Bogadh STEALL 1.1

timarmstrong_steallAbair oidhche a bh’ aig STEALL ann an Glaschu Diardaoin! Theich mi bho obair air an trèana bhon Chaol mu 12f, an dùil Glaschu a ruigsinn còrr is uair thràth, ach los gun robh duilleagan fliucha air an rèile, chaill mi trèanaichean, agus cha do ruig mi an café ach gu beagan mhionaidean mus do thòisich am fleadh. Chaill mi am bogadh aig an leabhar ùr aig Niall O’Gallagher, agus is truagh sin, ach nuair a thàinig mi a-steach, bha am partaidh air bhoil agus an t-àite loma làn ghaisgeach Gàidhlig Glaschu.
img_20161027_193652527
Cha chreid mi gun robh oidhche cho spòrsail agam ann an greis mhòr. Bha faireachdainn cho bàigheil ann agus a h-uile duine moiteil à Lisa Storey agus à muinntir ChLÀR air fad leis cho grinn, brèagha ′s a tha an iris ùr. Rinn mi an leughadh agamsa agus bha cothrom agam èisteachd ri Seonag Monk a’ leughadh a’ phìos cianail èibhinn, drùidhteach aicese, Maureen NicLeòid a’ leughadh sgeulachd ghoirid ùr le Alasdair a’ Bhocsair, Pàdraig MacAoidh a’ leughadh cuid dhen bhàrdachd ùir aicesan, agus òran Gàidhlig ùr le Robbie Anndra MacLeòid. Dhearg an t-òran aig Robbie Anndra orm gu làidir, agus gun do sgrìobh e òran ann an stoidhle nuadh ach le comhardadh ceart Gàidhlig, rud nach eil idir cumanta anns an latha an-diugh.
steall_crowd
Ma chaill sibh am fleadh ann an Glaschu, ach sibh faisg air Inbhir Nis, cuimhnichibh gum bi bogadh eile ann, bogadh Steall 1.2, an ath sheachdain, Dimàirt, a’ chiad latha dhen t-Samhainn, aig 7f, ann an Artysans Café, le Aonghas Mac a’ Phì a’ seinn na pìoba, Maoilios Caimbeul agus Meg Bateman a’ leughadh, agus Iain MacIllechiar mar fhear an taighe. Ged nach bi mi fhìn a’ leughadh, thuirt Meg gum faighinn lioft sa chàr aice, agus mar sin, bidh mi ann agus deiseil airson partaidh mhòr.
stealllaunch
Dealbhan le Shelagh Chaimbeul.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply