An Dèidh-Làimh le Eilidh Watt

niuclasachEilidh Watt, ‘An-Dèidh-Làimh,’ Gairm 121, An Geamhradh 1982–3.

’S e sgeulachd ghoirid iar-apocaileaps a th’ anns ‘An Dèidh-Làimh’ le Eilidh Watt. Anns an t-saoghal a dhealbhaich Watt, is coltach gun robh cogadh ann, ach chan innsear dhuinn fàth a’ chogaidh, no buileach dè seòrsa blàr a th’ ann. Chaidh am poball a neimheachadh le “às-innleachdan” air choreigin, ach chan eil fios againn am b’ e armachd niuclasach a chaidh a cleachdadh no rudeigin eile. Leanaidh sinn dithis bhoireannach, Anna agus Sìne, is iad a’ tighinn beò an dèidh an lèir-sgriosa. Roghnaich iad, ron chogadh agus ged a bha rabhadh aca, nach cuireadh iad càil air dòigh, nach dìonadh iad iad fhèin, agus gun caitheadh iad an ùine air fhàgail aca a’ gabhail tlachd à beatha, ach mhair iad tron bhlàr co-dhiù, a dh’aindeoin ’s nach do dh’ullaich iad tearman no nach robh biadh aca cùl na làimhe.

An dèidh corra latha am falach, thèid iad sìos dhan chladach agus lorgaidh iad bàta a dh’ullaich cuideigin eile, cuideigin nach do mhair tron bhlàr, bu choltach. Gabhaidh iad am bàta ag iomradh a-mach gu eilean far an lorg iad uamh le stòras bìdh, a-rithist, a thaisg cuideigin eile nach do mhair. Air an làrna-mhàireach, chì iad làrach-choise sa ghainmhich agus tha fios aca nach eil iad nan aonar air an eilean.

’S e sgeulachd a th’ anns ‘An Dèidh-Làimh’ mu chàirdeas boireann, ach cuideachd, mu chugallachd bheatha. Uair agus uair, mairidh Anna agus Sìne, chan ann air sàillibh ’s gun do rinn iad ullachadh ro làimh, no air sàillibh ’s gun do chuir iad innleachdan seòlta an sàs, ach air sàillibh ’s gu bheil iad rathail, agus cuideachd, air sàillibh ’s gu bheil iad dìleas dha chèile. ’S e deagh fhicsean-saidheans a th’ ann, agus saoilidh mi gu bheil i a’ riochdachadh glè mhath an dragh a bh’ oirnn anns na h-ochdadan agus cogadh niuclasach gar maoidheadh uile.

Dealbh: Roinn-Lùtha nan Stàitean Aonaichte

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | Sgrìobh beachd

Gàidheal-Con 2018!

Gaidheal Con 2018

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Na Balaich Bhiastail + Cogadh nan Reult 2

Tha seo a’ dol na thraidsean a-nis, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil am fear gu h-àrd fiù ’s nas fheàrr. Cuideachd, naidheachd inntinneach/eagalach/iripiseach a thàinig a-mach an-diugh, tha Amazon am beachd sreath de thionndaidhean a dhèanamh bho na leabhraichean ficsean-saidheans aig Iain M. Banks. Tha fios agaibh cho measail ’s a tha mi orra. Fucairean calpach, tha mi an dòchas nach dèan iad masladh às.

Via io9.

Air a phostadh ann an naidheachd, SF | Sgrìobh beachd

Bogadh Steall 3.2 — Dùn Èideann

Thèid STEALL III a chur air bhog aig a’ chlub Ghàidhlig, am Bothan, anns an taigh-sheinnse, Canons’ Gait, aig toiseach a’ Mhàirt. Bidh còmhradh is ceòl ann (le Robbie air a’ ghiotàr aige), agus Gàidheil chraicte Dhùn Èideann ri dannsa agus ruitearachd. Bidh e math!

Dun_Eideann

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Criomagan: Air Cuan Dubh Drilseach

Seall seo! Is coltach gun do chuir Alison chòir a’ bhideo seo suas beagan mhìosan air ais, ach tha mi dìreach air a lorg. Tha i an dèidh sreath de bhideoan goirid mar seo a dhèanamh air iomadh leabhar Gàidhlig eadar-dhealaichte. Abair deagh bheachd. Cuideachd, air an t-seanail Youtube aice, bidh i a’ cur post ris a’ bhlog bhideo aice gach seachdain, air aithris anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, a-mach air a’ bheatha aice mar sgrìobhadair. Chan eil mi eòlach air blog bhideo eile anns a’ Ghàidhlig, agus mar sin, tha e uabhraidh math Alison fhaicinn aig toiseach ghnothaichean. Gun tèid e gu math leatha!

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Clàr-gnothaich Aye Write

ayewriteprogram
Dol a bhith math!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Chan Innis na Mairbh Sgeòil

Tha STEALL III a-mach a-nis, agus na broinn, caibideal III de An Luingeas Dorcha air Fàire, “Chan Innis na Mairbh Sgeòil”! Ù hù!!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Gàidheal-Con 2018!

Ayewrite2018
Air an 23mh latha dhen Mhàrt, bidh mi fhìn, Daibhidh Eyre is Iain Fionnlagh MacLeòid a’ bruidhinn aig an fhèis-leabhair, Aye Write, ann an Glaschu mu fhicsean-saidheans ùr anns a’ Ghàidhlig. Gheibhear tiocaidean aig làrach-lìn Aye Write. Bidh eadar-theangachadh beò ga thabhann cuideachd, ’s mar sin, thigibh le ur caraidean uile!
caleideascop_cover_1The-Voyager

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Bith-spòltadh 2

MolecularBioKit2

Uao, seall seo! Tha na h-innealan sin gam thoirt air ais beagan bhliadhnachan. Seo gu h-àrd na gheibh tu leis an Genetic Engineering Home Lab Kit bhon chompanaidh bhith-spòltaidh, The ODIN. Air an $1,849.00 agad, gheibh tu inneal PCR, trì pipettean, bocsa electrophoresis, meidh, agus iomadh rud eile, acainn DIY CRISPR nam measg: a h-uile rud a dh’iarradh tu gus deuchainnean ginteil a dhèanamh ort fhèin, agus b’ e sin an dearbh rud a rinn stèidhiche an ODIN, Josiah Zayner, nuair a dh’in-steall e leigheas-gine ann am meadhan òraid a bha e a’ toirt seachad, ag amas air dubhadh-às myostatin a leanas gu fèithean nas motha, tha e an dòchas. Gu pearsanta, b’ fheàrr leam leigheas-gine a leanadh gu barrachd gineadh-leithe nam eanchainn. Dè umadsa?

Via an Guardian.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 1 bheachd

An Luingeas Dorcha air Fàire

Chan ann fada gus an tig STEALL III a-mach an clò, agus na lùib, a’ chaibideil as ùire bhon nobhail shreathaich agam, An Luingeas Dorcha air Fàire. Ù hù! Tha muinntir ChLÀR air duilleag ùr a chruthachadh dhan nobhail far am faighear fiosrachadh mu na caibideilean ri teachd, agus ’s ann air làrach STEALL fhèin as urrainn dhuibh eagran a trì a cheannach.

Cuideachd, is dòcha gu bheil sibh fhathast a’ lorg phreasantan no ag iarraidh rudeigin snog a cheannach dhut fhèin aig a’ bhliadhn’ ùir. Uil, dè a b’ fheàrr mar phreasant do leughadair Gàidhlig na sìnteas do STEALL! Cha chosg e ach £120 air sìnteas fad-bheatha, dà iris snasail a h-uile bliadhna gus an tig na sombaidhean air ar tòir, agus aig an aon àm, bhiodh sibh a’ cur taic chudromach ri iomairt STEALL. Tha e ìre-mhòr do-dhèanta iris a chumail a’ dol anns an latha an-diugh gun leughadairean gu leòr a’ toirt shìnteasan a-mach. Mar sin, carson nach ceannaich sibh sìnteas dhan a h-uile duine air an liosta agad!!

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd