Category Archives: fànas

FMG = Fànas tro Mheadhan na Gàidhlig

A+ agus ceithir rionnagan!

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Peapagan Samhna aig NASA JPL

Saidheantairean rocaid a’ snaidheadh pheapagan ficsean-saidheans — Oidhche Shamhna shonna dhuibh! Via Laughingsquid.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Prepare to make the jump to lightspeed…

Mar a tha C-3PO ag ràdh, “It’s impossible to go to light speed,” ach chan ann air sàilleabh gu bheil an hyperdrive briste, ach air sàilleabh gu bheil e an aghaidh nan riaghailtean fiosaics a rèir na dàimheachd sònraichte aig … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Dihaoine…

′S e Dihaoine a th’ ann, tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, agus tha mi ga lorg cianail fhèin doirbh m’ aire a chumail air m’ obair.  Na h-àite, tha mi a’ coimhead a’ bhideò mheasgaichte seo suas gu 11 nam … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an ceòl, fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Iom-tharraing 3+

Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh Luathas-teichidh, a’ chiad chaibideil ann an ACDD a thàinig a-mach mar sgeulachd ghoirid an toiseach ann an SAORSA, rinn mi mòran rannsachaidh air mar a bhiodh e coltach a’ dol suas ann an rocaid, … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Neardan òga abù!

Tha an tionnsgnadh-saidheans aig Lauren Rojas air buaidh a thoirt air a h-uile tionnsgnadh-saidheans a bh’ ann a-riamh roimhe.  Chuir i Hello Kitty dha na speuran: abair gaisgeach!  Aig 1:30, chithear Bagh San Fran Siosgo gu soilleir, bho Ghleann Sileacoin gu … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas, SF | Sgrìobh beachd

Bàs na grèine

Thug am film goirid seo taise dha mo shùilean.  ’S ann mu bhàs na grèine a tha e, bho shealladh an robot-rannsachaidh againn, Voyager, billeanan de bhliadhnaichean anns an àm ri teachd.  Tha ar grian air a dhol na famhair … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Tochladh an rian-ghrèine

Nach eil an sanasachd gu h-àrd garbh coltach, ann an guth agus ann an teachdaireachd, ris an t-sanasachd a chuinnear air Blade Runner: “A new life awaits you in the off-world colonies — the chance to begin again in a … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Apollo 16 a’ togail oirre

B’ urrainn dhomh uairean a chaitheamh a’ coimhead seann bhideoan de rocaidean a’ togail orra, agus am fear seo am measg na cuid as fheàrr leam, san t-seann nòs, daoine le blas deasach air an rèidio agus am faothachadh a … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd