
Mmmm, is toil leam ciom-tì. Tha mi beò air an stuth. Teth, saillte, agus tòrr Lactobacillus beò. Nuair a bha mi òg an Seattle, b’ àbhaist dhomh torran ciom-tì ithe mus do thuig mi nach robh an stuth traidiseanta buileach glasrach. (Gu traidiseanta, cuirear annlan-èisg ann.) Mar sin, nì mi fhìn e a-nis, agus seo an reasabaidh agam. ’S ann do chiom-tì luath a tha i, stuth a bhrachas tu fad 3-4 latha agus a chumas tu anns an fhuaradair.

Grìtheidean:
Glasraich:
1 punnd de chàl (Càl Sweetheart no càl sam bith eile a thogar)
1/2 uinnean air a shliseadh ann an siallan
Blasan:
3/4 spàin mhòr de shalainn gharbh (salainn phiclidh, Kosher no salainn na mara neo-fhinichte, gun aidhiodain; ma chleachdar salainn mhìn seach gharbh, cleachdaibh nas lugha dhith)
1 spàin mhòr de paprika milis (seach teth)
1 spàin bheag de mhin chipotle, a rèir blas
1/4 spàin bheag de mhin dinnseir no 1/2 òirleach de dhinnsear ùr air a ghearradh gu mìn
1/2 spàin bheag de mhin chreabha no 2 chlobha chreabha air a ghearradh gu mìn.

An toiseach, meidhich an càl agus iomadaich an reasabaidh mar as iomchaidh. Cothlaim na blasan ann am mias mòr.

Nigh an càl agus geàrr ann an steallan 1/2 òirlich. (Na cleachd an cuairsgean.)

Slis an t-uinnean ann an siallan.

Cothlaim an càl, an t-uinnean agus na blasan.

Dinn a h-uile rud fo chuideam fad trì uair a thìde.
Chì thu an dòigh agam fhìn an seo →
Chleachd mi prais a theachdas anns a’ mhias, le searrag làn uisge air a muin.
Gach uair a thìde, cothlaim a-rithist e.
Bidh an salainn a’ tarraing sùgh às a’ chàl anns an ùine seo.
An dèidh trì uairean, dinn an ciom-tì ann an sileagan no dhà, gus an tig an sùgh os cionn ìre a’ chàil.
Chan eil thu ag iarraidh an sileagan a lìonadh ro làn; nas lugha na 3/4 làn aig a’ char as motha.
Fàg an ciom-tì ri brachadh ann an àite blàth fad trì no ceithir latha, gus am fàs e searbh.
Gach latha, fosgail an sileagan agus dinn an ciom-tì sìos a-rithist, a’ bruthadh nam builgeanan CO² às agus a’ cur a’ chàil air ais fon t-sùgh.
Na teannaich am muilleach cus; feumaidh an CO² faighinn às dòigh air dòigheigin.
Aon uair ’s gu bheil e math is searbh, cuir anns an fhuaradair e agus ith do leòr!!




