An Dèidh-Làimh le Eilidh Watt

niuclasachEilidh Watt, ‘An-Dèidh-Làimh,’ Gairm 121, An Geamhradh 1982–3.

’S e sgeulachd ghoirid iar-apocaileaps a th’ anns ‘An Dèidh-Làimh’ le Eilidh Watt. Anns an t-saoghal a dhealbhaich Watt, is coltach gun robh cogadh ann, ach chan innsear dhuinn fàth a’ chogaidh, no buileach dè seòrsa blàr a th’ ann. Chaidh am poball a neimheachadh le “às-innleachdan” air choreigin, ach chan eil fios againn am b’ e armachd niuclasach a chaidh a cleachdadh no rudeigin eile. Leanaidh sinn dithis bhoireannach, Anna agus Sìne, is iad a’ tighinn beò an dèidh an lèir-sgriosa. Roghnaich iad, ron chogadh agus ged a bha rabhadh aca, nach cuireadh iad càil air dòigh, nach dìonadh iad iad fhèin, agus gun caitheadh iad an ùine air fhàgail aca a’ gabhail tlachd à beatha, ach mhair iad tron bhlàr co-dhiù, a dh’aindeoin ’s nach do dh’ullaich iad tearman no nach robh biadh aca cùl na làimhe.

An dèidh corra latha am falach, thèid iad sìos dhan chladach agus lorgaidh iad bàta a dh’ullaich cuideigin eile, cuideigin nach do mhair tron bhlàr, bu choltach. Gabhaidh iad am bàta ag iomradh a-mach gu eilean far an lorg iad uamh le stòras bìdh, a-rithist, a thaisg cuideigin eile nach do mhair. Air an làrna-mhàireach, chì iad làrach-choise sa ghainmhich agus tha fios aca nach eil iad nan aonar air an eilean.

’S e sgeulachd a th’ anns ‘An Dèidh-Làimh’ mu chàirdeas boireann, ach cuideachd, mu chugallachd bheatha. Uair agus uair, mairidh Anna agus Sìne, chan ann air sàillibh ’s gun do rinn iad ullachadh ro làimh, no air sàillibh ’s gun do chuir iad innleachdan seòlta an sàs, ach air sàillibh ’s gu bheil iad rathail, agus cuideachd, air sàillibh ’s gu bheil iad dìleas dha chèile. ’S e deagh fhicsean-saidheans a th’ ann, agus saoilidh mi gu bheil i a’ riochdachadh glè mhath an dragh a bh’ oirnn anns na h-ochdadan agus cogadh niuclasach gar maoidheadh uile.

Dealbh: Roinn-Lùtha nan Stàitean Aonaichte

Chaidh seo a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s