-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Category Archives: naidheachd
Leabhar ‘s Craic
Bidh an fhèis litreachais, Leabhar ’s Craic, a’ tachairt am bliadhna aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu aig 350 Sràid Sauchiehall air 22d latha dhen Mhàrt bho meadhan latha, agus bidh mi fhìn ann air dà adhbhar: sa chiad dol-a-mach, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
2 beachd(an)
Raidió Fáilte
Bidh agallamh leam ga chraoladh air Raidió Fáilte feasgar an-diugh aig 4. Bidh mi a’ bruidhinn ri Máirín ann an Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann mu dheidhinn ACDD, ficsean-saidheans agus litreachas anns a’ Ghàidhlig. Tha Raidió Fáilte ga chraoladh air an … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Cùrsa leughaidh aig City Lit ann an Lunnainn
Thèid cùrsa leughaidh a chumail aig City Lit ann an Lunnainn, a’ cleachdadh ACDD mar bhun-theacsa a’ chùrsa. Chan eil cus fiosrachaidh agam fhathast mun chùrsa, ach na tha air a’ chlàr-theagaisg, ach tha e dìreach sgoinneil fhaicinn gu bheil … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
5 beachd(an)
Lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh
Chaidh lèirmheas le Raghnall MacIlleDhuibh fhoillseachadh anns an Albannach Disathairne sa chaidh. Mhol e ACDD gu mòr, ach gu mì-fhortanach, cha do nochd an lèirmheas (no gin dhe na h-uilt Ghàidhlig bho Dhisathairne sa chaidh) air an làraich-lìn aca. Tha … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Lèirmheas le Moray Watson
Sgrìobh Moray Watson lèirmheas smaoineachail inntinneach air ACDD a chaidh fhoillseachadh ann an Northwords Now am mìos seo (Autumn 2013, #25). Seo am beachd aige air cuspairean na nobhail: Air Cuan Dubh Drilseach seems light and pacy to read, but … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Alt anns an Everett Herald
Chaidh deagh alt a sgrìobhadh mu ACDD agus mu dhuais Comann Crann na h-Alba le Julie Muhlstein aig an Everett Herald, am pàipear ionadail againn ann am Mukilteo, am baile beag far an do thogadh mi.
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Sanas ùr le CLÀR
Rinn CLÀR pòstar ùr airson ACDD agus seallaibh air na dathan sin! Sgoinneil. Seo dreach PDF dheth cuideachd.
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
ACDD aig Comann Crann na h-Alba
Tha mi uabhasach toilichte innse gun do bhuannaich ACDD an duais, A’ Chiad Leabhar As Fheàrr, aig Comann Crann na h-Alba, Dihaoine! Chaidh an duais a roinn eadar ACDD agus As Far as I Can See le Eunice Buchanan. Bha … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
Sgrìobh beachd
Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba
Thèid Fleadh Duaisean Comann Crann na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mhitchell air an 14mh latha dhen t-Samhain, aig 4.30f. Carson nach tig sibh ann! Seo an cuireadh agus ’s ann air a gheibhear seòladh puist-d na tè a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
Lèirmheasan bho Liam Alastair Crouse agus Laura Florence Jones
Rinneadh dà lèirmheas air ACDD an seachdain seo, fear le Liam Alastair Crouse aig Cànain, Clò, is Cleachdadh, agus fear eile le Laura Florence Jones aig Publishthings. Rinn Liam ceum ann an Ceiltis agus ann an Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
Sgrìobh beachd