Carson nach sgrìobh mi nobhail?

Am bliadhna, fhuair mi cothrom bhideo a chlàradh dhan fhèis sgrìobhaidh, StoryCon, agus seo e! ’S e seo a’ chiad bhideo dhen ghnè seo a rinn mi a-riamh, ga chlàradh air an iPad agam agus ga dheasachadh anns a’ phrògram dheasaiche-bhideo thùs-fosgailte, OpenShot. Thug e fada ro fhada. Bha e gu sònraichte doirbh na fo-thiotalan a dhèanamh, ach tha mi car moiteil às, mar a’ chiad oidhirp agam. Dè ur barail?

’S e fèis sgrìobhaidh a th’ ann an StoryCon do dheugairean ann an Alba, agus tha i ga cumail an-dè agus an-diugh, air loidhne am bliadhna leis an dùthaich fo ghlais fhathast. Rinn iomadh ùghdar bhideoan dhi, agus gheibhear iad uile air an làraich youtube aca a-nis.

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to Carson nach sgrìobh mi nobhail?

  1. Thuirt GunChleoc:

    Mòran taing airson iomradh a thoirt air OpenShot. Chan eil e ach 1959 facal is feuchaidh mi gun cuir mi a’ Ghàidhlig air.

    Tha deasaiche eile ann a tha mi air eadar-theangachadh cheana – b’ urrainn dhut fheuchainn dè an deasaiche a dh’obraicheas nas fheàrr dhut

    https://shotcut.org/

    Cùm ort leis an deagh obair! 🙂

    • Thuirt lasairdhubh:

      Sgoinneil! Bheir mi sùil air Shotcut gun teagamh. Aon rud nach robh aig OpenShot, b’ e white balance. Chì thu air cùl mo chinn, dath a’ bhalla ghil ag atharrachadh tron latha. Ach sin gu aon taobh, bha OpenShot glè mhath agus furasta a chleachdadh. Tha mi an dòchas gum faigh thu cothrom Gàidhlig a chur air!

      • Thuirt GunChleoc:

        Dhìochuimhnich mi nach seall launchpad.net na faclan ach na segments, mar sin ’s e 4516 facal a th’ ann aig deireadh na sgeòil. On a tha sinn ri cunntas faclan, tha 1299 dhiubh deiseil agam, seo 62% dhen phrìomh-fhaidhle.

        Tha Shotcut beagan nas gìogaidhe agus feumaidh tu “Criathragan” a chleachdadh airson nan èifeachdan, a’ gabhail a-staigh àirde na fuaime is msaa. Tha white balance aige ge-tà 🙂

      • Thuirt GunChleoc:

        Ma tha thu dàna gu leòr, tha a’ Ghàidhlig air na daily builds aig OpenShot a-nis:

        https://www.openshot.org/download/#daily

        Gabh tlachd às 🙂

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s