Robot fèin-mhothachail neo duine innealta?

Nuair a thig an latha — agus thig an latha gun teagamh — a chruthaicheas sinn beatha shaibeirneatach fhèin-mhothachail, dè na còraichean a bhios aca?  An e tràillean a bhios annta neo co-ionnanaich?  Seo fiolm goirid drùidhteach a-mach air a’ cheist sin.

Via boingboing.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Dùisg!

Chuir Oi Polloi clàr ùr a-mach o chionn ghoirid, Dùisg, agus seo a’ chiad bhideo às.

Fhuair mi leth-bhreac dhen CD fhèin bho Roddy Atomgevitter seachdain sa chaidh agus tha mi air a bhith ag èisteachd ris sa chàr bhon uair sin.  ’S e clàr iomadach farsaing a th’ ann.  Cho math ris an Oi! as dual dhaibh, tha òrain air a’ chlàr a tha nas coltaich ri US hardcore, neo cuid eile a tha coltach ri Metalica tràth — rudeigin ann dha na h-uile.  Tha e craicte math agus a’ còrdadh rium nas fheàrr le gach èisteachd.  Chanainn gur e Dùisg an CD punc Gàidhlig as fheàrr a chuala mi a-riamh agus e na cheum mòr air adhart do cheòl nuadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Via Tosgaid.

Air a phostadh ann an ceòl | 1 bheachd

Apollo 16 a’ togail oirre

B’ urrainn dhomh uairean a chaitheamh a’ coimhead seann bhideoan de rocaidean a’ togail orra, agus am fear seo am measg na cuid as fheàrr leam, san t-seann nòs, daoine le blas deasach air an rèidio agus am faothachadh a chluinnear nan guthan nuair a thèid innse gu bheil i seachad air an tùr.  Bu i an Saturn V an t-inneal a bu cumhachdaich a rinneadh le mac-an-duine a-riamh agus cuiridh e gaoir tromham fhathast ga coimhead a’ blosgadh suas dhan ghealaich. Sgoinneil.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Mì-rùn mòr nam bitheòlach neo mì-thuigse neo-chionntach?

’S e innleadair agus duine leth-shaibeirneatach a th’ ann an Steve Mann a chosgas speuclairean sònraichte coimpiùtaireach, agus is coltach gun do dh’fhuiling e eucoir-ghràin ann am Pairios nuair a bha e ag ithe le a theaghlach aig McDonalds agus air sgàth nan leasachaidhean-cuirp a th’ aige.  A rèir Mann, dh’iarr luchd-obrach McDonalds gun toireadh e na speuclairean dheth fhad ’s a bha e anns an taigh-bhìdh (chan eil e soilleir carson), agus nuair a mhìnich e gun robh na speuclairean ceangailte gu buan ri a chorp, thug an luchd-obrach ionnsaidh air, a’ feuchainn ri na speuclairean a reubadh far a chinn.  Gu h-ìoranta, a chionn ’s gun robh na speuclairean air agus a’ clàradh na thachair, tha dealbhan aig Mann dhen ionnsaidh air fad agus an eucoir a rinn muinntir McDonalds.

Via Io9 agus reddit. Dealbh via wikipedia.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 1 bheachd