-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
An t-Eilean Céin le Garbhan MacAoidh
O chionn greis, bha mi a’ leughadh an leabhair iomraitich aig Moray Watson, An Introduction to Gaelic Fiction, agus anns an earrainn dheth a-mach air na sgeulachdan goirid a nochd anns an iris, Gairm, thàinig mi thairis air iomradh air … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth
5 beachd(an)
Feur Buidhe an t-Samhraidh aig Bùth CnL
Bidh mi shìos ann an Glaschu aig Bùth Chomhairle nan Leabhraichean air Diardaoin, an 24mh dhen t-Sultain los bruidhinn mun darna nobhail agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh. Tòisichidh cùisean aig 7f agus thèid a’ bhùth a lorg aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Uaireannan is mi a’ faireachdainn cho trèigte…
Is fìor thoil leam a’ bhideo ùr seo bho na Chemical Brothers dhan òran aca, Sometimes I Feel So Deserted. Fiolm goirid ficsean-saidheans a tha e, agus boireannach saibeirneatach a’ teicheadh tron fhàsach. Tha mòran dhen aesthetic de Mad Max: … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Na Nobhailean Takeshi Kovacs aig Richard Morgan
’S ann à Sasainn a tha Richard Morgan, ach tha e a-nis a’ fuireach ann an Alba. ’S e Altered Carbon a’ chiad nobhail aige, agus a’ chiad nobhail anns an trianachd a sgrìobh e mun charactar, Takeshi Kovacs, saighdear marsanta ann … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, SF
Sgrìobh beachd
Treasamh ràith de Dhìlleachdan Dubh anns an RA?
Don chuid nach do dh’fhiosraich e fhathast, is e Orphan Black am prògram ficsean-saidheans as fhèarr air TBh on a chaidh an dreach ùr de Battlestar Galactica a chraoladh. Tha an sgrìobhadh glic; tha Tatiana Maslany gun chosmhail a’ cluich … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans
1 bheachd
Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein
Tha iomadh ìre de sructar aig cànan. Aig a’ cheann shìos, tha feartan mar fhuaimneachadh agus pròsaid [prosody]; aig a’ mheadhan ìre tha feartan mar ghràmar agus briathrachas; agus aig a’ cheann shuas, tha na h-àrd-sructaran mar ghnàthasan-cainnte, sructaran conaltraidh agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Facal dealachaidh nan Bhulcanach
Chan eil mi nis nam Treckie mòr mar a b’ àbhaist dhomh a bhith, ach chunna mi an abairt seo ann an Dwelly’s (t.d. 871) agus dh’fheumainn a dhèanamh…
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans
2 beachd(an)
An Lìon Neuranail
Anns na nobhailean Cultair aig Iain M. Bank, tha muinntir a’ Chultair ceangailte ri chèile agus ris na longan-fànais ghlice aca tro eadar-aghaidh ann an riochd lìon neuranail innealta air fhighe nan eanchainn. ’S urrainn dha na caractaran aig Banks fiosrachadh a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
9 beachd(an)
Ficsean-saidheans anns a’ Chuimris
Anns a’ Boston Globe an-dè, dh’aithris Britt Patterson mun aiseiridh a thathas a’ faicinn ann am ficsean-saidheans anns a’ Chuimris an-dràsta. Thug Patterson iomradh sònraichte air an nobhail ùir fhicsean-saidheans, Un Man, le Joanna Davies, a choisinn leabhar na mìosa le Comhairle … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
1 bheachd
Luaithead-teicidh?
Bha mi a’ leughadh tro Dwelly an latha eile — dhiup, chan eil beatha agam — agus thachair mi ris an fhacal, teòthad, ga mhìneachadh le Dwelly mar degree of heat, agus thàinig e a-steach orm, duh … sin a’ Ghàidhlig … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans
5 beachd(an)