Iomall le Alistair Paul

Dh’fhoillsich Nathaniel Harrington lèirmheas smaoineachail air Iomall le Alasdair Paul anns a’ Glasgow Review of Books seachdain sa chaidh a thug e orm beachdachadh bu dòcha gum bu chòir dhomh an leabhar aige a leughadh a-rithist. Thug Alasdair còir cothrom dhomh a leughadh mar dhreach corra bhliadhna air ais mar thaic ri pìos air ficsean-saidheans Gàidhlig a bha mi a’ sgrìobhadh aig an àm. Chòrd e rium gu mòr an uair sin, agus bha mi toilichte nuair a chunnaic mi gun tàinig e a-mach an clò o chionn greis. Rinn Luath Press deagh obair air a dhealbhadh, le còmhdach àlainn. Tha e glè tharraingeach, saoilidh mi. Mar sin, tha mi a’ dol a cheannach leth-bhreac, agus tha mi a’ dèanamh fiughar ri coinneachadh ris na sgeulachdan aige a-rithist. Mholainn an lèirmheas aig Nathaniel Harrington, agus mholainn Iomall, cuideachd. Tha e uamhasach math!

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply