Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean




- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD

Roinnean-seòrsa
- ceòl (34)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Category Archives: saibeirneatachd
Bhideo-ciùil mun t-singilteachd
Tha an t-singilteachd na cuspair anns a’ bhideo-ciùil ùr seo le Steve Aoki. Tha na h-ìomhaighean ann sgoinneil, agus tha an ceòl craicte cruaidh cuideachd. Via io9.
Air a phostadh ann an ceòl, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
An inntinn domhanta lìonrach
Seo gif a chaidh a chruthachadh le botnet ana-mhòr mì-laghail a thaisbeineas dàta mu chleachdadh an eadar-lìn rè aon latha. Mar sin, tha an gif seo na dhealbh dhen eadar-lìon ann an seagh. Seo an inntinn domhanta lìonrach — nach … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
An saibeorg a chluinneas dathan
Seo bhideo TED le Niel Harbisson, duine air a bheil ciorram àraid. ’S e seòrsa dallachd a th’ air, achromatopsia, agus chan urrainn dha dathan fhaicinn; chì e an saoghal ann an dubh is geal a-mhàin. ’S e neach-ealain agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Compressorhead
Compressorhead! Rachinn gu cuirm leotha gun amharas. Ròcamaid!!! Taing do dh’Alasdair airson brath mun bhideo.
Air a phostadh ann an ceòl, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Na trì laghan aig robotaics…
Seo Isaac Asimov a’ mìneachadh nan trì laghan a mhol e do raon an robotaics. Chruthaich Asimov am facal ’robotaics’ agus bha fealsanachd agus teòraidh an robotaics na chùis-chùraim mheadhanach ann am mòran dhe na nobhailean a sgrìobh e, ach … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Lìon ùr dha na robotan
’S e iomairt a th’ ann an RoboEarth a chum eadar-lìon ùr a thogail do robotan, lìon fa leth far am b’ urrainn do robotan conaltradh ri chèile agus ionnsachadh o chèile. Tha innealadairean agus rianairean RoboEarth an dòchas gun luathaich … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Baxter – an robot snog a ghoideas d’ obair ort
Seo robot saor a tha furasta prògramadh agus a nì obair fhactaraidh aig cosgais co-ionnan ri $4 an uair. Tha Baxter ri reic mar dhòigh gus obair a chumail anns na Stàitean, seach ga gluasad gu dùthchannan far a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Robot fèin-mhothachail neo duine innealta?
Nuair a thig an latha — agus thig an latha gun teagamh — a chruthaicheas sinn beatha shaibeirneatach fhèin-mhothachail, dè na còraichean a bhios aca? An e tràillean a bhios annta neo co-ionnanaich? Seo fiolm goirid drùidhteach a-mach air a’ cheist … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Mì-rùn mòr nam bitheòlach neo mì-thuigse neo-chionntach?
’S e innleadair agus duine leth-shaibeirneatach a th’ ann an Steve Mann a chosgas speuclairean sònraichte coimpiùtaireach, agus is coltach gun do dh’fhuiling e eucoir-ghràin ann am Pairios nuair a bha e ag ithe le a theaghlach aig McDonalds agus … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
1 bheachd