-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
3, 2, 1 … farpais!
Tha STEALL a’ cumail farpais anns a’ chiad eagran dhen iris ùir aca, agus an duais: fo-sgrìobhadh fad-bheatha! ’S e sin duais luach £120. Agus tha e ro shoirbh. Chan fheumar ach còig cheistean a fhreagairt mu litreachas ùr na Gàidhlig … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Bogadh STEALL 1.3
Cha d’fhuair mi fhìn cothrom a dhol dhan bhogadh mu dheireadh aig STEALL 1, am fear ann an Dùn Èideann. Is coltach gun robh e air leth soirbheachail. Chaidh earrann dheth a chlàradh, Niall O’Gallagher a’ bruidhinn ri Wilson McLeod, agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Fèis Litreachais aig Oilthigh Ghlaschu
Bha fior dheagh thuras agam an-dè a’ bruidhinn aig an fhèis bhig litreachais a chaidh a chumail aig Oilthigh Ghlaschu. B’ e tachartas litreachais car eadar-dhealaichte a bh’ ann dhomh, anns an t-seagh ’s nach robh mi a’ bruidhinn cus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Bogadh STEALL 1.2.2
Tha an sianail Youtube Gurnnurn air bhideo a chur suas dhiom a’ bruidhinn aig an dàrna bogadh aig STEALL ann an Inbhir Nis, ann an conaltradh ri Iain MacIllechiar còir agus a-mach air sgrìobhadh sreathach mar phòsadh eadar sgrìobhadh nobhail agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
Sgrìobh beachd
Bogadh STEALL 1.2
Bha oidhche bogaidh eile gu math soirbheachail aig STEALL ann an Inbhir Nis. Fhuair mi lioft le Meg Bateman às an Eilean Sgitheanach an dèidh obair, agus fhuair sin ann dìreach ann an àm. Leugh Maoilios Caimbeul agus Meg, agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
Sgrìobh beachd
Bogadh STEALL 1.1
Abair oidhche a bh’ aig STEALL ann an Glaschu Diardaoin! Theich mi bho obair air an trèana bhon Chaol mu 12f, an dùil Glaschu a ruigsinn còrr is uair thràth, ach los gun robh duilleagan fliucha air an rèile, chaill … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
Sgrìobh beachd
An Luingeas Dorcha air Fàire
Tha e a’ toirt gàirdeachas mòr dhomh innse gum bi an nobhail ùr agam a’ tighinn a-mach ann an sreath am broinn na irise ùire, STEALL. An Luingeas Dorcha air Fàire as ainm dhi, agus ’s ann innte a bhios sinn … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
1 bheachd
A’ còmhradh ri Matthew Fitt an Dùn Dè
https://twitter.com/literarydundee/status/789727713359720448 Bha cothrom agam tachairt ri Matthew Fitt aig Fèis Litreachais Dhùn Dè an-dè. Bha deagh chòmhradh againn air an àrd-ùrlair, le Pàdraig MacAoigh sa chathair. Chaidh an ùine seachad cho luath! Is duilich nach robh barrachd tìde againn do … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
Sgrìobh beachd
Air ais ann am BÁC
Bha e aibhseach math a bhith air ais ann am Baile Átha Cliath seachdain sa chaidh. Dihaoine, bha cothrom agam bruidhinn ri Alan Titley mu ACDD, aig tachartas aig Coláiste na Tríonóid. Tha e coltach gu bheil sinn a’ bruidhinn ri … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Bogadh STEALL ann an Glaschu
Innsibh dha ur caraidean! Bidh a’ chiad bhogadh aig an iris litreachais ùir, STEALL, ga chumail aig Siempre Bicycle Cafe, Partaig (ri taobh Fo-thalamh Kelvinhall), Glaschu, aig 7.00f air Diardaoin, 27 an Dàmhair. Bidh mi fhìn, Seonag Monk, Robbie Anndra, Padraig MacAoidh, agus Maureen NicLeoid a’ … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
1 bheachd