Briathrachas Air Cuan Dubh Drilseach

Thoiribh an aire — mholainn nach leugh sibh ro fhada air toiseach oirbh fhèin sìos air an liosta seo, air eagal ’s gun tèid an sgeulachd a mhilleadh dhuibh.  Tha mi a’ cur ris an duilleag seo mean air mhean.  Chì sibh gun do rinn mi bann eadar cuid dhe na briathran teicnigeach agus duilleagan Uicipeid iomchaidh.  Far an robh duilleag fhreagarrach anns an Uicipeid Ghàidhlig, chleachd mi sin, ach far nach robh, chleachd mi an tè Bheurla.

Caibideil I ♦ Luathas-teichidh

9

luathas-teichidh ◊ luathas a dh’fheumas ruigsinn gus faighinn air falbh bho iom-tharraing planaid.

iarmailt ◊ na speuran os ar cionn. Cuideachd: fànas, failbhe.

iom-tharraing ◊ am fòrsa eadar dà chorp le tomad; am fòrsa a tharraingeas sinn sìos dhan talamh.

10

tèarainteachd ◊ anns an t-seagh seo, thathar a’ ciallachadh nan siostaman agus nan daoine uile ri chèile a dhìon agus a ghlèidh làrach air choireigin.

boinneag ◊ rud beag uisge neo lionn eile.

eanchainn innealta ◊ eanchainn choimpiùtaireach seach eanchainn bhitheòlach.

snàigeadh ◊ a’ gluasad gu faiceallach gus nach faic daoine eile thu. Cuideachd: èaladh.

fànas ◊ na speuran os ar cionn. Cuideachd: iarmailt, failbhe.

amaideas ◊ rudeigin gòrach neo amaideach.

gealtair ◊ cuideigin gealtach; cuideigin nach eil dàna, misneachail neo gaisgeil.

11

trèigte ◊ àite, baile neo togalach gun daoine a’ fuireach annta; àite ris an do chuir daoine an cùl; àite falamh.

bu ghann gun robh ◊ cha mhòr nach robh

cha dearg mi air ◊ chan urrainn dhomh

làrach-corraige ◊ am pàtran sònraichte cuairteach air clàr do chorragan leis an tèid d’ aithneachadh.

clàr-poilis ◊ an clàr a chumas am poileas air na h-eucoirean a rinn daoine.

12

is math an airidh ◊ rinn thu rudeigin ceàrr agus tha thu airidh air an droch rud a thachras mar thoradh.

sradagan ◊ mìrean beaga teinnteach ag èiridh bho theine.

chan fhaca tu do chuid dheth fhathast ◊ bidh an duine seo ag adhbharachadh thrioblaidean dhut fhathast.

bidh ceannach agad air ◊ rinn thu rudeigin ceàrr is feumaidh tu pàidheadh.

torman ◊ fuam ìosail leantainneach

13

a’ cumail a chuideachd ◊ a’ crochadh a-mach còmhla ris; na caraid dha.

air èideadh ◊ a’ cosg mar aodach.

deise-fhànais ◊ dèise shònraichte dhìonach a chosgas tu ann am fànas.

sreang ◊ caol.

brisg ◊ rudeigin a tha furasta a bhriseadh.

fòirneart ◊ sabaid, cath neo strì.

gus a saoghal a chosnadh ◊ gus airgead a dhèanamh; gus turasdal fhaighinn.

gàbhaidh ◊ cunnartach.

air àrach ◊ air an togail.

rèite ◊ aonta neo cùmhnant eadar daoine.

14

a’ dol a dholaidh ◊ a’ dol am miosad; a’ fàs nas miosa.

faochadh ◊ fois, ùine dheth, taic ri trioblaid, cuideachadh.

cruaidh-chàs ◊ droch shuidheachadh.

miannach ◊ ag iarraidh rudeigin.

a’ cosnadh cliù ◊ a’ dèanamh ainm dha fhèin.

stèisean-fànais ◊ àite-fuirich ann am fànas.

glaoic ◊ amadan

fàsach ◊ àite falamh gun daoine, gu sònaichte, àite teth gun mhòran uisge agus làn chactasan.

faite-gàire ◊ rud a nì thu le do bheul nuair a tha thu toilichte; fiamh-ghàire.

15

nìon ◊ eileamaid Ne, àireamh atamach 10, a thèid a cleachdadh ann an solasan.

priobadh ◊ a’ tighinn air agus a’ dol dheth.

meudachd ◊ cho mòr ’s a tha rudeigin.

sliochd ◊ cinneadh, clann, treubh, buidheann a tha càirdeach a chèile.

mar bu dual dha ◊ mar is àbhaist dha.

bearradh ◊ gearradh neo rusgadh dhan chraiceann.

luachmhor ◊ prìseil, cosgail.

gadachd ◊ goid, meirle.

euchoir ◊ rud ceàrr neo mì-laghail.

sràid mharsanta ◊ sràid mhalairteach, sràid le mòran bhùithtean.

faramach ◊ àrd, le mòran fuaim.

cha bu lèir do Shàl ◊ chan fhaca Sàl.

fa chomhair ◊ air beulaibh, aghaidh ri.

16

dìreadh ◊ dol suas.

sunndach ◊ toillichte

cèile ◊ am fear neo tè ris a bheil thu pòsta.

dìobradh ◊ fàgail, trèigsinn.

samh ◊ droch bholadh.

deàlradh ◊ deàrrsadh.

uchd ◊ broilleach.

cuthach ◊ fearg

dàna ◊ misneachail, bragail, gaisgeil.

chlisg e ◊ ghabh e leum beag.

17

crogall ◊ laghairt mòr a tha a’ fuireach ann an uisge.

crogall

gun fhiosta dha ◊ gun fhios aige.

trusgan-armachd ◊ trusgan, deise neo aodach sònaichte, air a dhèanamh à meatailt neo à stuth dìonach eile, agus air a chosg gus neach a chumail beò agus sàbhailte ann an sabaid.

lannach ◊ lannan: na sgealban beaga dìonach a chòmhdaicheas craiceann èisg neo pèist; lannach: làn lannan.

daga ◊ gunna-làimhe beag.

plasma ◊ staid stutha coltach ri gas.

cuimseachadh ◊ amas.

b’ aithne do Shàl e ◊ bha Sàl ga aithneachadh; bha fios aig Sàl cò e.

le drugaichean na sealbh ◊ le drugaichean oirre.

aingidh ◊ olc, mallaichte.

feachd-phoilis ◊ sgioba-poilis.

coirbte ◊ grod, breun, mì-onarach, breugach, bradach, truaillte, fiar.

màl dubh ◊ toirt airgid bho chuideigin tro fhòineart neo tro bhagairt.

oillt ◊ uabhas, eagal mòr.

18

ìnean ◊ iolra air ìne: sgealban aig bàrr do chorragan agus d’ òrdagan; air biastan, na bioran aig bàrr chorragan no òrdagan.

taom ◊ dòirt.

tàirneanach ◊ fuaim a nì dealanach.

caman ◊ slat a leis a chluicheas tu camanachd (iomain).

cràdh ◊ pian.

dìobairt ◊ cur-a-mach.

rusladh ◊ rannsachadh.

19

uabhas ◊ dragh mòr, eagal mòr.

lùths ◊ neart, cumhachd.

oiteag ◊ rud beag de ghaoth.

grad ◊ luath, obann.

an comhair a bheòil ◊ le a cheann an toiseach.

na dhian-ruith ◊ a’ ruith aig peilear a bheatha, cho luath a b’ urrainn dha.

20

troigh ◊ faide dusan òirlich neo 30.48 ciadameadair.

rath ◊ fortan

air a thòir ◊ ga shireadh, ga lorg, ga theicheadh, ga shealg.

fionnar ◊ beagan fuar.

slugan ◊ sgòrnan, amhaich, muineal.

fàire ◊ an loidhne eadar tìr (neo muir) agus na speuran.

21

raon-rocaid ◊ làrach às am blosg rocaidean suas; ’s e an raon-rocaid as ainmeil air an Talamh am fear aig NASA ann an Cape Canaveral, Florida.

spreadhadh ◊ tighinn às a chèile gu luath fòineartach.

blosgadh ◊ fòrsa rudeigin a’ spreadhadh.

sgailc ◊ sgealp, sgleog, buille.

ghabh e thuige fhèin ◊ thàinig e a-steach air.

ùpraid ◊ othail, faram, buaireas.

22

cho luath ’s a th’ agad ◊ cho luath as urrainn dhut.

pailteas ◊ gu leòr.

rocaid-bhathair ◊ bathar: rudeigin a thèid an dèanamh neo a thèid am buain airson reic.

toradh ◊ rudeigin luachmhor a thèid a chruthachadh, a bhuain, a chruinneachadh.

23

smèid air ◊ a’ gluasadh làmh thall ’s a bhos mar shanas do chuideigin.

cnàmhach ◊ caol, sreang le a chnàmhan follaiseach fo a chraiceann.

ospag ◊ anail luath air a gabhail le iongnadh.

nach ann dhìot a tha an sealladh ◊ nach eil coltas dona ort.

cùm do bheul agad fhèin ◊ cùm do bheachdan agad fhèin.

gleansaidhean ◊ mìrean beaga meatailt gleansach, lainneireach, drilseach, boillsgeach.

24

dionach ◊ tèarmannach, seasgair, slan agus gun toll, comasach do dhìon.

dinichean ◊ briogais ghorm a chosg na gillean-cruidh anns na Stàitean Aonaichte an toiseach, ach tha a-nis coitcheann air feadh an t-saoghail.

saidse ◊ doras air long no air bata.

tomadach ◊ gu math mòr no trom.

gaoir ◊ pian no crith ghoirid làidir a thathar a’ faireachdainn le eagal.

àradh ◊ dà chabar le tarsnannain eatarra airson streap suas no sìos.

air ball ◊ gu h-obann, sa bhad.

dìrich ◊ sreap suas.

cagair ◊ bruidhinn ann an guth ìosail.

sporghail ◊ fuaim cuideigin a’ rùsladh mun chuairt.

25

casg ◊ stad.

ciste-laighe ◊ bogsa anns an cuirear corp marbh airson tòradh.

pronnadh ◊ bualadh, bruthadh.

claoidhte ◊ cianail sgìth.

fiughair ◊ coimhead air adhart ri rudeigin.

claonadh ◊ aomadh no cromadh gu aon taobh.

clag-gairmclag: inneal-ciùil meatailt a nì fuam le bualadh.

nach robhar an dùil ◊ nach robh daoine anns an fharsaingeachd an dùil.

gun cleachdte an seòmar ◊ gun cleachdadh daoine anns an fharsaingeachd an seòmar.

26

cuir rudeigin thuige ◊ cuir rudeigin air.

a leithid ◊ rudeigin colatach rithe.

bheir sinn ar casan linn ◊ falbhaidh sinn gu luath.

na biodh gnothach agad ris ◊ chan e do ghnothach-sa a th’ ann.

27

adhnadh ◊ lasadh

sgleòthach ◊ lèirsinn no fradharc mì-shoilleir.

luathachadh ◊ tomhas air mar a tha rudan a’ dol nas luaithe.

osna ◊ a’ leigeil anail le faothachadh neo le bròn.

galla ◊ cù boireann.

feòrachadh ◊ faighneach.

28

iomagain ◊ dragh.

às do rian ◊ craicte, às do chiall.

29

thoir brath air ◊ thoir fiosrachadh dìomhair seachad mu chuideigin.

air do thì ◊ air do thòir, gad shireadh.

lachan-gàire ◊ gàire mhòr.

sgaiteach ◊ searbh, geur.

30

dochair ◊ cron

faigh cuidhteas ◊ cuir rudeigin bhuat nach eil thu ag iarraidh.

leidheas ◊ cùram-slàinte, slànachadh.

31

cugallach ◊ air ghlugaman, mì-sheasmhach.

ròcail ◊ garbh.

dùrachdach ◊ làidir, cinnteach.

falamhachd ◊ àite gun àile.

sglò ◊ lionn tiugh bitheòlach.

32

leòn ◊ cron no damaist air chorp.

lèigh-losgadh ◊ a’ càradh leòn le teine no rudeigin teth.

gath ◊ sruthadh solais no rèididheachd.

33

ùghdarrasan ◊ na daoine an ceann chùisean ann an suidheachadh.

a dh’aona bheum ◊ sa bhad, aig a’ cheart àm.

an neul ◊ a’ call mothachadh.

Tha mi a’ cur romham briathrachas ùr a chur ris an fhaclair seo mean air mhean.
Cùmaibh sùil air!

4 Responses to Briathrachas Air Cuan Dubh Drilseach

  1. Thuirt Fionnghal:

    Abair leabhar math. 🙂 Cuin a bhios an ath fhear a’ nochdadh?
    leis gach deagh dhurachd
    Fionnghal

    • Thuirt lasairdhubh:

      A Fhionnghail chòir,
      Ceud mìle taing! Tha mi toilichte gun do chòrd e ruibh. Ghabh mi mòran tlachd às an sgrìobhadh agus bhiodh e math tighinn air ais dha na caractaran a-rithist. Chì sinn. ‘S ann a rèir dè ùine a th’ agam, ach bu toil leam nobhail eile a sgrìobhadh anns an aon t-saoghal gu cinnteach.
      le meas, Tim

  2. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Tim, a bheil thu luaidh air “time portal” idir ann an gin dhen litreachas agad? ‘S e “fosglan tìme” a chuirinn fhìn air, ach a bheil facal eile agads’ air?

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply