Oirthir Tìm

OirthirTim’S e leabhar àraid a th’ ann an Oirthir Tìm le Cailein MacCoinnich. Canar gur e uabhas os-nàdarra a th’ ann am mòran de na sgeulachdan anns a’ chruinneachadh, le draoidheachd agus an donas fhèin an lùib cuid. Agus tha cuid eile anns a’ chruinneachadh nach gabh seòrsachadh idir, mar “An t-Eilean” anns an tachair bodach ri daoine uamha bho linn na cloiche is e ag iasgach ann an lochan a-mach air a’ mhòintich. Ach chanar gur e ficsean-saidheans a th’ ann an co-dhiù ceithir no is dòcha còig dhe na sgeulachdan seo, ged is e seòrsa ficsean-saidheans annasach a th’ ann.

Anns “an Galair” nì dithis lighiche strì an aghaidh tinneas a chaidh a sgaoileadh dhan Talamh le coigrich à Alpha Centauri. Anns “an Long-Adhair” tachraidh  grunnan seann bhodach ri sgioba choigreach, an riochd coltach ri corran-ghritheach, a laigh an long-fhànais aca faisg air baile beag ann an Leòdhas. Ann an “Crìochan Farsaing”, siùbhlaidh ceathrar Thalmhach cho fada ris an reul-chrios, Andromada, ann an long-fhànas a tha air chomas “briseadh a-mach o chuimhrichean Tìm.” Agus anns “an Toradh Oillteil” nì dithis rannsaiche strì an aghaidh galar, fear a sgaoil coigrich a-rithist, ach an turas seo, creutairean à Andromada “le cinn mhòra anns an robh ceithir sùilean”.

Tha aon sgeulachd eile anns an leabhar, “Searmon a’ Bhodaich,” agus is dòcha gun canar gur e ficsean-saidheans a th’ ann cuideachd. ’S ann innte a tha seanair a’ mìneachadh dha oghaichean gur e aithris air Iùdhach a’ tachairt ri coigreach a th’ ann an Leabhar Eseceil anns an t-Seann Tiomnadh, beachd a nochd cuideachd ann an Chariots of the Gods? le Erich von Däniken. Ged nach e ficsean-saidheans ceart a th’ ann, is dòcha, chuir i nam cuimhne an seann phrògram às na seachadan, In Search of…, le Leonard Nimoy, anns an innseadh e dhuinn mu Niseag, Triantan Bhearmùda is annasan eile.

Tha na sgeulachdan seo àraid, agus chanainn gur e an smal as motha a th’ orra ’s nach eil an saidheans th’ annta daonnan ag obair. Bha mi a’ leughadh War of the Worlds le H. G. Wells o chionn ghreis, agus chuir e iongnadh orm cho cuimseach ’s a bha an saidheans agus an teicneòlas anns an nobhail sin, tè a chaidh a foillseachadh cho fada air ais ri 1898. Ach chan eil an saidheans anns na sgeulachdan ann an Oirthir Tìm air a dhealbhadh anns an aon doimhneachd idir, mar nach robh cus ùidh aig MacCoinnich ann an saidheans agus teicneòlas nuair a sgrìobh e iad.

Fhathast, tha rudeigin tarraingeach mu na sgeulachdan ficsean-saidheans aige, agus saoilidh mi gur e neo-chiontas a th’ ann. ’S ann air sàillibh ’s gu bheil an saidheans agus an teicneòlas annta cho cearbach, eu-domhainn, agus na caractaran annta cho sìmplidh, dìreach, a chuir iad fo gheasaibh mi. Tha Oirthir Tìm mar an t-inneal-tìm aig Wells, gar toirt air ais gu deireadh nan seasgadan, gu linn an fhànais, agus dhan dòchas neo-chiontach a bha bitheanta aig an àm sin. Agus tha sin na thlachd, saidheans cearbach ann no às.

Oirthir Tìm le Cailein T. MacCoinnich, Glaschu: Gairm, 1969.

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | 2 beachd(an)

Am Billeanamh Cù (td. 184)

gearr-gramar na gaidhligDè rinn sibhse thar saor-làithean a’ Mhòid? Innsidh mi dhuibh na rinn mise: leugh mi 300 duilleag dhen leabhar ghràmair ùr aig Richard Cox, Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, agus chan eil mi deiseil fhathast. Abair leabhar! Tha feum mòr againn air ge-tà, agus tha mi an dòchas gum bi fèill mhòr air cuideachd, oir rinn Richard saothair na sgrìobhadh a tha doirbh a chreidsinn. Tha iomadh gràmar againn nan cuimse air cloinn-sgoileadh no air luchd-ionnsachaidh, ach b’ e seo a’ chiad ghràmar Gàidhlig iomlan a chaidh fhoillseachadh bhon a chuir George Calder an gràmar aigesan an clò ann an 1923. Mur eil sibh eòlach air an stoidhle aig Richard, tha e a’ toirt beagan ùine fàs cleachdte rithe. ’S e stoidhle theann a th’ ann, làn ghiorrachaidhean agus briathrachais theicnigich, ach tha Sanas Bhriathar coimhleanta aig toiseach an leabhar gur cuideachadh, agus tha an gràmar air fad ann an riochd chnàmhan a nì e uabhasach furasta fiosrachadh sònraichte a lorg. Chan eil beud air, agus saoileam gun cuir mi ri taobh an fhaclair aig Colin Mark e agus gun dèan mi rùrach ann a h-uile latha. B’ e an aon trioblaid a bhiodh an sin ’s gum feumainn fear eile a cheannach. Bidh mi ag iarraidh fear san oifis cho math ri fear aig an taigh, agus cha bu mhath leam a ghiùlan air ais agus air adhart nam phoca a h-uile madainn is feasgar; aig 450 duilleag, tha e cho tomadach ri tarbh!

Richard A. V. Cox (2017) Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig. Ceann Drochaid: Clann Tuirc.

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Briathrachas bheachan

640px-Bee-apis

Mar a sgrìobh mi roimhe, b’ àbhaist dhomh beachan a chumail nuair a bha mi òg, agus tha ùidh mhòr agam annta fhathast, ged nach eil àite agam dhaibh an-dràsta far a bheil mi a’ fuireach. Tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh mu bheachan o chionn ghoirid cuideachd, agus a’ rannsachadh briathrachas — cuid sean, cuid ùr — ceangailte riutha. Seo na th’ agam mar-thà:

beachair — colanaidh bheachan nàdarra.

beachlann — bocsaichean anns an cumar beachan.

beachlannach — àite far an cumar beachan; apiary.

beachlannair — cuideigin a chumas beachan.

bocsa-àil — bocsa ann am beachlann anns an àraich na beachan an ath ghinealach aca.

bocsa-meala — bocsa ann am beachlann anns an taisg na beachan a’ mhil aca.

colanaidh — teaghlach de bheachan, le banrigh, obraichean, agus lunndairean na lùib.

lunndair — beach fireann; drone.

sgaoth — colanaidh bheachdan a’ dèanamh imrich.

sgeap — beachlann thraidiseanta; skep.

Dè ur barail?

Dealbh CC 4.0 Maciej A. Czyzewski.

 

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Robot reòiteige!

https://twitter.com/torachitech2/status/900695594385063937

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Bogadh STEALL 2.2 — Toradh

Seo an clàr-gnothaich dhan latha, Didòmhnaich, aig an fhèis bhìdh agus litrachais, Toradh. Ma bhios sibh ann an Uibhist, thig gar faicinn aig 5f!

Toradh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

iTunes

ubhal
Ma tha inneal Apple agaibh, agus nam b’ fheàrr leibh na leabhraichean-d a cheannach bho iTunes, tha mi toilichte a ràdh gu bheil ACDD ri fhaodainn anns a’ bhùth aca a-nis!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Bogadh STEALL 2.2 — Uibhist

steall2.2Tha mi toilichte innse gum bi mi fhìn agus Iain Fionnlaigh MacLeòid a’ leughadh aig tachartas bogaidh STEALL 02; an turas seo, am bogadh ann an Uibhist. Is fìor thoil leam am beachd aig foillsichear na h-irise, CLÀR, gun cùm iad tachartasan bogaidh ann an iomadh diofar sgìre, agus ’s e urram a th’ ann dhomhsa a bhith an sàs anns a’ bhogadh ann an Tìr a’ Mhurain. Bidh am bogadh na phàirt dhen fhèis litreachais agus bìdh ann an Uibhist, Toradh, agus thèid a chumail air Didòmhnaich, an 27mh dhen Lùnasdal aig 5f ann an Talla Chidhe ann an Loch Baghasdail. Chì mi an sin sibh!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Iar-apocaileaps a-nis

Tha a’ bhideo seo craicte. ’S e sgioba bhalach a th’ ann a snaig a-steach gu bunait-airm ann an Casachstàn los coimhead air dà sheann spàl-fànais Soibheatach, agus nuair a ràinig iad, lorg iad sealladh mar fhicsean-saidheans iar-apocaileapach, rudeigin coltach ri tobhta siobhaltais choimhich nach mairinn. Is iongantach nach deach an cur an grèim agus dhan phrìosan fad iomadh bliadhna, no nach deach am marbhadh. Chuala iad losgadh ghunaichean, chunnaic iad freiceadain, bha aca ri an cumail fhèin am falach iomadh uair, ach fhathast, thàinig iad às beò, le bhideo nan cois. Sgoinneil!

Via io9.com.

Air a phostadh ann an fànas | 1 bheachd

Mearan is dàsachd

Bha mi a’ lorg facal ùr air “insanity” do sgeulachd a bha mi a’ sgrìobhadh an latha eile. Bha mi air cus feum a dhèanamh de na seann charaidean mar ‘cuthach’ is ‘boile’ agus bha mi a’ lorg facal a bha inntinneach, rud beag mì-àbhaisteach, ach fhathast ri leughadh ann an litreachas nach robh tuilleadh is sean, agus abair gun do lorg mi ionmhas:

Ó Maolalaigh, Roibeart (2014) Am Buadhfhacal Meadhan-Aoiseach Meranach agus mearan, mearanach, dàsachdach, dàsan(n)ach na Gaidhlig. Scottish Studies: 37, td. 183-206.

Cha robh mi eòlach air an alt seo aig Rob Ó Maolalaigh ach leugh mi a-raoir e agus cha chreid gun do ghabh mi tlachd cho mòr à alt sgoileireil ann an ùine fhada. Mholainn gu mòr e. Chan e cànanaiche eachdraidheil a th’ annam, agus mar sin, cha do thuig mi a h-uile rud mu na h-atharrachaidhean-fuaim a thug buaidh air an sgrùdadh, ach bha an litreachas agus an eachdraidh smaoineachail. Is duilich gu bheil Rob cho tang a’ ruith Oilthigh Ghlaschu. Nach biodh e math nam b’ urrainn dha altan mar seo a sgrìobhadh làn-ùine. Feumaidh sinn obair air clònadh.

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

Bogadh STEALL 2.1 — Obar Dheathain

Banner_02Fhuair mi brath bho Phrìomh-àros ChLÀR, agus is coltach gu bheil STEALL II air ruigsinn! Ù hù! Bidh an dàrna caibideil dhen nobhail agam a’ nochdadh innte: “Innis Sgairpe“. Urra ùr, planaid ùr, is motarothairean! Gheibhear an seo i: www.clar.online

Ma bhios sibh ann an Obar Dheathain, cumar a’ chiad bhogadh air an Didòmhnaich seo (28/5/2017), eadar 3– 5f, ann am Blackwell’s, 99 An t-Sràid Àrd. Bidh Michelle NicLeòid chòir sa chathair, le Seonag Monk, Aonghas Dubh MacNeacail agus Ruairidh MacÌomhair a’ leughadh. Gu mì-fhortanach, chan urrainn dhomh a dhol dhan fhear seo, ach is cinnteach gum bi e math! Thigibh ann!!

Niall_STEALL

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd