Bha e aibhseach math a bhith air ais ann am Baile Átha Cliath seachdain sa chaidh. Dihaoine, bha cothrom agam bruidhinn ri Alan Titley mu ACDD, aig tachartas aig Coláiste na Tríonóid. Tha e coltach gu bheil sinn a’ bruidhinn ri seòmar falamh, ach ann an da-rìribh, bha 20–30 daoine an làthair, agus bha deagh chòmhradh againn. Tha Alan uabhasach fiosrachail agus èibhinn. Ghabh sinn tòrr spòrs.
Tha mi air an trèana gu Dùn Dè an-dràsta, agus bidh mi a’ bruidhinn a-màireach aig 11m . Ma tha sibh faisg, gun tig sibh ann!
Dealbh le Rob Dunbar.