Category Archives: Ficsean-saidheans

Uaireannan is mi a’ faireachdainn cho trèigte…

Is fìor thoil leam a’ bhideo ùr seo bho na Chemical Brothers dhan òran aca, Sometimes I Feel So Deserted. Fiolm goirid ficsean-saidheans a tha e, agus boireannach saibeirneatach a’ teicheadh tron fhàsach. Tha mòran dhen aesthetic de Mad Max: … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Na Nobhailean Takeshi Kovacs aig Richard Morgan

’S ann à Sasainn a tha Richard Morgan, ach tha e a-nis a’ fuireach ann an Alba. ’S e Altered Carbon a’ chiad nobhail aige, agus a’ chiad nobhail anns an trianachd a sgrìobh e mun charactar, Takeshi Kovacs, saighdear marsanta ann … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, SF | Sgrìobh beachd

Treasamh ràith de Dhìlleachdan Dubh anns an RA?

Don chuid nach do dh’fhiosraich e fhathast, is e Orphan Black am prògram ficsean-saidheans as fhèarr air TBh on a chaidh an dreach ùr de Battlestar Galactica a chraoladh. Tha an sgrìobhadh glic; tha Tatiana Maslany gun chosmhail a’ cluich … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Facal dealachaidh nan Bhulcanach

Chan eil mi nis nam Treckie mòr mar a b’ àbhaist dhomh a bhith, ach chunna mi an abairt seo ann an Dwelly’s (t.d. 871) agus dh’fheumainn a dhèanamh…

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Ficsean-saidheans anns a’ Chuimris

Anns a’ Boston Globe an-dè, dh’aithris Britt Patterson mun aiseiridh a thathas a’ faicinn ann am ficsean-saidheans anns a’ Chuimris an-dràsta. Thug Patterson iomradh sònraichte air an nobhail ùir fhicsean-saidheans, Un Man, le Joanna Davies, a choisinn leabhar na mìosa le Comhairle … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

No Man’s Sky

Sgrìobh mi post o chionn greis mu dhubh-fhacail Fermi agus air a’ chuspair sin, mholainn a’ bhideo ùr spòrsail seo aig Kurz Gesagt: Anns a’ phost a sgrìobh mi, shònraich mi aon fhuasgladh inntinneach dhan dubh-fhacail, agus ’s e sin gum fàsadh fìorachd ghu-bhith cho … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Ne: neon no nìon? Ceist a’ bhriathrachais theicinigich sa Ghàidhlig

Speactram slàn nìon, Coitcheannas Cruthachail le Jan Homann An rèis cànanachais agus soiseochànanachais, is cinnteach nach coinnichear ri cuspair cho tòcail connspaideach ri dealbhadh corpais. Bho shusbaint na cuspair, cha bhite an dùil ris. Tha dealbhadh-corpais cho tioram fuar, air an uachdar co-dhiù, ach … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 9 beachd(an)

Eachtradh agus litreachas eachtrannach

The earliest novelists discovered adventure. Thanks to them we find adventure itself beautiful and wish to have it. — Milan Kundera, The Art of the Novel, 1986, td. 122. As dèidh dhomh am post mu dheireadh a sgrìobhadh agus as dèidh … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 29 beachd(an)

Ficsean saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann

Thug Fearghas MacFhionnlaigh alt inntinneach dham aire, Science Fiction and Fantasy in the Irish Language le Philip O’Leary aig Colaiste Boston anns na Stàitean. Tha an t-alt beagan sean a-nis, ach a’ sgrìobhadh ann an 2005, mheas O’Leary nach robh mòran ficsean-saidheans ann an … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 6 beachd(an)

Beachlann Shrutha

Na innsibh dhomh nach e ficsean-saidheans a tha seo! Seallaibh air an dealbh ùr do bheachlann a tha seo. Leigidh na beachlannan snasail seo leat mil a bhuain gun a bhith a’ cur dragh air na beachan agus gun bhuaireas mòr. Thòisich mi … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)