Tha seo togarrach, agus na iongnadh beagan cuideachd. Fhuair mi post-d bho Wilson McLeod greis bheag air ais, a’ faighneachd am bithinn deònach nan nochdadh earrann bho ACDD ann an leabhar-cruinneachaidh a bha e a’ deasachadh, agus thuirt mi gu dearbh gum bithinn, an dùil ge-tà, leis mar a bhios cùisean a’ gluasad cho slaodach anns an t-saoghal-fhoillseachaidh, gun nochdadh an leabhar an ceann bliadhna no trì, ach seo sanas dheth, ag ràdh gum nochd e anns an t-Sultain. Tha sin sgoinneil! Cha robh mi eòlach air an t-sreath seo, ach is coltach gum bi Francis Boutle a’ foillseachadh chruinneachaidhean mar seo ann an iomadh mion-chànan Eòrpach. Chaidh am fear Gàidhlig a dheasachadh le Wilson agus le Michael Newton. Chan eil cus fiosrachaidh anns an t-sanas mu na pìosan eile a nochdas ann, ach tha mi da-rìribh a’ dèanamh fiughair ris. Is coltach, ma cuirear òrdugh a-steach an-dràsta, gum faighear lasachadh beag anns a’ phrìs.
Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean
- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom
- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD
Roinnean-seòrsa
- ceòl (31)
- corpas ficsean-saidheans (16)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (87)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (126)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (5)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.