-
Ceòl às na Speuran
-
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Nad Aislingean
Drilseach -
Làraichean
-
CLÀR
Comhairle nan Leabhraichean
Heather Brennan
Phineas X Jones 



- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Roinnean-seòrsa
- ceòl (35)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Author Archives: lasairdhubh
An t-Adhar Ùr, le Dennis King
‘An t-Adhar Ùr,’ le Dennis King, Gairm 107, an Samhradh, 1979, tdd. 204–9. Nuair a leugh mi ‘An t-Adhar Ùr’, air ball, thug i an nobhail Solaris leis an ùghdar Phòlainneach, Stanislaw Lem, dham inntinn. Tha an dà sgeulachd mu … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth
1 bheachd
Leabhar-d ACDD
Tha mi gu math toilichte innse gu bheil ACDD ri fhaighinn a-nis mar leabhar-d (leabhar dideatach/dealain). Bha CLÀR air a bhith ag obair air an leabhar-d o chionn fhada agus tha mi uabhasach taingeil dhaibh gun do rinn iad an … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an naidheachd
Sgrìobh beachd
ACDD air Raidió na Life
B’ ann beagan sheachdainean air ais a rinn Róisín Adams on phrògram litreachais, Aon Scéal air Raidió na Life, agallamh le Eoin P. Ó Murchú mun eadar-theangachadh a tha e a’ dèanamh air ACDD bho Ghàidhlig na h-Alba gu Gàidhlig na h-Èireann, agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Innis Tìlich agus nobhailean
Ann an 2013, chaidh alt fhoillseachadh leis a’ BhBC a dh’agair gum biodh neach às gach deichnear ann an Innis Tìle air nobhail fhoillseachadh rè am beatha. B’ e ‘naidheachd bhreugach’ a bha sin ceart gu leòr, ach tha e iongantach … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
5 beachd(an)
Diostopach vs eutopach
Chaidh mi gu clas litreachais aig Mark Wringe an-diugh gus bruidhinn mu dheidhinn ficsean saidheans agus bha còmhradh sgoinneil againn anns an do thogadh iomadh cuspair inntinneach, nam measg, ceist mu dheidhinn ficsean-saidheans diostopach vs ficsean-saidheans eutopach agus mun phoileataics … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Akira
Choimhead mi am film Anime, Akira (1988), a-rithist aig an deireadh sheachdain. Còmhla ri Blade Runner (1982), tha Akira air làrach mhòr fhàgail air coltas saibeir-punc mar nòs ficsein-saidheans. Is fhada bhon a chunnaic mi mu dheireadh e, agus tha … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans
Sgrìobh beachd
Bith-spòltadh
“We believe that bio-hacking is the next phase of human evolution.” Beagan mhìltean tuath air baile m’ àraich, mu letheach slighe eadar Seattle agus Canada, tha Mt Vernon, WA, baile beag far a bheil Amal Graafstra a’ fuireach agus e a’ … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, saibeirneatachd
2 beachd(an)
Mr. Universe le Rob Shirley
’S e sgeulachd ghoirid fhicsean-saidheans a th’ ann an ‘Mr. Universe’ le Rob Shirley, a nochd ann an Gairm 46, ann an 1964, agus a tha inntinneach mar eisimpleir de dh’fhicsean saidheans ‘bog’ no ‘sòisealta’ anns a’ Ghàidhlig, sgeulachd a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth
2 beachd(an)
NÓS air STEALL
Sgrìobhadh deagh lèirmheas air STEALL le Eoin P. Ó Murchú anns an iris Èireannaich, NÓS, agus e a-mach, am measg nithean eile, air an nobhail ùir sreathaich agamsa: Ceann de na rudaí is mó a raibh dúil agam féin ann ná an dara … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd
1 bheachd
Azuma Kikari
Suidhichte àiteigin eadar iongantach agus tiamhaidh, tha Gatebox, seòrsa ‘bean-taighe mhas-fhìor’ agus neach-taice pearsanta ann an riochd caractar Anime hologràmach a tha air a chuimseachadh air fir òga Sheapanach nach eil pòsta. Is coltach gu bheil e a’ sìor fhàs nas cumanta gum … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
1 bheachd