Category Archives: naidheachd

Lèirmheas le Moray Watson

Sgrìobh Moray Watson lèirmheas smaoineachail inntinneach air ACDD a chaidh fhoillseachadh ann an Northwords Now am mìos seo (Autumn 2013, #25).  Seo am beachd aige air cuspairean na nobhail: Air Cuan Dubh Drilseach seems light and pacy to read, but … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Alt anns an Everett Herald

Chaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Sanas ùr le CLÀR

Rinn CLÀR pòstar ùr airson ACDD agus seallaibh air na dathan sin! Sgoinneil. Seo dreach PDF dheth cuideachd.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD aig Comann Crann na h-Alba

Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine!  Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan.  Bha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba

Thèid Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mhitchell air an 14mh latha dhen t-Samhain, aig 4.30f.  Carson nach tig sibh ann!  Seo an cuireadh agus ’s ann air a gheibhear seòladh puist-d na tè a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèirmheasan bho Liam Alastair Crouse agus Laura Florence Jones

Rinneadh dà lèirmheas air ACDD an seachdain seo, fear le Liam Alastair Crouse aig Cànain, Clò, is Cleachdadh, agus fear eile le Laura Florence Jones aig Publishthings.  Rinn Liam ceum ann an Ceiltis agus ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann, … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD air an liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr!

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun deach ACDD a thaghadh dhan liosta ghoirid dhan Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013, Ciad Leabhar As Fheàrr.  ’S e urram mòr a th’ ann, agus aithneachadh sònraichte do ChLÀR a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

An nobhail Ghàidhlig anns an Albannach air Didòmhnaich

Bha deagh alt Beurla anns an Albannach air Didòmhnaich seachdain sa chaidh, a-mach air an leabhar ùr aig Aonghas Pàdraig Caimbeul, An Nighean air an Aiseag, agus cuideachd le beachdan na chois air fàs an litreachais ùir anns a’ Ghàidhlig anns … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

ACDD ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu

Ma tha cairt-leabharlainn Oilthigh Ghlaschu agaibh, tha leth-bhreac ACDD aca a-nis.  Leabharlannan – nach eil iad math!

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Blastadh dheth!

Leughar lèirmheas goirid anns an Albannach air Didòmhnaich le Seonaidh Caimbeul còir an-diugh, a-mach air an tachartas aig Meg agus mi fhìn aig an t-Sabhal Diciadain.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd