Category Archives: Ficsean-saidheans

Sanas airson pickup + geama PC opra-fànais = miann

Mas ann às na Stàitean no à Canada a tha sibh, bidh sibh eòlach air sanasan-rèic coltach ri seo airson pickup trucks, ach seo fear a chaidh a dhèanamh mar shanas airson geama PC opra-fànais, Star Citizen, agus tha e cuimseach math. … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Fèis Leabhair Ulapuil san Albannach

Rinn David Robinson mòladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil ann am pìos a nochd anns an Albannach Didòmhnaich. Rachainn fhìn leis a h-uile rud a sgrìobh e mun fhèis.  Bha i sònraichte math. Cuideachd, chuirinn mo thaic-sa ris a’ mholadh a rinn e … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Tùr innealta

Tha Stephen Hawking, Stuart Russell, Max Tegmark agus Frank Wilczek air litir fhoillseachadh anns an Independent, a’ toirt iomradh air a’ fiolm ùr, Transcendence, agus a’ gabhail a’ chothruim rabhadh a thoirt dhuinn mu na cunnartan èiginneach an lùib tùr innealta: One can imagine such … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | 2 beachd(an)

Saorsa Chruthachail

Bha Màrtainn Mac an t-Saoir anns an èiseachd aig bogadh na nobhail ùire agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh, ann an Glaschu dà sheachdain air ais, agus chuir e ceist dhùbhlanach orm: carson a tha thu ri sgrìobhadh ficsean? Dìos-o, chuir a’ … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Anns an stiùideo le Drilseach

Bha mi anns an stiùideo aig an deireadh-sheachdain leis a’ chòmhlan chraicte, Drilseach, agus iad a’ clàradh òran ùr stèidhichte air a’ chiad chaibideil de ACDD!  Tha dithis seann charaid, Ruairidh agus Eilidh, an sàs anns a’ chòmhlan, cho math … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 1 bheachd

Postair Dune

Seallaibh air a’ phostair a cheannaich mi!  Tha mi uabhasach toilichte leis. ’S ann le Joshua Budich a tha e, postair  a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson taisbeanadh de dh’ealain bonntaichte air na fiolmaichean aig David Lynch.  Cheannaich mi e, … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Ficsean saidheans air buidseat beag 2

O chionn ghreis, sgrìobh mi mu LUNAR, fiolm saibear-punc neo-eisimealach a thathar a’ dèanamh air buidsead meanbh, agus seo fear eile dhen aon chineal, Prospect, fiolm goirid ficsean-saidheans a thèid a mhaoineachadh le iomairt Kickstarter de luach dìreach $23K.  A … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Cuilean na Nollaige

Chaidh sgeulachd leam, Cuilean na Nollaige, fhoillseachadh mar Sgeulachd na Nollaige anns an Albannach an-diugh.  ’S ann mu sheòladair-fànais a tha i, Gogull mac Ùfbain mhic Narbais an Dìthiche.  Tha Gogull bochd ann an sàr èiginn.  Air chall air planaid … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Saibear-punc air buidseat beag

Am faigh sinn film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig uaireigin?  Tha ùidh aig leughadairean Gàidhlig ann am ficsean-saidheans, agus is cinnteach gum biodh ùidh ann an deagh film ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig cuideachd, ach an gabh e dèanamh?  Nach biodh e … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

ACDD aig Comann Crann na h-Alba

Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine!  Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan.  Bha … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd