Bith-spòltadh

“We believe that bio-hacking is the next phase of human evolution.”

Beagan mhìltean tuath air baile m’ àraich, mu letheach slighe eadar Seattle agus Canada, tha Mt Vernon, WA, baile beag far a bheil Amal Graafstra a’ fuireach agus e a’ reic acainn a chleachdar ann an bith-spòltadh aig an taigh. Is toil leam a’ bhideo seo air dà adhbhar: air sàilleabh ’s gu bheil e a’ toirt sealladh seachad air beatha ann an Iar Thuath nan Stàitean Aonaichte mun cuairt air Seattle far an do thogadh mi (le bàtaichean-aiseig, coilltean tiugha agus eileanan beaga brèagha); agus cuideachd, air sàilleabh ’s gu bheil an teicneolas aig Graafstra a’ beantainn ri dà chuspair anns a bheil ùidh agam an-dràsta: teàrainteachd dhideatach agus tar-daonnachd. Saoilidh mi, agus leis a’ bhiast orains anns an Taigh Gheal, gur e an t-àm a th’ ann a bhith a’ smaoineachadh nas doimhne air prìomhaideachd air-loidhne agus cripte-grafachd, cuspairean a lorgas mi gu math doilleir agus doirbh, eadhan ged a bha mi nam rianaire-siostaim UNIX uair nam bheatha. Nach biodh e math nam biodh dòigh shoirbh ann na h-iuchraichean cripte-grafach uile a chumail ann an aon àite, gu litireil ri làimh, nad chorp fhèin? Dhèanadh sin teàrainteachd dhideatach fada na b’ fhasa, nam bharail. Dè ur beachd?

Cuideachd, dè ur beachd air ‘spòltadh’ mar Ghàidhlig air ‘hacking’? Tha iomadh facal againn a tha a’ ciallachadh ‘hacking’ sa Ghàidhlig air alt air choreigin, ach saoilidh mi gu bheil ‘spòltadh’ a’ riochdachadh brìgh a’ bhun-bheachd as fheàrr. A rèir an OED, b’ e seo a’ chiad iomradh air a’ bhun-bheachd ann an clò, bho Tech (MIT):

1963   Tech (Massachusetts Institute of Technology) “Many telephone services have been curtailed because of so-called hackers… The hackers have accomplished such things as tying up all the tie-lines between Harvard and MIT, or making long-distance calls… One method involved connecting the PDP-1 computer to the phone system to search the lines until a dial tone, indicating an outside line, was found.”

Neo-ar-thaing nach eil ‘hacaigeadh’ againn no rudeigin dhen leithid, agus chan eil mi daonnan an aghaidh tar-litreachadh air faclan bhon Bheurla ann an dealbhadh-corpais na Gàidhlig, ach saoilidh mi leis an fhacal ‘hacking’ tha deagh chothrom againn facal tùsach a chleachdadh a thàinig bhon Ghàidhlig fhèin. Dè ur beachd?

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, saibeirneatachd | 2 beachd(an)

Mr. Universe le Rob Shirley

greigich

’S e sgeulachd ghoirid fhicsean-saidheans a th’ ann an ‘Mr. Universe’ le Rob Shirley, a nochd ann an Gairm 46, ann an 1964, agus a tha inntinneach mar eisimpleir de dh’fhicsean saidheans ‘bog’ no ‘sòisealta’ anns a’ Ghàidhlig, sgeulachd a tha a-mach barrachd air ceistean feallsanachdail mun chomann anns a’ bheil sinn beò, na tha i a-mach air ceistean mu shaidheans no mu theicneòlas, mar a bhiodh ficsean-saidheans ‘cruaidh’. Agus ged is cluinnear innte mic-talla air cuid dhe na teamaichean aig Aldous Huxley no aig Ray Bradbury, tha na prìomh cheistean aig Shirley uile gu lèir sònraichte dhàsan agus dhan luchd-leughaidh aige. Ann am ‘Mr. Universe’, tha Shirley a’ faighneachd: dè tha sònraichte mu na Gàidheil agus ciamar a bu chòir dha na Gàidheil rèite a dhèanamh ris na h-atharrachaidhean mòra sòisealta a thig an lùib an t-saoghail nuaidh, nan dèanadh iad rèite ris idir?

Tha ‘Mr. Universe’ stèidhichte ann an saoghal a tha, is dòcha, beagan bhliadhnaichean bhuainn fhathast, far a bheil e comasach do dh’itealan (no do ‘bhàta-adhair’) siubhail eadar Glaschu agus Lunnainn ann an trì mionaidean deug agus far a bheil mac an duine air fad aontaichte fo aon riaghaltas domhanta, le cathair-bhaile ann an Los Angeles. Tha sinn a’ leantainn Dòmhnall Mòr, Gàidheal às na h-Eileanan, a tha air turas a Lunnainn a’ sireadh beatha ùr. Is coltach gur e na Gàidheil (agus na h-Inuit gu neònach) na h-aon daoine air an talamh a tha air diùltadh gabhail ris an rian sòisealta ùr, agus na Gàidheil fhathast an sàs ann an croitearachd, a’ pòsadh aon chèile, a’ creidsinn ann an Dia, agus fiù ’s, a’ cosg fhèilidhean.

Air an itealan, tha Dòmhnall a’ tachairt ri duine beag, am fear-stiùiridh, agus an dèidh dha magadh air Dòmhnall leis cho fada air cùl an t-seanachais ’s a tha e, tha am fear-stiùiridh a’ mìneachadh gu bheil e fhèin an sàs ann am farpais mhòr eadar-nàiseanta anns an taghar ‘Mr. Universe’, le duais deich millean dollar na cois, agus àite anns an riaghaltas dhan fhear a bhuannaicheas. Leis cho mòr, tapaidh ’s a tha Dòmhnall, tha am fear-stiùiridh a’ faighneachd dha am bu toil leis pàirt a ghabhail anns an fharpais. An toiseach, tha Dòmhnall ga dhiùltadh, ach tha am fear-stiùiridh dìorrasach, ga theicheadh mu cuairt Lunnainn, agus aig a’ cheann thall, tha Dòmhnall a’ gèilleadh agus ag aontachadh gun gabh e pàirt innte.

Tha sinn ag ionnsachadh gum feum na farpaisichean strì an aghaidh a chèile ann an còig deuchainnean fa leth, agus anns a’ chiad trì: togail chudruim, leum is ruith, agus eireachdas, tha Dòmhnall a’ dèanamh meadhanach math, ged a tha fear Iapanach beagan air toiseach air. Tha am fear-stiùiridh gun dragh ge tà, oir tha e cinnteach gun dèan Dòmhnall as fheàrr anns a’ cheathramh deuchainn: fearalas. Chan eil e idir soilleir dè seòrsa deuchainn a th’ ann chun na mionaid mu dheireadh, ach nuair thig fichead nighean a-steach dhan raon chòmhstri, is iad dearg rùisgte, tha Dòmhnall a’ tuigsinn gur e seòrsa farpais feise a th’ ann, agus tha e air uabhasachadh:

Dhùin Dòmhnall a shùilean gus an sealladh draosda fhuadach bho a chogais, agus e air chrith leis an tàmailt ’s an oillt. (td. 136)

Tha am fear Iapanach a’ gabhail grèim air Dòmhnall agus a’ feuchainn ri a shadail dha na nigheanan, ach tha Dòmhnall a’ fàs feargach agus a’ gabhail dhan triùir eile anns an fharpais le a dhùirn, a’ dèanamh na cùise orra agus a’ buannachadh an tiotail, Mr Universe, anns an aon ghnìomh.

Ged nach e ficsean saidheans cruaidh a th’ ann, tha e iongantach leughadh mu chuid dhe na ro-innseachan cuimseach a rinn Shirley ann an 1964, nam measg, gum biodh sanasan-reice do luchd-obrach feise air teilidhean ann an taighean-òsta agus gum biodh cabhsairean gluasadach ann am puirt-adhair. Ach cha b’ e beachdachadh air teicneòlas ùr fòcas na sgeulachd seo idir. B’ e an t-amas aig Shirley teachdaireachd shoilleir shòisealta a thoirt seachad agus b’ e sin nach bu chòir dhan Ghàidheil gabhail ris an t-saoghal nuadh ma bhios sin a’ ciallachadh gun tèid an truailleadh leis. Aig deireadh an sgeòil, nuair a bhuannaicheas Dòmhnall an tiotal, Mr Universe, tha e a’ diùltadh na duaise agus a’ tilleadh dha na h-Eileanan, air a sgreamheachadh leis an fharpais fheise, agus on sin, tuigidh an leughadair gu bheil Shirley am beachd, mas e drabastachd a th’ ann am prìs adhartais, b’ fheàirrde na Gàidheil cumail dlùth ri seann chultar nan sinnsirean.

Ged nach eil mi fhìn idir a’ dol leis an teachdaireachd aig Shirley a thaobh glèidhteachais agus cultar nan Gàidheal, chan eil teagamh ann gur e sgeulachd dheuchainneach, adhartach a tha seo, gu h-àraidh a thaobh litreachas na Gàidhlig ann an 1964. Sgrìobh Shirley sgeulachd a bha na ro-shealladh air an litreachas inbheach-òg, dhiostopach a tha air fàs cho bitheanta anns an aona linn air fhichead, dha leithid The Hunger Games, agus bha Shirley gu math dàna aig an àm a bhith a-mach air feis ann an dòigh cho fosgailte anns a’ Ghàidhlig. Thuig Shirley mar a chleachdar ficsean saidheans gus bruidhinn mu cheistean sòisealta, agus a thaobh shlatan-tomhais 1964, sgrìobh e sgeulachd a dh’obraich glè mhath anns an alt sin agus a bha na tlachd a leughadh, eadhan ged nach rachainn leis an fheallsanachd a thàinig na cois.

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | 2 beachd(an)

NÓS air STEALL

Sgrìobhadh deagh lèirmheas air STEALL le Eoin P. Ó Murchú anns an iris Èireannaich, NÓS, agus e a-mach, am measg nithean eile, air an nobhail ùir sreathaich agamsa:

Ceann de na rudaí is mó a raibh dúil agam féin ann ná an dara leabhar sa tsraith ‘Air Cuan Dubh Drilseach’ (ACDD).

Tá Tim Armstrong, a scríobh an chéad úrscéal ficsean eolaíochta i nGaeilge na hAlban, anois ag foilsiú ‘An Luingeas Dorcha air Fàire’ ina shraith ar STEALL.

Is féidir scéal sgoinneil A-Hiom, Sàl agus Rìosa a leanúint i STEALL.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Azuma Kikari

Suidhichte àiteigin eadar iongantach agus tiamhaidh, tha Gatebox, seòrsa ‘bean-taighe mhas-fhìor’ agus neach-taice pearsanta ann an riochd caractar Anime hologràmach a tha air a chuimseachadh air fir òga Sheapanach nach eil pòsta. Is coltach gu bheil e a’ sìor fhàs nas cumanta gum mair inbhich òga ann an Seapan singilte, gun chèile no leannan, agus mar thoradh, gu bheil fèill air a leithid neach-taice phearsanta, coltach ri Siri no Echo, ach cuideachd air a phrògramadh a bhith a’ dèanamh fearas-cuideachd do dhaoine a tha nan aonar aig an taigh. Chan eil Gatebox idir saor — £2056 airson ro-òrdugh — agus tha e smaoineachail gu bheil daoine a-mach an sin a tha deònach a leithid a chosg air caraid mas-fhìor. Saoil, leis an leasachadh luath a tha a’ dol air adhart ann an robotachd an-dràsta, dè cho fad ’s a bhios e gus am bi caraidean Anime coltach ri Gatebox air a’ mhargaid, ach robotach agus cruthach seach hologràmach agus mas-fhìor?

anime

Via Boingboing.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 1 bheachd

3, 2, 1 … farpais!

farpais
Tha STEALL a’ cumail farpais anns a’ chiad eagran dhen iris ùir aca, agus an duais: fo-sgrìobhadh fad-bheatha! ’S e sin duais luach £120.  Agus tha e ro shoirbh. Chan fheumar ach còig cheistean a fhreagairt mu litreachas ùr na Gàidhlig ro 31/01/2017. Gheibh sibh na ceistean uile anns an iris fhèin, agus tha barrachd fiosrachaidh mun fharpais air an làrach-lìn aca, steall.online.

dealbh cc3.0 Amandajm
Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Bogadh STEALL 1.3

Cha d’fhuair mi fhìn cothrom a dhol dhan bhogadh mu dheireadh aig STEALL 1, am fear ann an Dùn Èideann. Is coltach gun robh e air leth soirbheachail. Chaidh earrann dheth a chlàradh, Niall O’Gallagher a’ bruidhinn ri Wilson McLeod, agus chithear a’ bhideo gu h-ìosal:

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Fèis Litreachais aig Oilthigh Ghlaschu

timglaschuBha fior dheagh thuras agam an-dè a’ bruidhinn aig an fhèis bhig litreachais a chaidh a chumail aig Oilthigh Ghlaschu. B’ e tachartas litreachais car eadar-dhealaichte a bh’ ann dhomh, anns an t-seagh ’s nach robh mi a’ bruidhinn cus mun fhicsean agam fhìn, ach na àite, a’ bruidhinn ri buidheann de luchd-ionnsachaidh air leughadh agus sgrìobhadh mar dhòigh ionnsachaidh, agus cuideachd, rud beag mu na beachdan agam mun nobhail Ghàidhlig mar iomairt. Bha mi a’ cur argamaid reusanta dàna air adhart, nach miste luchd-ionnsachaidh amas gu h-àrd agus smaoineachadh air sgrìobhadh nobhail anns a’ Ghàidhlig mar cheann-ùidhe, mar dhòigh dhaibh a bhith a’ gabhail sealbh pearsanta air a’ chànan ùr aca, agus mar dhòigh a bhith a’ ruigsinn àrd-fhileantas. Tha mi an dòchas nach do mheas iad gun robh mi as mo rian, ach ma mheas, bha iad tuilleadh is modhail a ràdh. Chaidh a’ bhùth-obrach a chumail ann an togalach na Gàidhlig aig an oilthigh, ann an seòmar beag seasgair, le langasaid agus cathraichean cofhurtail dhuinn. Bha e uile gu lèir taitneach agus tha mi gu mòr an comain Shelagh Chaimbeul agus Abigail Lightbody a chur an tachartas air dòigh.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd