’S e innleadair agus duine leth-shaibeirneatach a th’ ann an Steve Mann a chosgas speuclairean sònraichte coimpiùtaireach, agus is coltach gun do dh’fhuiling e eucoir-ghràin ann am Pairios nuair a bha e ag ithe le a theaghlach aig McDonalds agus air sgàth nan leasachaidhean-cuirp a th’ aige. A rèir Mann, dh’iarr luchd-obrach McDonalds gun toireadh e na speuclairean dheth fhad ’s a bha e anns an taigh-bhìdh (chan eil e soilleir carson), agus nuair a mhìnich e gun robh na speuclairean ceangailte gu buan ri a chorp, thug an luchd-obrach ionnsaidh air, a’ feuchainn ri na speuclairean a reubadh far a chinn. Gu h-ìoranta, a chionn ’s gun robh na speuclairean air agus a’ clàradh na thachair, tha dealbhan aig Mann dhen ionnsaidh air fad agus an eucoir a rinn muinntir McDonalds.
Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean
- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom
- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD
Roinnean-seòrsa
- ceòl (31)
- corpas ficsean-saidheans (16)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (87)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (126)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (5)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Pingback: An saibeorg a chluinneas dathan | Air Cuan Dubh Drilseach