Dùn Èideann, an 27mh dhen Ghiblean

[NAIDHEACHD ÙR] Bidh a’ chuirm oidhche Shathairne a-nis air a’ bhàta The Cruz ann an Lìte.

Poster DE 2

Thèid Air Cuan Dubh Drilseach a chur air bhog ann an stoidhle punc ann an Dùn Èideann aig Cafe na Coille air an 27mh dhen Ghiblean.  Bidh na sàr ròcairean, Oi Polloi, an làthair, cuide ri ceòladairean bho Chomann Ceilteach Dùn Èideann.  Thigibh ann tràth, oir tha an cafe beag.  Tha e a’ dol a bhith às a rian!

Chaidh seo a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to Dùn Èideann, an 27mh dhen Ghiblean

  1. Sukie's avatar Thuirt Sukie:

    Caite a bheil Lauriston Place ann an Dùn Èideann?

    • lasairdhubh's avatar Thuirt lasairdhubh:

      ‘S e Lauriston Place an rathad a tha a’ ruith eadar Cros na Cìse agus Oilthigh Dhùn Èideann, seachad air Sgoil George Heriot agus air an t-seann ospadal. Tha 141 nas fhaisge air taobh Chros na Cìse dheth, dà chearnag air falbh.

  2. Sukie's avatar Thuirt Sukie:

    Moran taing. Bidh Sukie ann ma-ta!

    Tha mi a’ gabhail ris gum bi an leabhar ri fhaighinn air an oidhche?

  3. Sukie's avatar Thuirt Sukie:

    Moran taing, a Lasairdhuibh.

    Bidh e math leabhar caran eadar-dhealaichte mar seo a bhith ann.

    Suas le genres ura ann an ficsean Gaidhlig! Meall d’naidheachd.

Leave a reply to lasairdhubh Sguir dhen fhreagairt