Steall!

steall1Tha naidheachd air leth agam an-diugh: thèid iris litreachail ùr a chur air bhog aig deireadh na mìosa, iris litreachail Ghàidhlig, agus bidh rosg bhuamsa na broinn! Chan urrainn dhomh cus a ràdh aig an ìre seo, ach thig barrachd naidheachd a-mach an ceann greis. Chì sibh gu bheil làrach-lìn ùr aig CLÀR ― www.clar.online ― agus air an làraich, chì sibh gu bheil beagan fiosrachaidh am follais mun iris. Bidh am bogadh ga chumail aig Siempre Bicycle Cafe, Partaig (ri taobh Fo-thalamh Kelvinhall), Glaschu, 7.00f air Diardaoin, 27 an Dàmhair, agus uaireigin ron sin, cuirear clàr-innse na h-irise suas air an làraich ùir. ’S ann an uair sin as urrainn dhomh barrachd innte mun sgrìobhadh agam fhìn innte. Cumaibh sùil air an làraich seo ― tha e a’ dol a bhith uabhasach math!

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to Steall!

  1. Thuirt Akerbeltz:

    Gairm/Gath ùr, an e? Dè thachair ri Gath, eadar dà sgeul, bheil fhios aig duine?

  2. Hi. Bidh an iris ùr rud beag eadar-dhealaichte, ach ma bhios STEALL cho math ris na dhà sin, Gairm agus GATH, bidh sinn air ar dòigh. Tuilleadh fiosrachaidh faisg air 27mh an Dàmhair. A thaobh “Dè thachair ri Gath”, chan eil CLÀR buileach cinnteach.

  3. Thuirt Marconatrix:

    A bheil feum air iris chlò-bhuailte Ghàidhlig ¨craobhan marbh¨ ´na laithean seo?

  4. Tha cuid de rannsachaidhean a’ sealtainn gu bheil daoine òga gu math measail air leabhraichean pàipear. ‘S e na “golden oldies” (50+) a tha measail air e-leughadairean (‘e-readers’ mar a chanas iad) is eile. Ma tha thu sean agus beagan airgid agad, ’s dòcha gun dean didseatach a-mhàin an gnothach. Tha CLÀR (foillsichearan STEALL) a’ smaoin gu bheil an dà dhòigh feumail. Chì thu sin ann an cànain eile – irisean iongantach ùra a’ nochdadh bho chionn ghoirid ann am pàipear – tha na craobhan gan cur an-sàs fhathast!

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s