Nuair a bha mi òg, bha trioblaidean ionnsachaidh agus trioblaidean leughaidh uabhasach orm, agus cha do thòisich mi leughadh idir gus an robh anns a’ chòigeamh bliadhna anns an sgoil, mu dhusan bliadhna a dh’aois. An uair sin, dh’ionnsaich mi leughadh uile ann an aon leum mhòr, agus chaidh mo leughadh bhon ìre kindergarten gu ìre na h-àrd-sgoile ann an aon bhliadhna acaidèamach. Is iongantach mar a tha an eanchainn ag obair — cha tuig mi carson a dh’ionnsaich mi anns an dòigh neònaich sin — ach sin na thachair.
Gu h-obann, land mi anns a’ chlas leughaidh a b’ adhartaich, agus dè thug iad dhuinn ri leughadh ach Dune le Frank Herbert. Mar sin, b’ e Dune a’ chiad leabhar a leugh mi nam bheatha, leabhar tomadach fada, còrr is 400 duilleag, le faclan doirbh agus cuspairean abaich, agus mar a bhite an dùil, thug e buaidh làidir orm agus greim air m’ inntinn nach do lagaich mòran rè nam bliadhnachan. Fiù ’s, chuala mi gun robh Herbert a’ dol a bhruidhinn làmh ri taigh mo phàrantan a’ bhliadhna sin, agus chaidh mi gu èisteachd ris. Bidh cuimhne agam air gu bràth, agus chun an latha an-diugh, ’s ann tric a bhios na h-ìomhaighean a chruthaich e anns an leabhar a’ ruith tro m’ eanchainn nuair a dhùisgeas mi anns an dorchadas.
Nuair a thàinig Dune a-mach a’ chiad uair, nodhaich e ficsean-saidheans cruaidh uile gu lèir ann an aon bheum. Sgrìobh Herbert mu chuspairean mar chumhachd, creideamh agus ceannas, cuspairean a bhiodh cumanta gu leòr ann am ficsean-saidhean sòisealta ann am meadhan na ficeadamh linne, dha leithid Nineteen Eighty-Four neo Brave New World, ach cuspairean nach nochdadh ach ainneamh ann am ficsean-saidheans cruaidh gu ruige sin. Dìleas do stoidhle an genre, chruthaich Herbert saoghal coimheach creideamhach air planaid(ean) eile, ach chan ann a-mhàin gun do innse e sgeulachd eachtrannach stèidhichte anns an t-saoghal sin, ach gun do chealchd e an saoghal a rinn e, agus na carataran ann, gus meòrachadh air cuid dhe na cùraman a bu mhotha a bhuair daoine ri linn a’ Chogaidh Fhuair.
Dh’fhàg Dune làrach mòr air an genre, agus chithear a bhuaidh air ficsein-saidheans chun an latha an-diugh, bho na nobhailean aig Iain M. Banks gu Star Wars. Mholainn fhìn gu mòr e, aig aois sam bith.
Aiste inntineach. Abair ciad leabhar airson leughadh. Am bi ‘An Cuan Dubh Drilseach’, coltach ri Dune, a thaobh chuspairean, neo stoidhle?
Gu dearbh, nochdaidh cuid dhe na h-aon cuspairean innte, gu sònraichte cumhachd agus ceannas. A thaobh stoidhle, chanainn gu bheil i nas fhaisge air saibeir-punk dha leithid a sgrìobh Philip K. Dick, le beagan opra-fànais coltach ri Iain M. Banks.
Tha mi a’ coimhead air adhart ri leughadh nuair a nochdas e.
De a’ chiad leabhar Gaidhlig a leugh thu? A bheil saibeir-punc ann an Gaidhlig mar tha?
‘S e a’ chiad leabhar a leugh mi ‘An t-Aonaran’ le Iain Mac a’ Ghobhainn agus tha sin fhathast am measg nan leabhraichean Gàidhlig as fheàrr leam. Cha chreid mi gu bheil saibeir-punc againn anns a’ Ghàidhlig fhathast. Sgrìobh Iain MacIlleathain ‘An Keppler’ a nochd anns ‘An Claigeann aig Damien Hirst’, ach chanainn gu bheil an sgeulachd sin nas fhaisge air ficsean-saidheans dorcha, is dòcha, ann an stoidhle co-dhiù. Bhiodh e inntinneach cluinntinn na chanadh Iain MacIlleathain fhèin mun cheist.
Moran taing. Bha Iain Mac a’ Ghobhainn na sgriobhadair fior mhath. Nuair a bha mi og, cha d’thuig mi cho math ’s a bha e! A thaobh ficsean-saidheans, chord ‘An Keppler’ le Iain MacIlleathain math rium. Agus leugh mi GPS le Padraig MacAoidh – sgeul eadar-dhealaichte a-rithist. Bhiodh e math cluinntinn mu dheidhinn sin cuideachd.
Pingback: Postair Dune | Air Cuan Dubh Drilseach