Mr. Universe le Rob Shirley

greigich

’S e sgeulachd ghoirid fhicsean-saidheans a th’ ann an ‘Mr. Universe’ le Rob Shirley, a nochd ann an Gairm 46, ann an 1964, agus a tha inntinneach mar eisimpleir de dh’fhicsean saidheans ‘bog’ no ‘sòisealta’ anns a’ Ghàidhlig, sgeulachd a tha a-mach barrachd air ceistean feallsanachdail mun chomann anns a’ bheil sinn beò, na tha i a-mach air ceistean mu shaidheans no mu theicneòlas, mar a bhiodh ficsean-saidheans ‘cruaidh’. Agus ged is cluinnear innte mic-talla air cuid dhe na teamaichean aig Aldous Huxley no aig Ray Bradbury, tha na prìomh cheistean aig Shirley uile gu lèir sònraichte dhàsan agus dhan luchd-leughaidh aige. Ann am ‘Mr. Universe’, tha Shirley a’ faighneachd: dè tha sònraichte mu na Gàidheil agus ciamar a bu chòir dha na Gàidheil rèite a dhèanamh ris na h-atharrachaidhean mòra sòisealta a thig an lùib an t-saoghail nuaidh, nan dèanadh iad rèite ris idir?

Tha ‘Mr. Universe’ stèidhichte ann an saoghal a tha, is dòcha, beagan bhliadhnaichean bhuainn fhathast, far a bheil e comasach do dh’itealan (no do ‘bhàta-adhair’) siubhail eadar Glaschu agus Lunnainn ann an trì mionaidean deug agus far a bheil mac an duine air fad aontaichte fo aon riaghaltas domhanta, le cathair-bhaile ann an Los Angeles. Tha sinn a’ leantainn Dòmhnall Mòr, Gàidheal às na h-Eileanan, a tha air turas a Lunnainn a’ sireadh beatha ùr. Is coltach gur e na Gàidheil (agus na h-Inuit gu neònach) na h-aon daoine air an talamh a tha air diùltadh gabhail ris an rian sòisealta ùr, agus na Gàidheil fhathast an sàs ann an croitearachd, a’ pòsadh aon chèile, a’ creidsinn ann an Dia, agus fiù ’s, a’ cosg fhèilidhean.

Air an itealan, tha Dòmhnall a’ tachairt ri duine beag, am fear-stiùiridh, agus an dèidh dha magadh air Dòmhnall leis cho fada air cùl an t-seanachais ’s a tha e, tha am fear-stiùiridh a’ mìneachadh gu bheil e fhèin an sàs ann am farpais mhòr eadar-nàiseanta anns an taghar ‘Mr. Universe’, le duais deich millean dollar na cois, agus àite anns an riaghaltas dhan fhear a bhuannaicheas. Leis cho mòr, tapaidh ’s a tha Dòmhnall, tha am fear-stiùiridh a’ faighneachd dha am bu toil leis pàirt a ghabhail anns an fharpais. An toiseach, tha Dòmhnall ga dhiùltadh, ach tha am fear-stiùiridh dìorrasach, ga theicheadh mu cuairt Lunnainn, agus aig a’ cheann thall, tha Dòmhnall a’ gèilleadh agus ag aontachadh gun gabh e pàirt innte.

Tha sinn ag ionnsachadh gum feum na farpaisichean strì an aghaidh a chèile ann an còig deuchainnean fa leth, agus anns a’ chiad trì: togail chudruim, leum is ruith, agus eireachdas, tha Dòmhnall a’ dèanamh meadhanach math, ged a tha fear Iapanach beagan air toiseach air. Tha am fear-stiùiridh gun dragh ge tà, oir tha e cinnteach gun dèan Dòmhnall as fheàrr anns a’ cheathramh deuchainn: fearalas. Chan eil e idir soilleir dè seòrsa deuchainn a th’ ann chun na mionaid mu dheireadh, ach nuair thig fichead nighean a-steach dhan raon chòmhstri, is iad dearg rùisgte, tha Dòmhnall a’ tuigsinn gur e seòrsa farpais feise a th’ ann, agus tha e air uabhasachadh:

Dhùin Dòmhnall a shùilean gus an sealladh draosda fhuadach bho a chogais, agus e air chrith leis an tàmailt ’s an oillt. (td. 136)

Tha am fear Iapanach a’ gabhail grèim air Dòmhnall agus a’ feuchainn ri a shadail dha na nigheanan, ach tha Dòmhnall a’ fàs feargach agus a’ gabhail dhan triùir eile anns an fharpais le a dhùirn, a’ dèanamh na cùise orra agus a’ buannachadh an tiotail, Mr Universe, anns an aon ghnìomh.

Ged nach e ficsean saidheans cruaidh a th’ ann, tha e iongantach leughadh mu chuid dhe na ro-innseachan cuimseach a rinn Shirley ann an 1964, nam measg, gum biodh sanasan-reice do luchd-obrach feise air teilidhean ann an taighean-òsta agus gum biodh cabhsairean gluasadach ann am puirt-adhair. Ach cha b’ e beachdachadh air teicneòlas ùr fòcas na sgeulachd seo idir. B’ e an t-amas aig Shirley teachdaireachd shoilleir shòisealta a thoirt seachad agus b’ e sin nach bu chòir dhan Ghàidheil gabhail ris an t-saoghal nuadh ma bhios sin a’ ciallachadh gun tèid an truailleadh leis. Aig deireadh an sgeòil, nuair a bhuannaicheas Dòmhnall an tiotal, Mr Universe, tha e a’ diùltadh na duaise agus a’ tilleadh dha na h-Eileanan, air a sgreamheachadh leis an fharpais fheise, agus on sin, tuigidh an leughadair gu bheil Shirley am beachd, mas e drabastachd a th’ ann am prìs adhartais, b’ fheàirrde na Gàidheil cumail dlùth ri seann chultar nan sinnsirean.

Ged nach eil mi fhìn idir a’ dol leis an teachdaireachd aig Shirley a thaobh glèidhteachais agus cultar nan Gàidheal, chan eil teagamh ann gur e sgeulachd dheuchainneach, adhartach a tha seo, gu h-àraidh a thaobh litreachas na Gàidhlig ann an 1964. Sgrìobh Shirley sgeulachd a bha na ro-shealladh air an litreachas inbheach-òg, dhiostopach a tha air fàs cho bitheanta anns an aona linn air fhichead, dha leithid The Hunger Games, agus bha Shirley gu math dàna aig an àm a bhith a-mach air feis ann an dòigh cho fosgailte anns a’ Ghàidhlig. Thuig Shirley mar a chleachdar ficsean saidheans gus bruidhinn mu cheistean sòisealta, agus a thaobh shlatan-tomhais 1964, sgrìobh e sgeulachd a dh’obraich glè mhath anns an alt sin agus a bha na tlachd a leughadh, eadhan ged nach rachainn leis an fheallsanachd a thàinig na cois.

Chaidh seo a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Mr. Universe le Rob Shirley

  1. Thuirt Steaphan:

    abair gu bheil na beusan aig a’ charactar seo caran bun os cionn. Air uabhasachadh le feis, ach chan eil dragh sam bith aige gabhail air càch le a dhùirn, ’s an leadraigeadh. Sin an trioblaid le muinntir na h-àird an iar, ’s iad a ’sgaoileadh an t-soisgeil, ma b’fhìor feadh an t-saoghail rè nan linntean colònianach. Cha robh dragh a’ choin orra am fòirneart a bu dhèistinniche a chleachdadh an ainm Dhè ach ghabhadh iad òrrais ron t-sealladh a bu nàdarra a bh’ ann – colann luirmeach a’ chinne-dhaonna!

    Tha reatoraic Dhòmhnaill Iain Trump car san aon roinn de chealgaireachd. Luaidh e air crìostachd is gràs Dhè air an dàrna làimh, ach cuideachd bhruidhinn e mu bhith “a’ dubhadh às Ioslam radaigeach far uachdar na Talmhainn”! Seo “cogadh-croise” an latha an-diugh, ach an dà thaobh a cheart cho claon ris an taobh eile ’nam beachdan mu fheis!

    • Thuirt lasairdhubh:

      A thaobh feallsanachd, tha mi a’ dol leat. Chanainn gu bheil an dà-sgaradh sin cumanta san chultar againn air fad, gu h-àraidh ann an dùthaich mo bhreith, gu bheil feis fhosgailte fada nas maoidhich na fòirneart. Bhiodh e inntinneach nan tigeadh Rob Shirley fhèin a-steach dhan chòmhradh. Bhiodh ùidh agam anns na beachdan aige fhèin air a’ cheist, a bheil e fhathast, ann an 2016, a’ dol le teachdaireachd an seann sgeòil aige. A thaobh na sgeulachd, chòrd e rium gu mòr, agus b’ e duine cudromach a bh’ ann ann an eachdraidh FS Ghàidhlig thràth. Thaitinn an sgrìobhadh aige rium gu sònraichte. Tha stoidhle fior mhath aige.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s