Chaidh sgeulachd leam, Cuilean na Nollaige, fhoillseachadh mar Sgeulachd na Nollaige anns an Albannach an-diugh. ’S ann mu sheòladair-fànais a tha i, Gogull mac Ùfbain mhic Narbais an Dìthiche. Tha Gogull bochd ann an sàr èiginn. Air chall air planaid chèin, an t-soitheach aige briste, gun chobhair, gun bhiadh. Tha an t-acras ga reubadh na dhà leth. Dè fon ghrèin a dh’itheas e air a’ phlanaid neònaich seo … no cò?
Dealbh le Catrìona NicilleDhuibh.