Fèis Litreachais aig Oilthigh Ghlaschu

timglaschuBha fior dheagh thuras agam an-dè a’ bruidhinn aig an fhèis bhig litreachais a chaidh a chumail aig Oilthigh Ghlaschu. B’ e tachartas litreachais car eadar-dhealaichte a bh’ ann dhomh, anns an t-seagh ’s nach robh mi a’ bruidhinn cus mun fhicsean agam fhìn, ach na àite, a’ bruidhinn ri buidheann de luchd-ionnsachaidh air leughadh agus sgrìobhadh mar dhòigh ionnsachaidh, agus cuideachd, rud beag mu na beachdan agam mun nobhail Ghàidhlig mar iomairt. Bha mi a’ cur argamaid reusanta dàna air adhart, nach miste luchd-ionnsachaidh amas gu h-àrd agus smaoineachadh air sgrìobhadh nobhail anns a’ Ghàidhlig mar cheann-ùidhe, mar dhòigh dhaibh a bhith a’ gabhail sealbh pearsanta air a’ chànan ùr aca, agus mar dhòigh a bhith a’ ruigsinn àrd-fhileantas. Tha mi an dòchas nach do mheas iad gun robh mi as mo rian, ach ma mheas, bha iad tuilleadh is modhail a ràdh. Chaidh a’ bhùth-obrach a chumail ann an togalach na Gàidhlig aig an oilthigh, ann an seòmar beag seasgair, le langasaid agus cathraichean cofhurtail dhuinn. Bha e uile gu lèir taitneach agus tha mi gu mòr an comain Shelagh Chaimbeul agus Abigail Lightbody a chur an tachartas air dòigh.

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s