Mearan is dàsachd

Bha mi a’ lorg facal ùr, spòrsail air “insanity” do sgeulachd a bha mi a’ sgrìobhadh an latha eile. Bha mi air cus feum a dhèanamh de na seann charaidean mar ‘cuthach’ is ‘boile’ agus bha mi a’ lorg facal a bha inntinneach, rud beag mì-àbhaisteach, ach fhathast ri leughadh ann an litreachas nach robh tuilleadh is sean, agus abair gun do lorg mi ionmhas:

Ó Maolalaigh, Roibeart (2014) Am Buadhfhacal Meadhan-Aoiseach Meranach agus mearan, mearanach, dàsachdach, dàsan(n)ach na Gaidhlig. Scottish Studies: 37, td. 183-206.

Cha robh mi eòlach air an alt seo aig Rob Ó Maolalaigh ach leugh mi a-raoir e agus cha chreid gun do ghabh mi tlachd cho mòr à alt sgoileireil ann an ùine fhada. Mholainn gu mòr e. Chan e cànanaiche eachdraidheil a th’ annam, agus mar sin, cha do thuig mi a h-uile rud mu na h-atharrachaidhean-fuaim a thug buaidh air an sgrùdadh, ach bha an litreachas agus an eachdraidh smaoineachail. Is duilich gu bheil Rob cho tang a’ ruith Oilthigh Ghlaschu. Nach biodh e math nam b’ urrainn dha altan mar seo a sgrìobhadh làn-ùine. Feumaidh sinn obair air clònadh.

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to Mearan is dàsachd

  1. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Tha thu craicte! a’ togail fhaclan meadhan-aoiseach ’son an latha a-màireach…uill uill 🙂
    co-dhiù, dè mu dheidhinn “air bàinidh”. sin agad facal air “in a frenzy” agus tha “madness” na lùib.

  2. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Cuideachd, ma tha thu fo chuthach, tha thu ‘insane” m.e. duine fo chuthach; ach, ma “ghabhas tu an cutbach”, tha an dearg fhearg ort.

  3. Thuirt lasairdhubh:

    Gu cinnteach, tha cuid dhe na faclan anns an alt ro shean, ach tha Rob a’ dèanamh argamaid gun deach cuid eile a chleachdadh suas gu toiseach na linne mu dheireadh. Is fior toil leam fuaim “dàsachd” gu sònraichte. Tha mi ag iarraidh ath-bheothachadh-san. Agus is toil leam bàinidh mar fhacal cuideachd. Tha faireachdainn gu math fiadhaich air.

    • Thuirt Steaphan MacRisnidh:

      “Gaelic names of Diseases and Diseased States”
      Dasacht, madness; “di-socht, i e. not silent; or dasocht = di-asocht,
      it is not at rest ” (Cor. 53), but see Mb.—boi dasachtach isintsleib
      (L. 76)—insania, Z. 771—isdo ddsact asberar (Wb. 9 b.).

      agus:
      Mer, a madman (Cor. 114), “akin to fj.up6{, in ben-mer, the mad
      woman (Sen., p. 52), and mearaidh i. amadan (O’Cl.) Meracht
      is madness, excitement, or irritability in Irish, but with us (Scottish Gaelic) it
      now means error.

Freagair lasairdhubh Sguir dhen fhreagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s