Category Archives: naidheachd

Bogadh STEALL 1.2.2

Tha an sianail Youtube Gurnnurn air bhideo a chur suas dhiom a’ bruidhinn aig an dàrna bogadh aig STEALL ann an Inbhir Nis, ann an conaltradh ri Iain MacIllechiar còir agus a-mach air sgrìobhadh sreathach mar phòsadh eadar sgrìobhadh nobhail agus … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Bogadh STEALL 1.2

Bha oidhche bogaidh eile gu math soirbheachail aig STEALL ann an Inbhir Nis. Fhuair mi lioft le Meg Bateman às an Eilean Sgitheanach an dèidh obair, agus fhuair sin ann dìreach ann an àm. Leugh Maoilios Caimbeul agus Meg, agus … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Bogadh STEALL 1.1

Abair oidhche a bh’ aig STEALL ann an Glaschu Diardaoin! Theich mi bho obair air an trèana bhon Chaol mu 12f, an dùil Glaschu a ruigsinn còrr is uair thràth, ach los gun robh duilleagan fliucha air an rèile, chaill … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

An Luingeas Dorcha air Fàire

Tha e a’ toirt gàirdeachas mòr dhomh innse gum bi an nobhail ùr agam a’ tighinn a-mach ann an sreath am broinn na irise ùire, STEALL. An Luingeas Dorcha air Fàire as ainm dhi, agus ’s ann innte a bhios sinn … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

A’ còmhradh ri Matthew Fitt an Dùn Dè

https://twitter.com/literarydundee/status/789727713359720448 Bha cothrom agam tachairt ri Matthew Fitt aig Fèis Litreachais Dhùn Dè an-dè. Bha deagh chòmhradh againn air an àrd-ùrlair, le Pàdraig MacAoigh sa chathair. Chaidh an ùine seachad cho luath! Is duilich nach robh barrachd tìde againn do … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Air ais ann am BÁC

Bha e aibhseach math a bhith air ais ann am Baile Átha Cliath seachdain sa chaidh. Dihaoine, bha cothrom agam bruidhinn ri Alan Titley mu ACDD, aig tachartas aig Coláiste na Tríonóid. Tha e coltach gu bheil sinn a’ bruidhinn ri … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Bogadh STEALL ann an Glaschu

Innsibh dha ur caraidean! Bidh a’ chiad bhogadh aig an iris litreachais ùir, STEALL, ga chumail aig Siempre Bicycle Cafe, Partaig (ri taobh Fo-thalamh Kelvinhall), Glaschu, aig 7.00f air Diardaoin, 27 an Dàmhair. Bidh mi fhìn, Seonag Monk, Robbie Anndra, Padraig MacAoidh, agus Maureen NicLeoid a’ … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Steall!

Tha naidheachd air leth agam an-diugh: thèid iris litreachail ùr a chur air bhog aig deireadh na mìosa, iris litreachail Ghàidhlig, agus bidh rosg bhuamsa na broinn! Chan urrainn dhomh cus a ràdh aig an ìre seo, ach thig barrachd naidheachd … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 5 beachd(an)

The Celtic Sociolinguistics Symposium

Èireannachaibh! Bidh mi ann am Baile Átha Cliath an ath sheachdain, agus mar phàirt dhen cho-labhairt, The Celtic Sociolinguistics Symposium, bidh mi fhìn agus Alan Titley a’ bruidhinn mu sgrìobhadh agus foillseachadh ficsein anns a’ Ghàidhlig. ’S e tachartas gu … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Fèis Litreachais Dhùn Dè

Tha mi toilichte innse gum bi mi a’ nochdadh aig Fèis Litreachais Dhùn Dè am bliadhna, air an Dihaoine, 21 an Dàmhair, aig 11m ann an Talla a’ Bhanna, Oilthigh Dhùn Dè. Bidh mi air an àrd-urlar còmhla ri Matthew Fitt, fear a sgrìobh nobhail fhicsean-saidheans … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd