Akira 2016


Is gasta leam a’ bhideo seo. Tha i àlainn. Còmhla ri Blade Runner, bha Akira teis-meadhanach ann an stèidheachadh coltas lèirsinneach a’ genre ùr, saibeir-punc, anns na h-ochdadan. An seo, tha dithis air cuid dhe na seallaidhean as ainmeile anns a’ film a chruthachadh a-rithist, a’ cleachdadh teicneòlas diditeach, agus nach i a tha brèagha. Tha am fòcas anns a’ bhideo gu h-àrd air a’ mhotorothair aig Shōtarō Kaneda. Craicte math — tha mi ag iarraidh fear, no co-dhiù, an t-seacaid aig Kanada. Capsules abù!

via io9.com

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to Akira 2016

  1. Pingback: Akira 2016 | An Tuairisceoir

  2. Thuirt Tomás:

    Akira agus Ghost in the Shell ar na cinn is fearr liom. Bhfuil moltaí animé eile agat?

    • Thuirt lasairdhubh:

      Deagh cheist! Is cinnte, nuair a bha mi òg, gum b’ e Star Blazers (no Space Battleship Yamato) am prògram a b’ fheàrr leam. Choimheadainn a h-uile latha e mus rachamaid dhan sgoil. Sa latha a th’ ann, tha mi uabhasach deidheil air an obair aig Hayao Miyazaki. Is duilich gu bheil e air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha mi gu sònraichte measail air Porco Rosso. ‘S e taghadh àraid a th’ ann, tha mi a’ tuigsinn, ach tha rudeigin ann a tha a’ còrdadh rium glan.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply