Bogadh STEALL 1.2

meg_bBha oidhche bogaidh eile gu math soirbheachail aig STEALL ann an Inbhir Nis. Fhuair mi lioft le Meg Bateman às an Eilean Sgitheanach an dèidh obair, agus fhuair sin ann dìreach ann an àm. Leugh Maoilios Caimbeul agus Meg, agus sheinn Aonghas Mac a’ Phì a’ phìob, uile fo stiùireadh Iain MacIllechiar a bha anns a’ chathair. Cha robh mi fhìn an dùil leughadh, ach chaidh iarraidh orm ann an ruith a’ ghnothaich, agus tha mi an dòchas nach do rinn mi masladh às. Bha an sgeulachd aig Maoilios uabhasach inntinneach, ga sgrìobhadh ann an sruth-inntinn, agus ged a leugh mi an sgeulachd aig Meg mar thà, bha e fiù ’s na b’ fheàrr èisteachd rithe beò. Tha rudeigin cho taitneach mun dòigh leughaidh aig Meg.
inbhirnis_trangBha an café loma làn iomairtichean Gàidhlig Inbhir Nis, sean is òg, agus dìreach coltach ri Glaschu, bha faireachdainn dàimheil air an tachartas air fad. Chuir mi fhìn, Meg, John is Lisa Storey, agus Iain Wentworth crìoch air an oidhche aig an taigh-seinnse ùr aig Black Isle Brewery. ’S e taigh-seinnse glan, mòr, fosgailte, le mòran dighe annasach gun alcol. Ghabh mi fhìn rudeigin sùbh-craoibh, builgeanach a bha ùrachail agus an dearbh rud a bha a dhìth. Agus an rud a b’ fheàrr mun àite: bha àmhainn phiotsa aca. Bha e ro anmoch agus mar sin, cha d’fhuair mi cothrom am piotsa aca fheuchainn; feumaidh mi dol air ais!
inbhirnis_trang_2 Dh’iomain mi fhìn an càr dhachaigh, agus ged a bha na daimh a’ feuchainn ri mo chur tuathail, a’ leum nar rathad aig a’ mhionaid mu dheireadh agus iad cho tiugh ri ìm mu thaigh-òsta Chluanaidh, fhuair sinn dhachaigh slàn, sàbhailte. Abair gun robh mi claoidhte aig obair an ath latha, ach b’ fhiach e.


Cuimhnichibh gum bi am bogadh mu dheireadh aig STEALL 1 ann an Dùn Èideann air Dihaoine, an 18mh dhen t-Samhain, aig 50 Cearnag Sheòrais, Oilthigh Dhùn Èideann, aig 8f. Cha dearg mi fhìn air tighinn ann, ach air fianais nan tachartasan ann an Glaschu agus Inbhir Nis, tha e a’ dol a bhith math!

Deabhan le @BBCIainMac@LiamAlastair, agus @alisonlang. Bhideoan le Gurnnurn. Mìle taing!

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply