-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
An saibeorg a chluinneas dathan
Seo bhideo TED le Niel Harbisson, duine air a bheil ciorram àraid. ’S e seòrsa dallachd a th’ air, achromatopsia, agus chan urrainn dha dathan fhaicinn; chì e an saoghal ann an dubh is geal a-mhàin. ’S e neach-ealain agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Compressorhead
Compressorhead! Rachinn gu cuirm leotha gun amharas. Ròcamaid!!! Taing do dh’Alasdair airson brath mun bhideo.
Air a phostadh ann an ceòl, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
An dèidh ìoranais
Ge be na tha thu a’ saoilsinn mu Die Antwoord, còmhlan hip-hop Beurla/Afrikaans à Afraga a Deas, feumaidh tu aideachadh gu bheil an dòigh ’s gun tug iad ionnsaidh air an àrd-ùrlar an seo buileach maighstireil. Mhurt iad e. Tha … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an ceòl
Sgrìobh beachd
Na trì laghan aig robotaics…
Seo Isaac Asimov a’ mìneachadh nan trì laghan a mhol e do raon an robotaics. Chruthaich Asimov am facal ’robotaics’ agus bha fealsanachd agus teòraidh an robotaics na chùis-chùraim mheadhanach ann am mòran dhe na nobhailean a sgrìobh e, ach … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Atari Punk Console
Roimhe, chuir mi a’ cheist: ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh bheothail agus chruthachail? B’ urrainn dhut coimpiùtairean agus smachdairean a chleachdadh còmhla ri bathar-bog mar Ableton Live, mar a nì an Glitch Mob, ach nach … Cum ort a leughadh
Lìon ùr dha na robotan
’S e iomairt a th’ ann an RoboEarth a chum eadar-lìon ùr a thogail do robotan, lìon fa leth far am b’ urrainn do robotan conaltradh ri chèile agus ionnsachadh o chèile. Tha innealadairean agus rianairean RoboEarth an dòchas gun luathaich … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Baxter – an robot snog a ghoideas d’ obair ort
Seo robot saor a tha furasta prògramadh agus a nì obair fhactaraidh aig cosgais co-ionnan ri $4 an uair. Tha Baxter ri reic mar dhòigh gus obair a chumail anns na Stàitean, seach ga gluasad gu dùthchannan far a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Buillean eleactrònach às na sràidean
Ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò? Ciamar a nithear cuirm-chiùl bheòthail ocàideachail nuair a tha mòran dhen cheòl fhèin fo smachd choimpiùtairean, innealan-druma, sreathadairean agus a leithid? Seo an fhreagairt aig an Glitch Mob. A’ cleachdadh bathar-bog mar Ableton Live … Cum ort a leughadh
Am burrito as fheàrr ann an SF
Ann an San Fransisco, cha bhi thu a-riamh fada air falbh bho dheagh bhurrito, agus ’s ann anns El Castillito a gheibhear am fear as fheàrr. Mar a tha am pizza do New York, ’s ann mar sin a tha … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an SF
5 beachd(an)
A’ chiad leabhar a leugh mi…
Nuair a bha mi òg, bha trioblaidean ionnsachaidh agus trioblaidean leughaidh uabhasach orm, agus cha do thòisich mi leughadh idir gus an robh anns a’ chòigeamh bliadhna anns an sgoil, mu dhusan bliadhna a dh’aois. An uair sin, dh’ionnsaich mi … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
7 beachd(an)