
B’ e neard DnD uabhasach a bh’ annam nuair a bha mi òg. Thachair mi ris a’ gheama reusanta tràth na eachdraidh, mu ’80 – ’81 bu dòcha. Tha na seann leabhraichean, air an caitheamh gu mòr, fhathast ann an dachaigh mo phàrantan ann am badeigin. Bha mi a’ smaoineachadh uime a-raoir, is mi nam shìneadh nam leabaidh, gun chadal, is a’ caitheamh ùine a’ coimhead sgudail air an eadar-lìon. Bhuail mi air bhideo de Stephen Colbert ga iomairt, agus thug e air ais mi gu làithean m’ òige.
Bidh cuid dhe na h-oileanaich agam a’ ruith iomairt anns a’ Ghàidhlig, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin dìreach sgoinneil, agus gu math iomchaidh cuideachd. Nach tàinig mòran dhen chultar ùr-sgeulachd (fantasaidh) seo bho chultar nan Gàidheal co-dhiù, gu sònraichte bhon fhicsean aig J.R.R. Tolkien a bha a’ fuireach ann an Eige greis nuair a bha e ag obair air Tighearna nan Fàinne.
Bruigheann — mar as àbhaist, ’s e dìreach ‘toll-dubh’ a th’ againn air dungeon, ach lorg mi am facal ‘buigheann’ seo fhad ’s a bha mi a’ leughadh An Ubhal as Àirde, le Wilson McLeod agus Michael Newton. Is coltach gur e gnè de sgeulachdan na Fèinne a bh’ ann an sgeulachdan nam bruigheann, anns an rachadh an Fhiann a-steach ann an taigh seunta fon talamh (bruigheann) agus bhiodh aca ri strì an aghaidh shìthichean is uile-biastan. (tdd. 143-9) Gu math coltach ri DnD dhomhsa!
Teintidh — a-rithist, ged a chleachdamaid dìreach ’dràgon’ mar bu trice air dragon sa Ghàidhlig, lorg mi ‘teintidh’ ann an Dwelly (td. 944), agus tha e a’ còrdadh rium fada nas fheàrr, am facal fhèin a’ toirt ìomhaigh na bèiste dham inntinn gu soilleir.






Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gum bi an leabhar eachdraidh ùr agam, Às na Freumhan:
Tha mi toilichte a ràdh gu bheil
Ciamar a bhiodh eadh, nam faigheamaid cuidhteas gnè agus na tuisealan ann an Gàidhlig? Thòisich mi a’ smaoineachadh air an ceist seo an dèidh dhomh alt a leughadh anns an 






