Tha mi air ais anns na Stàitean greis, agus mar sin, nas mothachail air an iomadh rud mu na daoine agam fhìn nach tuig mi. Tuigear, aig ìre inntleachdail, gu bheil gràin-chinnidh fighte gu domhainn ann an eachdraidh agus sructar a’ chomainn againn anns na Stàitean, agus tuigear cuideachd mòran dhe na factaran sòisealta, eaconamach is poilitigeach a lean chun an t-suidheachaidh far a bheil geal-cheannsalaiche againn mar phrìomhaire, ach fhathast, thig forc-eanchainn orm nuair a chì mi dàta mar seo (deas), a sheallas gum bi faisg air an dàrna leth de na Poblachdaich gheala anns na Stàitean air an sàrachadh nuair chluinneas iad cànan eile seach a’ Bheurla mun cuairt orra. Smaoinich: dìreach nuair a chluinneas iad cànanan eile; cha b’ ann nuair a bhruidhneas cuideigin cànan eile riutha, ach a-mhàin, nuair a chluinneas iad cànan sam bith seach a’ Bheurla mun cuairt orra. Do-chreidsinneach. Ciamar a tha na daoine seo beò? Tha na Stàitean Aonaichte am measg nan dùthchannan às iom-chànanaich ann an saoghal na Beurla, le faisg air 20% de na teaghlaichean a’ bruidhinn cànan eile seach a’ Bheurla aig an taigh. Cha tèid thu àite sam bith an seo gun cànanan eile a chluinntinn. Tha iad dìreach san àile mun cuairt ort fad na h-ùine, agus ’s e sin am measg nan rudan as fheàrr leam mu thighinn air ais gu dùthaich m’ àraich òig, an t-ioma-chànanas a chluinneas mi anns a h-uile àite. Ach na daoine ann an uaine gu h-àrd — dè tha ceàrr orra?
Tùs: Americans See Advantages and Challenges in Country’s Growing Racial and Ethnic Diversity, Pew Research Center.