Category Archives: naidheachd

Transparencies agus Air Cuan Dubh Drilseach; Oidhche litreachais aig an t-Sabhal Mhòr

Bidh mi fhìn agus Meg Bateman a’ cur ar leabhraichean air bhog ri chèile ann an Slèite, anns an sgìre againn fhìn, aig cuirm shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Diciadain, 28 An Lùnastal aig 7.30 f.  Bidh Meg a’ comharrachadh … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Foillseachadh Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann

Thèid taisbeanadh sònraichte a chumail aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann a’ comharrachadh a h-uile leabhar a chaidh am foillseachadh anns a’ Ghàidhlig am bliadhna.  B’ e bliadhna iongantach torach a bh’ ann do litreachas na Gàidhlig, ach bliadhna de chaochladh … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Memrise … ceum air cheum

Tha mi fhathast ag obair air a’ chùrsa air Memrise. (Faicibh geàrr-chunntas an seo.) Tha mi air a’ mhòr-chuid dhen bhriathrachas ann an Caibideil II a chur a-steach, agus tha mi a-nis a’ feuchainn ri barrachd fhuaimean a chur ann. … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Ùr-Sgeul anns an Albannach

Ann an alt anns an Albannach, tha Alasdair Caimbeul air cunntas a dhèanamh air Ùr-sgeul agus air an sàr obair a rinn John Storey gu sònraichte ann an ath-bheothachadh na nobhail Gàidhlig.  Tha John ìorsail mar as àbhaist, ach thug … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

ARC

Thàinig barrachd dhen agallamh a rinn mi le Paul Cockburn a-mach an clò air blog aig an iris air-loidhne, ARC. Debut science fiction novels are not uncommon, but there’s one thing that immediately sets Seattle-born Tim Armstrong’s On a Glittering … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)

Bogadh Punc ann an Dùn Èideann

A’ togail air a’ bhogadh sgoinneil a rinn sinn ann an Glaschu seachdain sa chaidh, chaidh ACDD a chur air bhog dà thuras eile ann an stoidhle punc Disathairne ann an Dùn Èideann.  Air an fheasgar, chluich Oi Polloi cuirm … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | 1 bheachd

Bella Caledonia

Ron bhogadh aig Aye Write ann an Glaschu, bhruidhinn mi ri Paul Cockburn mu ACDD agus sgrìobh e deagh alt a tha dìreach air nochdadh ann am Bella Caledonia.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Dùn Èideann

Tha an latha agus oidhche chraicte a’ teannadh oirnn.  Seo am postair as ùire.

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd

Bogadh ACDD aig Aye Write! ann an Glaschu

Chaidh ACDD a chur air bhog gu h-oifigeil aig oidhche sgoinneil aig an fhèis-leabhair, Aye Write!, ann an Glaschu.  Bha Aonghas Dubh MacNeacail anns a’ chathair, a’ cumail chùisean a’ dol le beachdan smaoineachail air an nobhail agus fealla-dhà cuideachd.  … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Ròcadh air a’ bhàta ann an Dùn Èideann

[NAIDHEACHD ÙR -Talla Ùr Oidhche Shathairne] Chaidh a dhearbhadh an-diugh gu bheil ‘talla’ ùr againn dhan cuirm-bhogaidh Oidhche-shathairne, an 27mh ann an Dùn Èideann: am bàta The Cruz ann an Lìte.  Bidh againn ri beagan airgead a chosg air màl … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc | Sgrìobh beachd