Apollo 16 a’ togail oirre

B’ urrainn dhomh uairean a chaitheamh a’ coimhead seann bhideoan de rocaidean a’ togail orra, agus am fear seo am measg na cuid as fheàrr leam, san t-seann nòs, daoine le blas deasach air an rèidio agus am faothachadh a chluinnear nan guthan nuair a thèid innse gu bheil i seachad air an tùr.  Bu i an Saturn V an t-inneal a bu cumhachdaich a rinneadh le mac-an-duine a-riamh agus cuiridh e gaoir tromham fhathast ga coimhead a’ blosgadh suas dhan ghealaich. Sgoinneil.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Mì-rùn mòr nam bitheòlach neo mì-thuigse neo-chionntach?

’S e innleadair agus duine leth-shaibeirneatach a th’ ann an Steve Mann a chosgas speuclairean sònraichte coimpiùtaireach, agus is coltach gun do dh’fhuiling e eucoir-ghràin ann am Pairios nuair a bha e ag ithe le a theaghlach aig McDonalds agus air sgàth nan leasachaidhean-cuirp a th’ aige.  A rèir Mann, dh’iarr luchd-obrach McDonalds gun toireadh e na speuclairean dheth fhad ’s a bha e anns an taigh-bhìdh (chan eil e soilleir carson), agus nuair a mhìnich e gun robh na speuclairean ceangailte gu buan ri a chorp, thug an luchd-obrach ionnsaidh air, a’ feuchainn ri na speuclairean a reubadh far a chinn.  Gu h-ìoranta, a chionn ’s gun robh na speuclairean air agus a’ clàradh na thachair, tha dealbhan aig Mann dhen ionnsaidh air fad agus an eucoir a rinn muinntir McDonalds.

Via Io9 agus reddit. Dealbh via wikipedia.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 1 bheachd