Category Archives: Ficsean-saidheans

An Luingeas Dorcha air Fàire

Tha e a’ toirt gàirdeachas mòr dhomh innse gum bi an nobhail ùr agam a’ tighinn a-mach ann an sreath am broinn na irise ùire, STEALL. An Luingeas Dorcha air Fàire as ainm dhi, agus ’s ann innte a bhios sinn … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

A’ còmhradh ri Matthew Fitt an Dùn Dè

https://twitter.com/literarydundee/status/789727713359720448 Bha cothrom agam tachairt ri Matthew Fitt aig Fèis Litreachais Dhùn Dè an-dè. Bha deagh chòmhradh againn air an àrd-ùrlair, le Pàdraig MacAoigh sa chathair. Chaidh an ùine seachad cho luath! Is duilich nach robh barrachd tìde againn do … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Sgrìobh beachd

Steall!

Tha naidheachd air leth agam an-diugh: thèid iris litreachail ùr a chur air bhog aig deireadh na mìosa, iris litreachail Ghàidhlig, agus bidh rosg bhuamsa na broinn! Chan urrainn dhomh cus a ràdh aig an ìre seo, ach thig barrachd naidheachd … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 5 beachd(an)

Fèis Litreachais Dhùn Dè

Tha mi toilichte innse gum bi mi a’ nochdadh aig Fèis Litreachais Dhùn Dè am bliadhna, air an Dihaoine, 21 an Dàmhair, aig 11m ann an Talla a’ Bhanna, Oilthigh Dhùn Dè. Bidh mi air an àrd-urlar còmhla ri Matthew Fitt, fear a sgrìobh nobhail fhicsean-saidheans … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Na Balaich Bhiastail

An toiseach, cha robh mi cho dèidheil air na trailearan do Rogue One. Nuair a thàinig an trailear do The Force Awakens a-mach, choimhead mi iomadh uair e, agus bha mi air bhioran, ach cha robh an aon ireapais orm … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Akira 2016

Is gasta leam a’ bhideo seo. Tha i àlainn. Còmhla ri Blade Runner, bha Akira teis-meadhanach ann an stèidheachadh coltas lèirsinneach a’ genre ùr, saibeir-punc, anns na h-ochdadan. An seo, tha dithis air cuid dhe na seallaidhean as ainmeile anns … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Saorsa agus litreachas ùr na Gàidhlig

Tha Mark Ó Fionnáin air alt smaoineachail fhoillseachadh a tha a-mach air ACDD, agus na chois, rinn e meòrachadh air an t-saorsa a bheir litreachas nuadh dhan Ghàidhlig. ’S e an tràchdas aig Ó Fionnáin gun leudaich litreachas ùr a’ … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

#FÈISLITALBA

Ma chaill sibh an còmhradh eadar Meg is mi fhìn, seo e air youtube. Saoilidh mi gun deach e uabhasach math. Chì sibh na ceitean aig Google Hangout. Ar taing do #fèislitalba, do Laura a chuir air dòigh e, agus do … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

#SCOTLITFEST

Tha mi gu math toilichte innse gum bi mi fhìn is Meg Bateman a’ nochdadh aig tachartas ùr-nodha, Googlehangout aig #SCOTLITFEST. Cha do rinn mi a leithid a-riamh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a bhios e … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 3 beachd(an)

Ficsean sreathach

Tha mi air a bhith a’ cnuasachadh air ficsean sreathach mòran o chionn greis, agus mar thurchairt, dh’fhoillsich Nerdwriter a’ bhideo gu h-àrd beagan làithean air ais a-mach air an dearbh chuspair. Is toil leam na th’ aige ri ràdh mun chothrom a bheir ficsean sreathach dhan … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd