Bruidhnean is Teintidhean

Bruidhnean is teintidhean
B’ e neard DnD uabhasach a bh’ annam nuair a bha mi òg. Thachair mi ris a’ gheama reusanta tràth na eachdraidh, mu ’80 – ’81 bu dòcha. Tha na seann leabhraichean, air an caitheamh gu mòr, fhathast ann an dachaigh mo phàrantan ann am badeigin. Bha mi a’ smaoineachadh uime a-raoir, is mi nam shìneadh nam leabaidh, gun chadal, is a’ caitheamh ùine a’ coimhead sgudail air an eadar-lìon. Bhuail mi air bhideo de Stephen Colbert ga iomairt, agus thug e air ais mi gu làithean m’ òige.

Bidh cuid dhe na h-oileanaich agam a’ ruith iomairt anns a’ Ghàidhlig, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin dìreach sgoinneil, agus gu math iomchaidh cuideachd. Nach tàinig mòran dhen chultar ùr-sgeulachd (fantasaidh) seo bho chultar nan Gàidheal co-dhiù, gu sònraichte bhon fhicsean aig J.R.R. Tolkien a bha a’ fuireach ann an Eige greis nuair a bha e ag obair air Tighearna nan Fàinne.

Bruidhean — mar as àbhaist, ’s e dìreach ‘toll-dubh’ a th’ againn air dungeon, ach lorg mi am facal ‘buidhean’ seo fhad ’s a bha mi a’ leughadh An Ubhal as Àirde, le Wilson McLeod agus Michael Newton. Is coltach gur e gnè de sgeulachdan na Fèinne a bh’ ann an sgeulachdan nam bruidhean, anns an rachadh an Fhiann a-steach ann an taigh seunta fon talamh (bruidhean) agus bhiodh aca ri strì an aghaidh shìthichean is uile-biastan. (tdd. 143-9) Gu math coltach ri DnD dhomhsa!

Teintidh — a-rithist, ged a chleachdamaid dìreach ’dràgon’ mar bu trice air dragon sa Ghàidhlig, lorg mi ‘teintidh’ ann an Dwelly (td. 944), agus tha e a’ còrdadh rium fada nas fheàrr, am facal fhèin a’ toirt ìomhaigh na bèiste dham inntinn gu soilleir.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Bruidhnean is Teintidhean

  1. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Gheibhear “Beist-an-dubh-ghiubhais” air dràgon à beul-aithris Chatach, agus “nathair-sgiathach” air a bharrachd air “dràgon” agus “teintidh”. Is dòcha gum buin “teintidh” do Ghàidhlig na h-Èireann o thùs? Cuideachd, an do chleachd thu “gainntir” air “dungeon” a-riamh? No, sloc na gainntir mar a th’ aig Dwelly air.

  2. Pingback: The Ultra Violet Grasslands and the Black City | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s