OH!CON 2026

Ma bhios sibh faisg air Steòrnabhagh air Disathairne an treasamh latha dhen Dàmhair, tha mi a’ dol a bhith a’ bruidhinn anns an t-seisean Ghàidhlig aig OH!CON 2026. Nach tig sibh ann! Cha robh mi a-riamh aig a’ cho-labhairt seo, agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr rithe. Chan eil mi buileach cinnteach fhathast dè seòrsa cruth a bhios air an t-seisean againn, ach ’s e an tiotal aige:“’S iomadh aon a mheall mi don bhrugh le binneas mo chiùil”: A’ cruthachadh sgeulachdan tuairmeasach Gàidhlig dhan 21mh linn, agus saoilidh mi gu bheil e a’ dol a bhith aibheiseach math!

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply