillsichearan Gàidhlig a bhith fada nas gnìomhaich a thaobh cruthachadh a’ phobaill-leughaidh aca na bhiodh a’ chuid a sgrìobhas agus a chuireas leabhraichean an clò anns a’ Bheurla. Mar gach nì a thaobh na Gàidhlig a-nis, is e iomairt a th’ ann am foillseachadh Gàidhlig sa linn ùir. Eu-choltach ri poball-leughaidh na Beurla, chan eil sluadh mòr de leughadairean Gàidhlig a-muigh an sin dìreach a’ feitheamh gus nobhailean a cheannach. Tha CLÀR a’ tuigsinn glè mhath gum feumar smaoineachadh mar iomairtiche ma thathar an dùil gun reicear nobhail Ghàidhlig sa latha a th’ ann. Tha iad fada is airidh air an aithneachadh.

Ach ged is ann do ChLÀR a tha an t-aithneachadh seo gu h-ìre mhòir, tha mi fhathast uabhasach moiteil às an nobhail agam. Ù hù! Abair deagh naidheachd is mi air aineoil!!!

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Sgeul Sci-Fi

  Tha sreth ùr ga chraoladh an dràsta air BBC Radio nan Gaidheal, Sgeul Sci-Fi, ga liubhairt le Michelle NicDhòmhnaill. Anns a’ chiad prògram, tha i a’ toirt sùil air tùs a’ ghnè, còmhla ris na gaisgich, Craig Atkins, Gavin Humphreys, Alasdair MacCallum agus Dòmhnall Dòmhnallach, agus ann am prògram ri teachd, nochdaidh mi fhìn! Abù SF!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd