Chuir Oi Polloi clàr ùr a-mach o chionn ghoirid, Dùisg, agus seo a’ chiad bhideo às.
Fhuair mi leth-bhreac dhen CD fhèin bho Roddy Atomgevitter seachdain sa chaidh agus tha mi air a bhith ag èisteachd ris sa chàr bhon uair sin. ’S e clàr iomadach farsaing a th’ ann. Cho math ris an Oi! as dual dhaibh, tha òrain air a’ chlàr a tha nas coltaich ri US hardcore, neo cuid eile a tha coltach ri Metalica tràth — rudeigin ann dha na h-uile. Tha e craicte math agus a’ còrdadh rium nas fheàrr le gach èisteachd. Chanainn gur e Dùisg an CD punc Gàidhlig as fheàrr a chuala mi a-riamh agus e na cheum mòr air adhart do cheòl nuadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.
Via Tosgaid.
Pingback: Why I decided to become a Gael | Air Cuan Dubh Drilseach