Author Archives: lasairdhubh

Steall!

Tha naidheachd air leth agam an-diugh: thèid iris litreachail ùr a chur air bhog aig deireadh na mìosa, iris litreachail Ghàidhlig, agus bidh rosg bhuamsa na broinn! Chan urrainn dhomh cus a ràdh aig an ìre seo, ach thig barrachd naidheachd … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 5 beachd(an)

The Celtic Sociolinguistics Symposium

Èireannachaibh! Bidh mi ann am Baile Átha Cliath an ath sheachdain, agus mar phàirt dhen cho-labhairt, The Celtic Sociolinguistics Symposium, bidh mi fhìn agus Alan Titley a’ bruidhinn mu sgrìobhadh agus foillseachadh ficsein anns a’ Ghàidhlig. ’S e tachartas gu … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Fèis Litreachais Dhùn Dè

Tha mi toilichte innse gum bi mi a’ nochdadh aig Fèis Litreachais Dhùn Dè am bliadhna, air an Dihaoine, 21 an Dàmhair, aig 11m ann an Talla a’ Bhanna, Oilthigh Dhùn Dè. Bidh mi air an àrd-urlar còmhla ri Matthew Fitt, fear a sgrìobh nobhail fhicsean-saidheans … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Na Balaich Bhiastail

An toiseach, cha robh mi cho dèidheil air na trailearan do Rogue One. Nuair a thàinig an trailear do The Force Awakens a-mach, choimhead mi iomadh uair e, agus bha mi air bhioran, ach cha robh an aon ireapais orm … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Akira 2016

Is gasta leam a’ bhideo seo. Tha i àlainn. Còmhla ri Blade Runner, bha Akira teis-meadhanach ann an stèidheachadh coltas lèirsinneach a’ genre ùr, saibeir-punc, anns na h-ochdadan. An seo, tha dithis air cuid dhe na seallaidhean as ainmeile anns … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Sluagh-thùsadh bhriathran

An-uiridh, sgrìobh mi post mun bhun-bheachd, adventure, mun àite aig adventure anns an nobhail nuaidh, agus mun trioblaid a th’ againn sa Ghàidhlig nach eil briathar grinn coiteanta againn a tha da-rìribh a’ riochdachadh a’ bhun-bheachd chudromaich sin gu ceart. … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 1 bheachd

Ruigidh Sinn Mars … as Gaeilge!

Uau! Coimheadaibh air na pòstairean snasail seo bho NASA (le taic bho NÓS), as Gaeilge. Nach iad a tha àlainn. Via Greg, Taing!

Air a phostadh ann an fànas | 1 bheachd

Saorsa agus litreachas ùr na Gàidhlig

Tha Mark Ó Fionnáin air alt smaoineachail fhoillseachadh a tha a-mach air ACDD, agus na chois, rinn e meòrachadh air an t-saorsa a bheir litreachas nuadh dhan Ghàidhlig. ’S e an tràchdas aig Ó Fionnáin gun leudaich litreachas ùr a’ … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

#FÈISLITALBA

Ma chaill sibh an còmhradh eadar Meg is mi fhìn, seo e air youtube. Saoilidh mi gun deach e uabhasach math. Chì sibh na ceitean aig Google Hangout. Ar taing do #fèislitalba, do Laura a chuir air dòigh e, agus do … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

#SCOTLITFEST

Tha mi gu math toilichte innse gum bi mi fhìn is Meg Bateman a’ nochdadh aig tachartas ùr-nodha, Googlehangout aig #SCOTLITFEST. Cha do rinn mi a leithid a-riamh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a bhios e … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 3 beachd(an)