Tha mi gu math toilichte innse gu bheil ACDD ri fhaighinn a-nis mar leabhar-d (leabhar dideatach/dealain). Bha CLÀR air a bhith ag obair air an leabhar-d o chionn fhada agus tha mi uabhasach taingeil dhaibh gun do rinn iad an saothair seo. Tha e iongantach dhomh, ach is coltach nach e gnìomh dìreach, soirbh a th’ ann idir, ma tha thu ag iarraidh a dhèanamh gu math. Bu chòir dha a bhith furasta, ach tha tòrr obrach ann, a’ dèanamh cinnteach gu bheil coltas ceart air an teacsa eadar na h-iomadh diofar innealan a leughas leabhraichean-d. Tha e ri fhaighinn an toiseach air Amazon, agus ged nach eil CLÀR no mi fhìn idir dèidheil air an ochd-chasach chalpach sin, tha sinn ag aontachadh gu bheil e cudromach gu bheil an aon seasamh aig nobhailean Gàidhlig ri nobhailean Beurla. Tha CLÀR an dòchas gum bi an leabhar-d ri cheannach air an làraich aca fhèin an ceann greis bheag, ma tha sibh ag iarraidh Amazon a sheachnadh uile gu lèir.
Agus ma tha sibh air an leabhar-d a cheannach, ciamar a tha e? Tha e coltach, le Kindle App, gum b’ urrainnear an leabhar-d a leughadh air I-Pad, air fòn-làimhe Android, neo air coimpiutair-glùìn. Dè an coltas air air an inneal agaibh fhèin? Leig fios dhuinn!